AIR AIS
TASGLANN NAIDHEACHDAN
2010
2009
Bhliadhna nan Òran
Bhotadh FilmG
Trad Music in the Media
Ball-coise SPL Beò
Siùbhlachan aig Feis Film
Ceangalan Eadar-nàiseanta tro Naidheachdan BBC ALBA
Urras a’ BhBC
Geàrr-liosta duaisean BAFTA
Litir Naidheachd Dàmhair
Farpaisean Chon-chaorach
Ceòl Country
Mòd 2009 beò bhon Òban
ALBA Challenge Cup 2009
Clàr-phrògraman an Fhoghair
FilmG - Stiùiriche Cliùiteach
Breab air tilleadh
St Kilda
Tattoo Hebrides
Farpaisean Nàiseanta Chon-chaoraich
Celtic V Dinamo Moscow
Aodann Ùr
TalantG
Actors Cut
MA Sgrìobhadh Ficsean airson TV
Siubhlachan
Challenge Cup 2009
Shinty Coverage
FilmG 2009/10
Ladies Cup Final
Madame Ecosse
Hardeep Singh Kohli
Celtic Media Festival
Thomas Telford
Sinne is Alba
Soillse - The Black Starlets
Country Music
Partick Thistle V Dundee
Sir Jackie Stewart
Newsletter March
Alex Norton
Shinty
FilmG Awards
Newsletter February
Robert Burns
Celtic Connections
SFA Football
Tadhal Phadraig
BAFTA New Talent
Rapal
Newsletter January
2008
Litir Naidheachd Dàmhair 2009
Tha e doirbh a chreidsinn gu bheil BBC ALBA air a bhith air an adhair airson bliadhna a-nis ... agus abair bliadhna! Tha sinne aig MG ALBA agus ar co-obraichean aig a’ BhBC air ar dòigh le cho math ’s a tha an sianal air còrdadh ris an luchd-amhairc sa bhliadhna a dh’fhalbh, agus 's e an fhios a tha a' tighinn thugainn gu bheil prògraman an fhoghair a' còrdaidh ri sean is òg.
Am Mòd Nàiseanta Rìoghail 2009

Bidh BBC ALBA a’ craoladh a’ chiùil as fheàrr às an Òban an t-seachdain seo. Bidh Prògram a’ Mhòid air BBC ALBA a h-uile oidhche aig 9f agus a-rithist air BBC2 aig 11.20f, a’ tòiseachadh Diluain 12 Dàmhair, agus bidh prògram nas giorra tron latha air BBC1 an ath latha. Bidh Màiri Anna NicUalraig agus Tonaidh Kearney a’ toirt thugainn nan naidheachdan as ùire mu na farpaisean agus na tachartasan eile a bhios a’ dol tron t-seachdain.
Cupan Dùbhlain na h-Alba
Tha MG ALBA moiteil a bhith a’ toirt taic a-rithist do fharpais Chupan Dùbhlain na h-Alba. Bha Caley Thistle Inbhir Nis v Ross County beò air BBC ALBA an t-seachdain seo chaidh san iar-chuairt dheireannaich, agus bidh sinn a’ faicinn Caley Thistle Inbhir Nis a-rithist sa chuairt dheireannaich an aghaidh Dùn Dè air Didòmhnaich 22 Samhain 2009 nuair a bhios an geama ga chraoladh beò à Pàirc MhicDiarmaid, Peairt. Cùm sùil air www.mgalba.com agus air www.scottishfootballleague.com airson nan naidheachdan as ùire, agus cùm sùil air BBC ALBA airson nam prògraman spòrs a h-uile deireadh seachdain.
FilmG – sia seachdainean ri dhol

Tha FilmG air a bhith a’ ruith bhùithtean-obrach an dà chuid airson inbheach agus airson clann-sgoile, agus tha sinn an dòchas gum bi mòran dhaoine air am brosnachadh le cuspair na farpais am bliadhna, “Gaisgeach”, agus gun cuir iad am filmichean a-steach. Tha duaisean luachmhor rim faighinn agus tha cothrom agad fhathast ma tha thu airson film a dhèanamh, ach cuimhnich gu bheil farpais FilmG a’ dùnadh air 20 Samhain 2009. Agus an robh fhios agad gu bheil Siubhlachan, am film a fhuair a’ phrìomh dhuais an uiridh, a-nis ga dhèanamh mar phrògram leth uair de thìde? Airson barrachd fiosrachadh, faic www.filmg.co.uk.
Duaisean Trad MG ALBA
Tha MG ALBA cuideachd a’ toirt taic do na Duaisean Trad am bliadhna. Bha cuirm-ciùil air leth ann air oidhche nan Trads an-uiridh, agus tha sinn a’ coimhead le fiughair ri duaisean 2009 ann an Dùn Phrìs bho 27 gu 29 Samhain. Am measg an luchd-ciùil a bhios air an àrd-ùrlar bidh Skipinnish, Lori Watson, Barbara Dickson agus Deaf Shepherd, agus bidh ceòl bho na Trads ga chraoladh air BBC ALBA. Faodaidh tu an luchd-ciùil as fheàrr leat ainmeachadh airson duais air-loidhne aig www.handsupfortrad.co.uk.
BBC ALBA agus Urras a’ BhBC
Bidh Urras a’ BhBC a’ dèanamh leirmheas air BBC ALBA ann an ùine gun a bhith fada agus a’ tighinn gu co-dhùnaidhean cudromach mu ghiùlan an t-sianail air Freeview. Bidh cothrom aig a’ mhòr-shluagh am beachdan a chur a-steach agus cumaidh sinn fios thugaibh mu adhartas.
San eadar-àm, tha BBC ALBA ri fhaighinn air Sky 168 agus Freesat 110, agus air iPlayer a’ BhBC agus iPlayer Virgin Media. Ma tha ceistean sam bith agad mu BBC ALBA no mu MG ALBA, cuir fios gu fios@mgalba.com no fòn gu 01851 705550.
Tachartasan air BBC ALBA ...
|
A’ cur eòlas air . . . Moira NicDhòmhnaill Innis dhuinn beagan mud dheidhinn-sa. ’S ann às Inbhir Nis a tha mì. Mus tàinig mi gu MG ALBA bha mi ag obair ann an Glaschu airson Deiseal Ltd, a’ chompanaidh a tha a’ cruthachadh cùrsa Ulpan airson luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig, agus an uairsin rinn mi beagan obair airson Solus Productions. Tha mi glè thoilichte gun tàinig mi gu MG ALBA. Tha e math a bhith a’ fuireach ann an Leòdhas, tha an obair a’ còrdadh rium glan, agus tha mi air tachairt ri mòran dhaoine gu math laghach. Dè tha thu a’ dèanamh nad obair bho latha gu latha? Tha mi ag obair anns an sgioba phrògraman, nam phreusantair agus neach-taic riochdachaidh – cha mhòr an aon obair ’s a tha aig Fiona NicChoinnich, a’ toirt seachad fiosrachadh dhan luchd-amhairc air na prògraman a tha ri thighinn air an sianal, uaireannan “in visions” agus uaireannan a’ clàradh le guthan a-mhàin. Tha sinn trang fad an t-siubhail, a’ clàradh san stiùideo agus a’ sgrìobhadh sgriobtaichean san oifis, agus tha cùisean ag atharrachadh gach latha. Dè an ath cheum airson Moira? Bu mhath leam a bhith nas motha an sàs anns na prògraman fhèin. Nan robh taghadh agam, bu toil leam obair a dhèanamh air cùisean làitheil; tha ùidh agam air na tha a’ dol air feadh an t-saoghail, agus ’s e rud cudromach fios a bhith agaibh air na tha a’ dol timcheall oirnn. |
![]() |