Naidheachdan > 2009

6 Samhain 2009

CEANGALAN EADAR-NÀISEANTA TRO NAIDHEACHDAN BBC ALBA

Tha coimhearsnachdan Gàidhlig na h-Alba am measg nam min-chultaran bho air feadh an t-saoghail a tha a-nochdadh air prògram ùr air Maori TBh ann an New Zealand.

‘S e program leth-uair a thìde a th’ann an 'Indigenous Insight' far a bheil naidheachdan agus na sgeulachdan aithriseach as fhèarr bho air feadh an t-saoghal rim faicinn.

A bharrachd air sgeulachdan Gàidhlig bho BBC ALBA tha pìosan bho tùsanaich Chanada, na Sami ann an Norway agus min-threubhan Thaiwan air an craoladh cuide ri sgeulachdan bhon chompanaidh craolaidh TG4 ann an Èirinn.

Gach seachdain bith na companaidhean-craolaidh a’ biathadh a steach na sgeulachdan as inntinnich bha na coimhearsnachdan aca fhèin.

Thuirt Neach-Deasachaidh Nàidheachdan BBC ALBA, Norrie MacIllinnein: “S e pròiseact gu math inntinneach a tha seo a bhios a’ toirt sealladh dhuinn de na diofar min-chultaran air feadh an t-saoghail agus tha iomadach ni ann a gar ceangail ri chèile.

Tha suidheachadh muinntir nan Sami, nam Maori agus nan Innuit gu math coltach ris an suidheachadh a th’aig Gàidheil na h-Èirinn agus Alba le iomairtean is strì airson na cultaran as lugha a chumail a dol ann an saoghal le mòr-chultaran eadar-nàiseanta agus na ceistean a tha co-cheangailte ris a sin.

“Tha cuspairean mar fòghlam, na meadhanan, an fhearann agus gluasadan coimhearsnachdan a’ nochdadh sin agus tha e inntinneach a bhi a’ faicinn ciamar a tha iad uile a’ bualadh air gach dùthaich.”

A bruidhinn as leth Maori TBh thuirt Stiùiriche Telebhisean Te Anga Nathan: "A bharrachd air a bhith a’ craoladh na sgeulachdan as inntinniche gach seachdain bidh Indigenous Insight a’ cruinneachadh bheachdan nam min-chultaran air cuspairean na cruinne agus mar a tha iad a’ bualadh orra agus air leasachadh chultaran traidiseanta anns an 21mh Linn”.

Tha buannachdan ann airson am program naidheachdan An Là, air BBC ALBA leis gu bheil iad a’ faighinn cothrom taghadh a’ dhèanamh air na sgeulachdan as fheàrr bho air feadh saoghal na min-chultaran. Thuirt Norrie Mac Illinnein “ Tha sinn air sgeulachdan a’ chleachdadh bho Maori TBh agus NRK Sami TBh mar eisimpleir agus tha sin a’ cur ri blas eadar-nàiseanta na naidheachdan a tha sinn a’ tabhainn air BBC ALBA.

Tha teicneolas ùr a’ ciallachadh gu bheil e nas fhasa naidheachdan a’ ghluasad eadar na diofar stèiseanan TBh. Tha Seonaidh MacCoinnich a tha ag obair mar neach-taic stiùidio air An La a’ mìneachadh: “Tha sinn a’ cur stuth a null tron eadar-lion agus tha sin ag obair gu math. ‘S urrainn dhuinn stuth a’ chur agus fhaighinn air ais thairis astar fada ann an uair a thìde an àite trì làithean mar a bha cùisean roimhe.

“Tha mi fhèin den bheachd gu bheil e uabhasach math airson BBC ALBA leis gu bheil e a’ toirt cothrom do barrachd daoine thairis air an t-saoghal naidheachdan anns a’ Ghàidhlig fhaighinn. Cuideachd gheibh luchd-amharc BBC ALBA cothrom sgeulachdan an t-saoghail fhaicinn. Mar eisimpleir, as dèidh typhoon Taiwan, fhuair sinn cothrom dealbhan fhaighinn bho muinntir Thaiwan nach robh aig craoladair sam bith eile. Tha sinn an dòchas gum bith seo a’ tachairt barrachd is barrachd”.

Chithear programan Indigenous Insight aig: www.maoritelevision.com