Naidheachdan > 2009

16/07/09

COTHROM AIR MA SGRÌOBHADH FICSEAN AIRSON TELEBHISEIN

A’ leigeil cuideam air an dealas a th’ aig MG ALBA airson tàlant Gàidhlig a chur air adhart ’s a leasachadh, tha MG ALBA a’ tabhann cothrom do sgrìobhadair fortanach aig a bheil Ghàidhlig clàrachadh air a’ chùrsa iomraiteach ann an Oilthigh Caileadonach Ghlaschu, MA ann an Sgrìobhadh Ficsean airson Telebhisein.

Tha an cothrom goistidheachd seo luach £15,000 gu lèir, agus a’ gabhail a-steach chìsean cùrsa agus chosgaisean a bhios uile air am maoineachadh le MG ALBA.

Bidh an cùrsa, nach eil fosgailte ach do 12 oileanaich, a’ cur gu feum air cuid dhe na daoine as tàlanta ann an sgrìobhadh cruthachail san Rìoghachd Aonaichte agus thall thairis agus bidh e ag uidheamachadh gach neach a tha an sàs ann leis na sgilean a tha a dhìth airson dreuchd shoirbheachail mar sgrìobhadair sgriobtan telebhisein.

Ma tha thu ag iarraidh tuilleadh fhaighinn a-mach no cur a-steach airson a’ chùrsa, cuir fios gu Katie NicLeòid aig MG ALBA air 0141 301 1774 no tro phost-d katie.macleod@mgalba.com