Naidheachdan > 2009

5 Dàmhair 2009

CEÒL COUNTRY AIR AIS AIR BBC ALBA

Tha Ceòl Country a’ tilleadh gu BBC ALBA le sreath ùr far am faicear ceòl dùthchail a ‘tighinn beò bho fèisean Nashville a Tuath ann an Gallaibh agus Fèis Ceòl Creetown a chaidh air adhart ann an Dùn Phris. Thèid an sreath ur, a chaidh a dhèanamh le mneTV, fhaicinn air BBC ALBA bho Dimàirt 20mh Dàmhair aig 9f.

The Jacks
The Jacks ann an Gallaibh

Tha an dà fhèis a’ tarraing sluagh mhòr agus cluicheadairean agus seinneadairean ainmeil bho air feadh an t-saoghal agus chìthear an dà fhèis air telebhisean airson a chiad uair.

Anns a chiad phrògram chìthear an Fhèis Ceòl Dùthchail Nashville a Tuath a chaidh air adhart ann an Gallaibh le ceòl bho Michelle Wright (Canada), Robert Mizzell (Ameireaga) agus Eamonn McCann a Èirinn. Tha tiocaidean a-nis ri fhaighinn airson Fèis Nashville a Tuath 2010 far am bith Rick Trevino agus Leona Williams am measg na bhios a ‘gabhail pàirt.

Sunny Brooks
Sunny Brooks (Còmhlan Òigridh Inbhir Ùige)

Thuirt Christine Gray, Neach-Caithreach Buidheann Ceòl Nashville a Tuath “Tha an fhèis againn a fàs a h-uile bliadhna agus tha sinn uamhasach toilichte gu bheil cothrom againn an fhèis a ‘thoirt gu aire sluagh air feadh an t-saoghal a-nis tro BBC ALBA.

Thuirt Alan Esslemont, Ceann Phrògraman BBC ALBA “Tha sinne toilichte a bhith ag obair còmhla ri mneTV agus na fèisean ceòl dùthchail airson an ceòl seo agus blas air na prìomh fèisean a thoirt do BBC ALBA. Tha BBC ALBA gu mòr airson ceòl de gach seòrsa a ‘thoirt don sianal agus tha sinn air seo a dhèanamh bhon toiseach. Bheireadh Ceòl Country blas do luchd-coimhead BBC ALBA air na tha ri fhaighinn aig tachartasan ceòl dùthchail beò ann an Alba”
A measg na bhios air prògraman eile ann an sreath ùr, chìthear Mike Bella, Heather Myles agus Fiddler Adam, a bharrachd air còmhlain Albannach mar The Jacks agus Slange Ava agus còmhlain mar Buchanan, Lazy Dog agus Root’n Toot’n,

Tòisichidh Ceòl Country air Dimàirt 20mh Dàmhair aig 9f le prògram uair a thìde gach seachdain thairis air sia seachdain le ath-chraoladh air Didòmhnaich aig 9f. Gheibhear BBC ALBA air Sky 168 agus air Freesat 110 agus air BBC iPlayer