AIR AIS
TASGLANN NAIDHEACHDAN
2010
2009
Bhliadhna nan Òran
Bhotadh FilmG
Trad Music in the Media
Ball-coise SPL Beò
Siùbhlachan aig Feis Film
Ceangalan Eadar-nàiseanta tro Naidheachdan BBC ALBA
Urras a’ BhBC
Geàrr-liosta duaisean BAFTA
Litir Naidheachd Dàmhair
Farpaisean Chon-chaorach
Ceòl Country
Mòd 2009 beò bhon Òban
ALBA Challenge Cup 2009
Clàr-phrògraman an Fhoghair
FilmG - Stiùiriche Cliùiteach
Breab air tilleadh
St Kilda
Tattoo Hebrides
Farpaisean Nàiseanta Chon-chaoraich
Celtic V Dinamo Moscow
Aodann Ùr
TalantG
Actors Cut
MA Sgrìobhadh Ficsean airson TV
Siubhlachan
Challenge Cup 2009
Shinty Coverage
FilmG 2009/10
Ladies Cup Final
Madame Ecosse
Hardeep Singh Kohli
Celtic Media Festival
Thomas Telford
Sinne is Alba
Soillse - The Black Starlets
Country Music
Partick Thistle V Dundee
Sir Jackie Stewart
Newsletter March
Alex Norton
Shinty
FilmG Awards
Newsletter February
Robert Burns
Celtic Connections
SFA Football
Tadhal Phadraig
BAFTA New Talent
Rapal
Newsletter January
2008
11 Màrt 2009
“MA BHÀSAICHEAS TU, ABAIR BÀS!” – BEACHD SIR JACKIE STIÙBHART AIR CÀRAICHEAN
CUIDE RI CATHY – SIR JACKIE STIÙBHART

A’ bruidhinn air prògram Cuide ri Cathy airson BBC ALBA, tha Sir Jackie Stiùbhart, a bhuannaich Farpais na Cruinne Formula 1 trì turas, ag innis gur e an latha mu dheireadh aige draibheadh anns an fharpais an latha as muladaiche aige na bheatha ann an spòrs.
Anns a’ phrògram, tha Sir Jackie cuideachd a’ bruidhinn air cuspairean mar na h-Olympics, creideamh, spòrs gunna agus na trioblaidean a tha aige le dyslexia. Tha Sir Jackie cuideachd a’ toirt sealladh air a’ bheatha phearsanta aige, a bhean Helen agus an teaghlach.
Chuir Cathy NicDhòmhnaill seachad latha còmhla ri Sir Jackie airson na sreath phrògraman a tha a’ dol a-mach air BBC ALBA. Còmhla ri Sir Jackie, chaidh i gu Colaiste Phoileis na h-Alba ann an Tullieallan, far an robh e a’ bruidhinn air dyslexia.
Tha Sir Jackie na Cheann-suidhe air a’ bhuidhinn Dyslexia na h-Alba agus dh’innis e do Chathy mu dheidhinn an latha a fhuair e a-mach gun robh duilgheadas aige. Chan urrainn dha litrichean aibidil innis no facail laoidh na Rìoghachd Aonaichte ainmeachadh, ged a bhios e tric na sheasamh faisg air a’ Bhànrigh.
Ged nach bi e tric a’ frithealadh eaglais sam bith, tha Sir Jackie ag innis anns a’ phrògram gu bheil e ag ùrnaigh agus a’ toirt taing airson na tha aige.
Thèid Cuide ri Cathy còmhla ri Sir Jackie Stiùbhart a chraoladh air BBC ALBA Diluain 16mh Màrt aig 22.00. Gheibhear BBC ALBA air Sky 168 agus air Freesat 110.