Naidheachdan > 2009

7 An t-Sultain 2009

STIÙIRICHE CLIÙITEACH, MICHAEL HINES, AIR CEANN BÙTH-OBRACH FILMEADAIREACHD SAN EILEAN SGITHEANACH

Is mòr a shoirbhich leis a’ bhùth-obrach deireadh-seachdaineach aig FilmG a ghabh àite aig Sabhal Mòr Ostaig san Eilean Sgitheanach air Disathairne 5 agus Didòmhnaich 6 Sultain. Bha còrr is 23 filmeadairean ùra èasgaidh an làthair.

Michael Hines
Stiùiriche Michael Hines

’S e an stiùiriche cliùiteach dhràma is chomadaidh Michael Hines, a stiùirich Still Game agus River City, fear den luchd-oide a bha ann airson a chuid eòlais agus ealantais a thoirt seachad.

Chuir sgioba FILMG, ann an com-pàirteachas le Oilthigh Taobh Siar na h-Alba (UWS), fàilte cheudna air Stuart Hepburn mar oide aig a’ bhùth-obrach. Tha Stuart na chleasaiche, na sgrìobhaiche-sgriobta agus na òraidiche aig UWS fhèin.

’S e co-fharpais fhilmichean goirid nam meadhanan Gàidhlig aig MGALBA a th’ ann am FilmG agus, chaidh a cur air bhog an-uiridh airson tàlant ùr cruthachail a thoirt am follais ’s a bhrosnachadh gus cothroman ann an gnìomhachas nam meadhanan Gàidhlig a ghabhail.

A bruidhinn as deidh làimh thuirt Mìcheal Hines “Chòrd e rium cianail fhèin math a bhith a’ teagasg air a’ chùrsa seo. Bha miann cho mòr aig na h-oileanaich bhith ag ionnsachadh ’s gu robh an t-àite fìor bheothail feadh na deireadh-seachdaine.”

Am bliadhna agus còmhla ri Michael Hines, thill na h-oidean proifeiseanta Amanda Millen, a tha an dà chuid na manaidsear leasachaidh sna Gnìomhachasan Film & Craolaidh aig Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean, Becky NicThòmais a tha na clàraiche fuaim, fear-camara Keith Ingram agus Màiri ‘Ord’ NicCoinnich a tha na co-òrdanaiche riochdachaidh.

B’ e amas bùth-obrach na deireadh-seachdaine bun-ionnsachaidh a thoirt do dh’fhilmeadairean ùra air ciamar a nithear film goirid a tha eadar trì is còig mionaidean a dh’fhaid. Dh’amais e cuideachd air a bhith gam brosnachadh gus na pròiseactan aca fhèin a ghabhail os làimh. Chan e a-mhàin gun tugadh sgilean ùra dhaibh, ach thug an deireadh-seachdain an cothrom do luchd-frithealaidh a’ chùrsa beachdachadh còmhla ri chèile agus eadhon a bhith a’ co-obrachadh còmhla .

Bhon a ghlèidh 12 de chom-pàirtichean na bliadhna mu dheireadh duaisean ann am FilmG 2008, agus air sgàth uiread de dh’ùidh a thogadh aig a’ bhùth-obrach, thathas an dòchas gum bi buidheann na bliadhna-sa, a’ cheart cho soirbheachail, mura h-eil e nas fheàrr.

Bha Annette Kerr na h-oileanach aig na bùithtean-obrach ann an 2008 agus bha i ann an dàrna àite anns an roinn aithriseach aig duaisean FilmG:

“An-uiridh b’ e nì gu tùr ùr dhomh a bh’ ann am filmeadaireachd, mar sin b’ e rud math dha-rìreabh a bh’ ann dhomh na bùithtean-obrach fhrithealadh a-rithist ach an cuirinn leasachadh ri mo chuid sgilean agus eòlas air daoine feumail. Tha mi air bhioran is fadachd orm film eile a dhèanamh agam fhèin!”

Bidh FilmG a’ cumail tuilleadh bùithtean-obrach thairis air na seachdainnean seo tighinn, a’ gabhail a-steach làithean sgeulachd agus sgriobtaichean, agus bùithtean-obrach beul a’ chamara do luchd-labhairt na Gàidhlig.

Chuir FilmG air bhog TàlantG am bliadhna, an iomairt ùr a tha ag amas air filmeadairean gun Ghàidhlig a thàladh a-steach chun na co-fharpais. Tha stòras de luchd-labhairt na Gàidhlig ann an TàlantG a tha deònach taic a chumail ris na filmeadairean aig nach eil Gàidhlig a thaobh nithean àraid ceangailte ri an cuid filmichean.

FilmG students
Oileanaich FilmG Margaret Jane Mason agus Duncan Berndt ag obair ris a chamara