Naidheachdan > 2009

27mh an t-Iuchar 2009

PREASANTAIR ÙR AIG BBC ALBA

Tha preasantair ùr gu bhith aig BBC ALBA, an sianal telebhisean digital Gàidhlig na h-Alba le Moira Dhòmhnallach a’ tòiseachadh air an 8mh latha den Lùnasdal.

Fiona & Moira
Moira Dhòmhnallach (deas) comhla ri Fiona Nic Choinnich (clì)

Tha Moira gu bhith an àite Fiona Nic Choinnich fad trì mìosan le Fiona ag obair mar preasantair air sreath ùr den phrògram Air an Rathad, a thèid a’ riochdachadh le Eyeline Media airson BBC ALBA.

Rugadh Moira (tha i fichead ‘sa ceithir bliadhna dh’ aois) anns a’ Ghearasdain agus thogadh i ann an Inbhir Nis bho aois ceithir bliadhna. An dèidh bliadhna aig Sàbhal Mòr Ostaig, chaidh Moira a Ghlaschu. Anns na trì bliadhna a chaidh seachad tha Moira air a bhith ag obair anns an Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu agus cuideachd aig Deiseal Earranta, companaidh a’ chur air dòigh an cùrsa Gàidhlig Ulpan. A bharrachd air seo, bha Moira ag obair leis A’ Chomuinn Ghàidhealach, aig a bheil am Mòd Nàiseanta Rìoghail, agus le mneTBh far an robh i ag obair air am prògram Ceòl Country.

Thuirt Ailean Esslemont, Ceannard Phrògraman BBC ALBA, “Tha sinn glè thoilichte gum bi Moira a’ tòiseachadh aig BBC ALBA. Tha eòlas aig Moira air beulaibh a chamara agus tha cothrom mòr aice na sgilean a’ thoirt air adhart thairis air na trì mìosan. Bidh Moira ag ionnsachadh mòran bho Fiona Nic Choinnich, a bhios fhathast mar prìomh preasantair air BBC ALBA”.

Thuirt Moira Dhòmhnallach, “S e cothrom mòr dhòmhsa a tha an seo agus tha mi a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair còmhla ri BBC ALBA tron t-samhradh. Tha mi’ n dòchas gum bith mi cheart cho soirbheachail anns an dreuchd ‘s a tha Fiona air a bhith bhon thòisich an sianal ùr anns an t-Sultain, an uiridh”

An dèidh tràth-teagaisg, bidh Moira air BBC ALBA airson a’ chiad turas air an Disathairne, 8th An Lùnasdal far am faicear prògraman mar Ann an Còi5, far a bheil òigridh le Gàidhlig a’ nochdadh na beachdan aca air cuspairean sònraichte; Na Dròbhairean, prògraman mu dheidhinn na dròbhairean agus na rathaidean dròbhaireachd ann an Alba; Seachd, The Inaccessible Pinnacle agus Fonn mo Bheatha, prògram ceòl is còmhradh le Cathy Ann Nic a’ Phi agus Julie Fowlis mar aoigheachd.