Naidheachdan > 2009

29 Giblean 2009

BAGH A’ CHAISTEIL A’ COMHARRACHADH DUAIS FILMG AIG
CUR-AIR-BHOG NA CO-FHARPAIS FHILMICHEAN GOIRID 2009


Thàinig sgoilearan Àrd-sgoil Bhagh a’ Chaisteil an cuideachd neach-lìbhrigidh BBC ALBA Fiona NicCoinnich airson FilmG 2009 a chur air bhog, a’ cho-fharpais innleachdach fhilmichean goirid Gàidhlig air-loidhne aig MG ALBA, rè oidhche chomharrachaidh aig Àrd-sgoil Bhagh a’ Chaisteil ann am Barraigh.

Castlebay

Nochd preasantair BBC Radio nan Gàidheal, Janice Ann NicAoidh, mar aoigh shònraichte air an àrd-ùrlar is bhruidhinn i ris na buannaichean airson a’ phrògraim òigridh mhòr-chòrdte, Aileag.

Thug MG ALBA duais seachad do na sgoilearan airson an fhilm-ghoirid aca, ‘An Dùsgadh’, a choisinn an duais Film as Fheàrr sa bhuidhinn Daoine Òga anns a’ chiad cho-fharpais. Ri linn fìor dhroch shìde cha do dhearg sgoilearan Bhagh a’ Chaisteil air tighinn a dh’Inbhir Nis sa Ghearran airson cuirm dhuaisean FilmG. Na àite, chaidh an soirbheachadh a chomharrachadh ann an cuirm àraidh san sgoil an-raoir.

Castlebay

Thuirt Alasdair Moireasdan, Cathraiche MG ALBA: “Tha mi air mo dhòigh an duais Film as Fheàrr a thoirt seachad do sgoilearan Àrd-sgoil Bhagh a’ Chaisteil. Bha e fìor dhuilich nach robh e comasach dhaibh tighinn chun na prìomh oidhche dhuaisean ach ’s e adhbhar toileachais a th’ ann dhomhsa gun urrainn dhaibh ar cuideachadh gus FilmG 2009 a chur air chois, is e a-nis fosgailte airson inntrigidhean.

Tha a’ cho-fharpais FilmG ag amas air tàlant cruthachail ùr fhoillseachadh airson BBC ALBA. Bha mi dhà-rìribh air mo mhisneachadh le inbhe nam farpaiseach an-uiridh agus bha a h-uile duine a tha an sàs san t-sianal ro thoilichte mu na bh’ ann de thàlant cruthachail ann an coimhearsnachd nan Gàidheal. ’S e cuspair FilmG 2009 ‘Gaisgeach’, abair cuspair freagarrach airson ar linne agus ’s cinnteach gun tig curaidhean na Gàidhlig agus seòid nam meadhanan Gàidhlig airson an ama ri teachd gu bàrr ann an co-fharpais na bliadhna-sa.”

Arsa Iain MacIllEathain, Riochdaiche Whisky Galore Film Eta, a tha air dreach ùr de Whisky Galore a chur air dòigh: “Tha e mìorbhaileach an uiread seo de thàlant cruthachail fhaicinn a’ toirt spionnadh do fhilmeadaireachd sna h-Eileanan Siar is an coimhearsnachd na Gàidhlig air feadh Alba. Tha mi làn chinnteach gum bi inntrigidhean na bliadhna an-uiridh nam brosnachadh do na filmeadairean falaichte no aithnichte mar-thà a chì sinn ann am FilmG 2009.”

Tha làrach-lìn FilmG a-nis beò, le fiosrachadh slàn mu cho-fharpais na bliadhna-sa agus mar a chuireas tu a-steach thuice. ’S e an ceann-là airson inntrigidhean 20 Samhain 2009. Bidh a’ cho-fharpais a’ tabhann cobhair trèanaidh is leasachaidh ann an cruth teagaisg air-loidhne agus bhuidhnean-obrach san Eilean. Thèid cunntas air an seo a chur air an làraich-lìn tràth sa Chèitean.

B’ e FilmG 2008 a’ chiad cho-fharpais fhilmichean goirid Gàidhlig air-loidhne aig MG ALBA. Shoirbhich leis a’ cho-fharpais gu mòr, a’ tàladh còrr is 50 inntrigeadh agus a’ lorg tàlant air leth drùidhteach is filmichean a’ tighinn bho àiteachan cho fada air falbh ri Canada is Alasga.

Ach bha a’ Ghaidhealtachd is na h-Eileanan gu sònraichte làidir a thaobh inntrigidhean. Am measg bhuannaichean anns a’ bhuihdinn Daoine Òga bha Àrd-sgoil Phort Rìgh airson ‘Suirighe air aste = Disaster!’, agus choisinn sgoilear à Àrd-sgoil Mhalaig, Megan NicIllFhaolain, Cluich as Fheàrr airson ‘An Rathad Dachaigh’. Chaidh Film as Fheàrr sa ghnè Inntrigeach Ùr gu stiùiriche stèidhte an Inbhir Nis, Seònaid NicDhòmhnaill, airson ‘Oidhche Shathairne’ agus fhuair stiùiriche bho Ghlaschu is Uibhist a Tuath, Ùisdean Moireach, an duais am measg Phrofeiseantach airson ‘Siùbhlachan’.

Bha a’ cho-fharpais fosgailte do na h-uile os cionn 12 bliadhna a dh’aois gus filmichean goirid eadar trì is còig mionaidean a dhèanamh sa Ghàidhlig. Chaidh daoine aig nach robh a’ Ghàidhlig no a bha ga h-ionnsachadh a bhrosnachadh gu mòr gus pàirt a ghabhail agus an cànan a chleachdadh ann am pròiseact cruthachail. Fhuair an iomairt taic agus cuideachadh bho phroifeiseantaich às a’ ghnìomhachas fhilmichean nam measg stiùirichean a choisinn BAFTA, Don Coutts agus Annie Griffin, agus rionnag Still Game agus Eilbheas, Greg Hemphill.

Gabhaidh na filmichean a bhuannaich agus inntrigidhean fharpaiseach gu lèir ann am FilmG 2008 fhaicinn aig www.filmg.co.uk