AIR AIS
TASGLANN NAIDHEACHDAN
2010
2009
Bhliadhna nan Òran
Bhotadh FilmG
Trad Music in the Media
Ball-coise SPL Beò
Siùbhlachan aig Feis Film
Ceangalan Eadar-nàiseanta tro Naidheachdan BBC ALBA
Urras a’ BhBC
Geàrr-liosta duaisean BAFTA
Litir Naidheachd Dàmhair
Farpaisean Chon-chaorach
Ceòl Country
Mòd 2009 beò bhon Òban
ALBA Challenge Cup 2009
Clàr-phrògraman an Fhoghair
FilmG - Stiùiriche Cliùiteach
Breab air tilleadh
St Kilda
Tattoo Hebrides
Farpaisean Nàiseanta Chon-chaoraich
Celtic V Dinamo Moscow
Aodann Ùr
TalantG
Actors Cut
MA Sgrìobhadh Ficsean airson TV
Siubhlachan
Challenge Cup 2009
Shinty Coverage
FilmG 2009/10
Ladies Cup Final
Madame Ecosse
Hardeep Singh Kohli
Celtic Media Festival
Thomas Telford
Sinne is Alba
Soillse - The Black Starlets
Country Music
Partick Thistle V Dundee
Sir Jackie Stewart
Newsletter March
Alex Norton
Shinty
FilmG Awards
Newsletter February
Robert Burns
Celtic Connections
SFA Football
Tadhal Phadraig
BAFTA New Talent
Rapal
Newsletter January
2008
2 Dàmhair 2009
MÒD 2009 BEÒ AIR BBC ALBA
Tha BBC ALBA air fhoillseachadh gum bi iad a’ craoladh prògraman beò bhon Mhòd Nàiseanta Rìoghail, a bhios a’ dol air adhart anns an Òban eadar an 9mh agus 17mh den Dàmhair.
Tha prògraman uair a thìde gu bhith air BBC ALBA aig 9f gach oidhche a’ tòiseachadh air Diluain 12mh Dàmhair. Thèid ath-chraoladh a dhèanamh air na prògraman gach oidhche cuideachd aig 11.20f air BBC 2 Alba agus prògram de 45 mionaidean an ath latha air BBC 1 Alba.

Preseantair a’ Mhòid, Màiri Anna NicUalraig
Tha BBC Gàidhlig cuideachd gu bhith a’ craoladh air BBC Radio nan Gàidheal le 30 uairean a thìde de phrògraman. Tha “Dè a-Nis?”, prògram a bhuannaich duais aig Fèìs nam Meadhanan Ceilteach 2009, cuideachd gu bhith a’ craoladh bho Mhòd 2009.
Thuirt Mairead Màiri Mhoireach, Ceannard Seirbheis BBC ALBA, “Tha am Mòd Nàiseanta air cliù fhaighinn thall thairis le bhith a’ tarraing fharpaiseach agus luchd-turais don fhèis. Tha mi toilichte dha-rìreabh gum bi BBC ALBA a’ toirt a’ Mhòid do luchd-coimhead agus luchd-èisteachd tron t-sianal agus tro Radio nan Gàidheal.”
A’ bruidhinn as leth A’ Chomainn Ghàidhealaich thuirt Iain Moireasdan, Àrd Oifigear, “Anns a’ Bhliadhna Tilleadh Dhachaigh tha sinn toilichte a bhith air ais anns an Obain far an do thòisich an fhèis. Tha sinn cuideachd toilichte gu bheil BBC ALBA a’ toirt thugainn na prògraman tron t-sianal agus air Radio nan Gàidheal”.
’S e an cleasaiche ainmeil Tony Kearney agus neach-ciùil ainmeil Mairi Anna NicUalraig a bhios a’ lìbhrigeadh nam prògraman.
A’ gabhail pàirt anns a’ Mhòd anns an Òban bidh Kirsteen NicDhòmhnaill, preseantair air BBC ALBA, a bhuannaich Bònn Òr airson seinn san t-Seann Nòs aig Mòd 2008 anns an Eaglais Bhric
Kirsteen Nic Dhòmhnaill, preseantair BBC ALBA