Naidheachdan > 2009

26 Faoilleach 2009

CELTIC CONNECTIONS 2009 – AIR BBC ALBA

Tha Celtic Connections air tilleadh a Ghlaschu agus, am-bliadhna, tha e comasach a’ chuid as fheàrr dhen fhèis fhaicinn ann an sreath de cheithir prògraman air BBC ALBA, sianal telbhisein Gàidhlig ùr na h-Alba.

Tha Bees Nees Media air pasgan sònraichte Celtic Connections 2009 a’ chlàradh, do BhBC ALBA, air a bheil ‘Cuirm @ Celtic’, a’ tòiseachadh air ciad oidhche na fèise, le Julie Fowlis na preasantair, agus ga chraoladh Disathairne 31 Faoilleach.

Cuirm @ Celtic: An Ceangal ri Ceap Breatainn: 31 Faoilleach
Leis gur e toiseach Bhliadhna Tilleadh Dhachaigh na h-Alba a tha seo, dè bhiodh na b’ fheàrr gus an fhèis a chur air bhog na bhith a’ cur fàilte air taghadh farsaing de luchd-cìuil Cheap Breatainn, an t-eilean Canaidianach àlainn far an do lorg Albannaich ’s an ceòl dàrna dachaigh.

Còmhla ri ar luchd-tadhail à Ceap Breatainn, bidh iomadh ceòladair Albannach ann a nochd thall aig an fhèis ‘Celtic Colours’. Nam measg bith Màiri Sìne NicLaomainn, The Barra MacNeills, Jerry Holland agus fada a bharrachd.

Cuirm @ Celtic: Oidhche na Cèilidh: 7 Gearran
Air an dàrna prògram aig BBC ALBA gheibhear a dhà uiread dhe na seinneadairean as fheàrr air a’ Ghaidhealtachd. Ann an Cèilidh Uibhisteach thràidiseanta bidh cuid de sheinneadairean as comasaich an Eilein, a’ gabhail a-steach Gillebrìde MacIlleMhaoil, Mairead Challan, Màiri NicAonghais is Pòl MacCaluim. An uair sin bidh Caitlin NicAonghais agus Norrie MacÌomhair air aoigheachd an t-seisein Ghàidhlig ‘Ceòl is Craic’, is an dithis aca a’ compàirteachadh gus ceòl iongantach a thabhann.

Cuirm @ Celtic: Salsa Celitca: 14 Gearran
Na mheasgachadh beothachail de sgil is neart, tha am pòsadh de spiorad Aimearaga Laideannaich agus ceòl traidiseanta Albannach ’s Èireannach air drùidheadh gu mòr air luchd-amhairc fèisean Ceilteach, jazz, ciùil dhomhanta is salsa air feadh an t-saoghail.

Air eagrachadh gu sònraichte do Celtic Connections 2009, ann an ‘Còmhlan Mòr Mòr Salsa Celtica’ tha grunn luchd-ciùil ris an do choinnich iad nuair a bha iad a’ siubhail maille ri seinneadair Gàidhlig, Julie Fowlis, a’ cluich taghadh de cheòl gu tur ùr agus dreachan beothail de sheann rianan.

Cuirm @ Celtic: Dàimh & Moonlighting: 21 Gearran
Co-thachartas ris a bheilear a’ dèanamh an fhiùghair, ma dh’fhaoidte, as motha san fhèis. Chan fheum luchd-leantainn ceòl na h-Èireann ach liosta rionnagan Moonlighting a leughadh – Michael McGoldrick, Ciaran Tourish is Dermot Byrne às Altan, neach-giotàir a b’ àbhaist a bhith an Solas, John Doyle, agus John Joe Kelly à Flook, agus bidh iad air bhioran gun teagamh sam bith!

"If only all boy bands sounded like Dàimh!" mhiannaich an West Highland Free Press ann an lèirmheas o chionn ghoirid air a’ bhuidheann ro-thàlanta seo, a bhios na h-innealan-ciùil cumhachdach aca – an fhidheall, a’ phìob, fìdeagan, banjo, giotàr agus bòdhran, a’ cluich mu seach le seinn bhinn Chaluim Ailig Mhic a’ Mhaolain.

Thèid na sàr phrògraman measgaichte seo bho Celtic Connections 2009, Cuirm @ Celitc, a chraoladh air BBC ALBA Disathairne 31 Faoilleach aig 22:00 agus gach Disathairne às a dhèidh sa Ghearran. Gheibhear BBC ALBA air sianal 168 Sky agus air sianal 110 Freesat.