Naidheachdan > 2009

Litir-naidheachd – Faoilleach 2009

Bliadhn’ ùr mhath, a chàirdean!

Tha mi ’n dòchas gun do chòrd na làithean saora ribh agus gu bheil sibh ann an deagh shunnd aig toiseach na bliadhn’ ùir. Tha mi cuideachd an dòchas gu bheil prògraman BBC ALBA air a bhith a’ còrdadh ribh. Tha BBC ALBA ri fhaighinn air Freesat 110 agus air Sky 168, agus cuimhnichibh gu bheil mòran de na prògraman cuideachd rim faighinn air an iPlayer, ma tha sibh air an call air a’ chiad chraoladh.

San litir-naidheachd seo gheibh sibh fios mun fharpais FilmG, mun fhèis ùir Film ’s Craic agus mu na phrògraman a tha ri tighinn air BBC ALBA, agus tha sinn a’ coinneachadh an turas seo le Ruth NicCoinnich, an deasaiche sianail againn.

Cumaibh sùil air www.bbcalba.co.uk agus air www.mgalba.com airson clàr phrògraman BBC ALBA agus airson nan naidheachdan as ùire mu thachartasan eile a tha a’ dol. Agus ma tha beachd no ceist agaibh mun t-sianal, cuiribh fios thugainn.

Le dùrachd,

Dòmhnall Caimbeul
Àrd Oifigear MG ALBA

FilmG

FilmG

’S e ràith nan duaisean film a th’ ann, ach is coma leinn na h-Oscars ’s na Golden Globes oir am bliadhna tha duaisean ùra ann airson fhilmichean Gàidhlig. Bidh cuirm dhuaisean FilmG a’ gabhail àite aig Eden Court, Inbhir Nis, air Dihaoine 6mh Gearran 2009.

Chan eil ach dà latha air fhàgail ma tha thu airson bhòt a chur a-steach air-loidhne airson nam filmichean as fheàrr leat san fharpais FilmG. Dèan cabhag ma tha thu airson do cothrom a ghlacadh, oir tha bhòtadh a’ tighinn gu crìoch Diciadain 14mh Faoilleach. Thuige seo tha daoine air sealltainn air na filmichean air an làraich-lìn còrr air 13,000 turas. Bhòt gun dàil aig www.filmg.co.uk

Gheibh am film leis a’ chuid as motha de bhòtaichean duais FilmG “Roghainn an t-Sluaigh” agus duais airgid de £2,000, agus bidh stiùirichean nam filmichean as fheàrr a’ faighinn cothrom film a dheasachadh gu ìre chraolaidh. Tha dà fhilm FilmG cuideachd gan cur air adhart airson duaisean “tàlant ùr” BAFTA Alba. Faic www.baftascotland.co.uk airson barrachd fios. Tha sinn a’ toirt taing do Scottish Screen, 4 Talent agus Hi-Arts airson an taic le margaidheachd.

Film ’s Craic

Film 's Craic image

Is e MG ALBA am prìomh urrasair air fèis ùr Film ’s Craic, a tha ga cur air chois leis a’ bhuidhinn Ceòl is Craic aig Centre for Contemporary Arts, Glaschu, eadar 22mh agus 24mh Faoilleach, mar phàirt den tachartas eadar-nàiseanta Celtic Connections. Ma tha thu airson roghainn de na filmichean is prògraman Gàidhlig as fheàrr fhaicinn agus òraidean le stiùirichean film ainmeil a chluinntinn, faic http://cca-glasgow.com/home airson barrachd fios.


Air an sgàilean bheag

San aimsir fhuair dhorcha seo chan eil càil nas fheàrr na bhith a-staigh air an oidhche a’ coimhead air an telebhisean, agus bidh tòrr phrògraman inntinneach air BBC ALBA sna seachdainean a tha romhainn. Tha an t-sreath de phrògraman aithriseachd, Trùsadh, a’ leantainn le Caismeachd, anns am bi Babs NicGriogair a’ coimhead air strì agus deamocrasaidh agus a’ bruidhinn ri Tommy Sheridan air cuspair nas truime na faoineas taigh a’ Bhràthair Mhòir. Bidh sreath ùr, Cuibhlichean an Fòrtain, a’ tòiseachadh an ath sheachdain, a’ cur sgioba an aghaidh sgioba ann a bhith a’ càradh seann chàraichean agus an reic aig rup, agus bidh Dòmhnall Moireasdan a’ bruidhinn ris an tidsear, neach-ealain agus eòlaiche cànain, Cailean Spencer ann an Thuige Seo.

Trùsadh

Cuimhnich gum faigh sibh fios mun chlàr phrògraman agus na naidheachdan as ùire aig www.bbcalba.co.uk agus www.mgalba.com, agus gum bi cuid de na prògraman againn rim faicinn a-rithist aig http://www.bbc.co.uk/iplayer/tv/bbc_alba.

A’ cur eòlas air … Ruth NicCoinnich

image Ruth Mackenzie

A’ leantainn leis an t-sreath de dh’agallamhan le luchd-obrach MG ALBA, tha sinn a’ coinneachadh an turas seo le Ruth NicCoinnich, deasaiche sianal. ’S ann à Steòrnabhagh a tha Ruth, a tha 24 bliadhna a dh’aois.

Ciamar a fhuair thu obair ann an craoladh?
Bha mi ag ionnsachadh Obrachadh is Riochdachadh TBh fad dà bhliadhna aig colaiste. An uairsin fhuair mi obair mar neach-taic dealbhachadh solais aig an ABC agus Carling Academy ann an Glaschu. San t-Sultain 2006 thoisich mi air greis ghnìomhachais shaor thoileach aig Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig (mar a bha air MG ALBA an uairsin) tro Phroject Scotland. Rinn mi sin airson naoi mìosan agus an uairsin fhuair mi obair mar teicneolaiche stiùideo air stèidh neo-cheangailte. Seachd mìosan as dèidh sin chuir mi a-steach airson na h-obrach a th’ agam a-nis, agus thoisich mi mar deasaiche sa Ghearran an-uiridh.

Innis dhuinn mun obair a tha thu a’ dèanamh aig MG ALBA.
Bidh mi a’ deasachadh Dè tha Dol a h-uile latha, agus bidh mi a’ deasachadh phrògraman às an tasglann às ùr agus a’ dèanamh sanasan phrògraman. Tha an obair a’ sìor chòrdadh rium, gu h-àraid an obair air sanasan phrògraman, oir tha rudan ùra ann fad an t-siubhail agus tha cothrom agam a bhith cruthachail. Tha e math a bhith ann an sgioba far a bheil daoine taiceil aig àm a tha cho inntinneach airson a h-uile duine.

Tha BBC ALBA air Sky 168 is Freesat 110.
Is e co-bhanntachd eadar am MG ALBA agus am BBC a th’ ann am BBC ALBA.