Naidheachdan > 2009

30 Màrt 2009

Duais na Meadhanan Cheilteach airson Dè a-nis

Fhuair an sianal ur Gaidhlig,  BBC ALBA a’ chiad duais an diugh (Dihaoine 27mh Màrt) aig Fèis nam Meadhanan Ceilteach.  Chaidh an duais airson am program cloinne as fhearr ‘s na duthchanan Ceilteach gu De a-nis?.

media award

Thuirt Marion NicFhionghuinn , Stìuiriche Deasachaidh BBC Gàidhlig “Se naidheachd miorbhuileach a tha seo. Tha ceangal làidir air a bhith eadar De a-nis? agus ar luchd-amharc  òga thairis air na 16 bliadhna a tha De anis? air a bhith air an aer  agus tha an duais seo a ‘ toirt misneachd dhan sgioba leantainn oirnn a bhith a’cruthachadh prògraman beothail, eibhinn dha clann agus  le clann gach seachdainn.  Tha am program seo air a mhaoineachadh le MG ALBA agus as aonais an taic sin cha bhiodh De a-nis? air a bhi againn agus air an cothrom fhaighinn fas agus leasachadh thar nam bliadhnaichean.”

Tha Fèis na Meadhanan Cheilteach a’gabhail àite ann an Caernarfon, anns a Chymru a Tuath le riochdairean bho air feadh na dùthchanan Cheilteach an làthair.

Thuirt Domhnall Caimbeul, Ard Oifigear MG ALBA, “Se naidheachd sgoinneal a tha seo dha MG ALBA agus dhan cho-bhanntachd againn.  Tha an co-obrachadh cruthachail eadar MG ALBA agus riochdairean air a bhi a’ dol airson iomadach bliadhna agus tha e daonan math aithneachadh fhaighinn dha programan Gaidhlig aig Feis ghniomhachais craolaidh eardar naiseanta mar seo.”