AIR AIS
TASGLANN NAIDHEACHDAN
2010
2009
Bhliadhna nan Òran
Bhotadh FilmG
Trad Music in the Media
Ball-coise SPL Beò
Siùbhlachan aig Feis Film
Ceangalan Eadar-nàiseanta tro Naidheachdan BBC ALBA
Urras a’ BhBC
Geàrr-liosta duaisean BAFTA
Litir Naidheachd Dàmhair
Farpaisean Chon-chaorach
Ceòl Country
Mòd 2009 beò bhon Òban
ALBA Challenge Cup 2009
Clàr-phrògraman an Fhoghair
FilmG - Stiùiriche Cliùiteach
Breab air tilleadh
St Kilda
Tattoo Hebrides
Farpaisean Nàiseanta Chon-chaoraich
Celtic V Dinamo Moscow
Aodann Ùr
TalantG
Actors Cut
MA Sgrìobhadh Ficsean airson TV
Siubhlachan
Challenge Cup 2009
Shinty Coverage
FilmG 2009/10
Ladies Cup Final
Madame Ecosse
Hardeep Singh Kohli
Celtic Media Festival
Thomas Telford
Sinne is Alba
Soillse - The Black Starlets
Country Music
Partick Thistle V Dundee
Sir Jackie Stewart
Newsletter March
Alex Norton
Shinty
FilmG Awards
Newsletter February
Robert Burns
Celtic Connections
SFA Football
Tadhal Phadraig
BAFTA New Talent
Rapal
Newsletter January
2008
9 Gearran 2009
MG ALBA A’ MOLADH TÀLANT ÙR AIG CIAD CHUIRM DHUAISEAN AIRSON FHILMICHEAN GÀIDHLIG
Mhol MG ALBA an-diugh (Diluain 9 Gearran) na bh’ ann de thàlant ùr a’ tighinn am bàrr ri linn na chunnacas ann am FilmG, a’ cho-fharpais fhilmichean goirid Gàidhlig air-loidhne, a chaidh a chur air chois gus spionnadh a thoirt dhaibhsan a dh’fhaodadh obair ann am BBC ALBA.
Bha a’ cho-fharpais air leth soirbheachail, a’ tàladh còrr is 50 inntrigeadh sàr-mhath agus a’ taisbeanadh na h-uiread de mhacmeanma is cruthachaileachd ann an gnìomhachas nam meadhanan Gàidhlig. Ghabh cuirm nan duaisean àite aig Cùirt an Aodainn (Eden Court), Inbhir Nis (Dihaoine 6 Gearran).
Thuirt Alasdair Moireasdan, Cathraiche MG ALBA: "Sa chiad cho-fharpais FilmG b’ ann a bha sinn a’ cuimseachadh air tàlant cruthachail a chur am follais do BhBC ALBA. ’S urrainn dhomh a ràdh gun d’ fhuair mi a leithid de thlachd às an fhèill mhòir a bh’ air an iomairt agus às an àireamh de dh’fhilmichean goirid ùra sa Ghàidhlig a tha a-nis rim faicinn air-loidhne.
"Mo mheal-an-naidheachd orrasan a bhuannaich agus taing mhòr do dh’fharpaisich gu lèir às gach gnè. Chòrd a h-uile film rinn agus tha coltas brosnachail dà-rìribh air làithean ri thighinn nam meadhanan Gàidhlig mar thoradh na misneachd is a’ chomais a chaidh fhoillseachadh air feadh FilmG, às an dùthaich-sa agus à thall thairis".
B’ iad buannaichean nam prìomh dhuaisean:
A bharrachd air sin, thèid an dà fhilm às fheàrr sa ghnè ‘inntrigidhean ùra’ a chur air adhart gu Duaisean Tàlant Ùr na h-Alba BAFTA 2009; ‘Oidhche Shathairne’ le Seonaid NicDhòmhnaill agus ‘Cha b’ e Ruith ach Leum’ le Rachel Sandilands agus Gary Dewar.
A’ bruidhinn aig cuirm nan duaisean, chaidh a ràdh le Ministear Cultair Linda Fabiani: "’S e sàr iomairt a th’ ann am FilmG le MG ALBA a tha a’ sònrachadh an tàlant is a’ mhacmeanma a th’ againn an Alba. Tha co-fharpaisean dhe leithid a’ toirt cothrom do dh’òigridh teannadh air obair ann an gnìomhachas an sgàilein. ’S ann an seo a lorgar na sgilean agus a nìthear subhachas ris an fheadhainn tàlanta a tha an sàs ann am film is telebhisean Gàidhlig. Gu sònraichte leis mar a tha BBC ALBA a-nis air a stèidheachadh, tha na cothroman ann don ath ghinealach-sa de chraoladairean is luchd-dèanamh fhilmichean a bhios ag iarraidh feum a dhèanamh dhiubh."
A’ cur cuideam air na h-oidhirpean MG ALBA gus tàlant a’ leasachadh chaidh fhoillseachadh aig a’ chuirm gum bi MG ALBA a’ tabhann àite bursaraidh air cùrsa MA ùr ann an TBh is Sgrìobhadh Uirsgeòil a thèid a chur air bhog le Oilthigh Caledonian Ghlaschu agus le Shed Media, riochdairean phrògraman leithid ‘Waterloo Road’ is ‘Bad Girls’.
Bidh an cùrsa, aonan de dhà a tha rim faotainn san dùthaich, a’ tàladh is a’ foghlam nan sgrìobhadairean as tàlanta à Breatainn agus à thall thairis is gu sgiobalta a’ deisealeachadh sgrìobhadairean toileach airson TBh.
Airson na h-inntrigidhean fhaicinn ann am FilmG tadhlaibh air www.filmg.co.uk.

Aithris Deilbh: Luchd-lìbhrigidh air an oidhche, Fiona NicCoinnich, aodann BBC ALBA (fada gu clì) agus Calum MacAmhlaidh (fada gu deas) preasantair phrògraman chloinne air BBC ALBA còmhla ris a h-uile buannaiche FilmG.