Naidheachdan > 2009

23 Màrt 2009

CEÒL DÙTHCHAIL GHALLAIBH A’TIGHINN GU BBC ALBA

Airson a’ chiad uair riamh thèid Fèis Ceòl Dùthchail Ghallaibh a’ chraoladh air telebhisean am bliadhna sa.

Tha BBC ALBA air dearbhadh gu bheil iad gu bhith a’ clàradh ceòl bhon Fhèis a bhios a’ dol air adhart ann an Halkirk thairis air àm na Càisg (10mh-12mh Giblean). Thid an tachartas a’ chlàradh le MNE Media airson BBC ALBA.

Se Club Ceòl Dùthchail Nashville Ghallaibh a bhios a’ ruith na Fèise agus se seo an siathamh bliadhna den Fhèis a tha a’ tarruing luchd-coimhead, seinneadairean agus luchd-cìuil as gach ceàrnaidh den t-saoghal.

Bidh còmhlain a Canada, Na Stàitean Aonaichte, an Òlaind, Èirinn agus Alba aig an Fhèis a bhios cuideachd a’ toirt cothrom dha luchd-cìuil ionadail mar Na Jacks agus Manson Grant agus Na Dynamos. A bharrachd air na còmhlain ainmeil tha àite cuideachd ann airson sgoilearan bho Àrd Sgoil Inbhir Theorsa agus Còmhlan Òigridh Inbhir Uige.

A’ bruidhinn as leth Club Ceòl Dùthchail Ghallaibh thuirt Cairistiona Gray, Neach-Cathrach na buidhne “Se naidheachd miorbhuileach a tha seo gu bheil an Fhèis againn gu bhith air BBC ALBA. Tha sinn fìor thoilichte gum bi cothrom aig barrachd luchd-coimhead an fhèis fhaicinn tro BBC ALBA”

Thuirt Alan Esslemont, Ceannard Phrògraman BBC ALBA “Tha sinn uabhasach toilichte a bhith ag obair ann an co-bhanntachd le MNE agus Club Cèol Dthchail Ghallaibh airson an fhèis chudthromach seo a’ thoirt gu BBC ALBA. Bhon toiseach tha BBC ALBA air a bhith a’ feuchainn ris an ceòl as fhearr a thoirt chun an sianal agus tha seo mar eisimpleir math air sin”.

Chuir Comhairliche Bill Fernie (Inbhir Uige) fàilte air an nàidheachd ag radh “Tha an Fhèis Ceòl Dùthchail a fàs a h-uile bliadhna agus tha e againn mar aon de na prìomh tachartasan anns a sgìre againn fhèin. Tha an fhèis cuideachd air daoine a’ thoirt còmhla bho air feadh an t-saoghal agus tha e coltach gu bheil e gu bhith fàs anns na bliadhnaichean a tha romhainn”