28 Cèitean 2009

MG ALBA A’ TOIRT TAIC DO CHALLENGE CUP 2009

Tha MG ALBA air dearbhadh gum bith iad a’ toirt taic do farpais Challenge Cup aig Lìog Ball-coise na h-Alba ann an 2009. Chaidh seo ainmeachadh aig Pàirc Hampden an diugh (Diardaoin 28th Cèitean) far an deach taghadh a‘ dhèanamh airson a’ Chiad Chuairt den fharpais.

Tha an fharpais air a bhith a’ dol airson 19 bliadhna, agus ‘se seo an dàrna bliadhna de thaic bho MG ALBA. A rithist am bliadhna ‘sa bith an geama deireannach agus aon gheama san iar-chuairt dheireannach gan craoladh air BBC ALBA. Is e co-bhanntachd eadar MG ALBA agus am BBC a tha ann am BBC ALBA.

Chuir Alasdair Moireasdan, Cathraiche MG ALBA, fàilte air an naidheachd ag ràdh “Bha sinn air leth toilichte an t-aonta seo le Lìog Ball-coise na h-Alba a chur air dòigh airson farpais 2009, a tha a’ toirt cothrom do BBC ALBA geamannan bhon ALBA Challenge Cup a chraoladh gu nàiseanta. Tha e na chuideachadh dhan amas againn a bhith a’ brosnachadh na Gàidhlig aig ìre nàiseanta agus aig ìre choimhearsnachd gu bheil sinn ag obair còmhla ri com-pàirtiche nàiseanta mar Lìog Ball-coise na h-Alba. Bidh craoladh geamannan ALBA Challenge Cup cuideachd a’ toirt cothrom don luchd-amhairc na sgiobaidhean aca fhaicinn air an telebhisean tro mheadhan na Gàidhlig.”

A’ bruidhinn as leth Lìog Ball-coise na h-Alba, thuirt David Longmuir, an t-Àrd Oifigear, “Tha sinn glè thoilichte fàilte a chur air MG ALBA aon uair eile, a bhios a’ toirt maoin agus ainm dhan Challenge Cup. Bha e daonnan mar amas againn ìomhaigh na farpais adhartachadh agus cothroman craolaidh a lorg air a son gus aire dhaoine a thoirt gu spiorad coimhearsnachd na farpais. Tha an com-pàirteachas seo a’ nochdadh ceangal eadar amasan coimhearsnachd na da buidhne agus tha e a’ ciallachadh gun tèid dà gheama gu math cudromach a chraoladh.”

Is e MNE Media a bhios a’ clàradh geamannan ALBA Challenge Cup 2009 mar phàirt den phasgan fharsaing de phrògraman a tha a’ chompanaidh a’ dèanamh airson BBC ALBA. Thuirt Stiùiriche MNE Media, Ailean Dòmhnallach, “Tha com-pàirteachas mar seo eadar craoladairean, companaidhean riochdachaidh agus buidhnean spòrs math airson a’ ghnìomhachais chraolaidh ann an Alba agus airson luchd-amhairc is luchd-leantainn spòrs. Tha e na thoileachas mòr dhomh gu bheil MNE Media an sàs anns an obair seo aig àm a tha cho brosnachail airson a’ ghnìomhachais, a’ toirt cothrom dhuinn barrachd spòrs a chlàradh agus a chraoladh.”

Gheibhear toraidhean bho taghadh an diugh aig www.scottishfootballleague.com