Naidheachdan > 2009

Litir Naidheachd – Màrt 2009

A chàirdean

Bidh sinn a’ dèanamh air Caernarfon an ceann seachdain no dhà airson Fèis nam Meadhanan Ceilteach, agus tha tòrr prògraman BBC ALBA sa gheàrr-liosta. Tha sàr phrògraman bho na sia dùthchannan Ceilteach a’ farpais leotha, ach thathas an dùil ’s an dòchas gun soirbhich na prògraman Gàidhlig. Tha sinn a’ cur meala-naidheachd air a h-uile riochdaire a rinn prògraman sa gheàrr-liosta.

Bidh am Màrt na mhìos mòr airson luchd-leantainn ball-coise, or bidh ball-coise beò bhon SFL air BBC ALBA nuair a thèid Partick Thistle an aghaidh Dùn Dè air an 22mh, agus chì sibh cuideachd na geamannan SPL “mar bheò” gach deireadh seachdain air an t-sianal, a tha air Freesat 110 agus Sky 168.

Ma tha an neach-leantainn ball-coise san dachaigh agad a’ cumail greim air a’ remote, dè mu dheidhinn coimhead air prògraman BBC ALBA air an iPlayer aig www.bbc.co.uk/iplayer. Agus a-nis airson a’ chiad turas chì daoine aig a bheil Virgin Media prògraman BBC ALBA air iPlayer Virgin fhèin. Tha luchd-amhairc Virgin air a bhith a’ feitheamh gu foighidneach airson an t-sianail air càball. Chan eil e ann fhathast, ach tha sinn an dòchas nach bidh agaibh ri feitheamh ro fhada, agus nì sinn cinnteach gun cuir sinn fios thugaibh cho luath ’s a tha naidheachd sam bith againn mu adhartas le bhith a’ cur an t-sianail slàn air càball.

Cuimhnichibh gum faigh sibh an clàr phrògraman agus naidheachdan eile aig www.mgalba.com agus www.bbcalba.co.uk. Tha mi ’n dòchas gu bheil prògraman BBC ALBA a’ còrdadh ribh.

Le dùrachd,

Dòmhnall Caimbeul
Àrd Oifigear

Chief Executive


Fèis nam Meadhanan Ceilteach

Bidh Fèis nam Meadhanan Ceilteach sa Chuimrigh am bliadhna, ann an Caernarfon. Is e seo an 30mh bliadhna den Fhèis agus tha sinn an dòchas gur e fèis shoirbheachail a bhios ann airson MG ALBA agus BBC ALBA. Bidh grunn phrògraman BBC ALBA shuas airson duais eadar 25mh agus 27mh den Mhàrt, agus nam measg tha Air an Rathad le Eyeline Media, sam faic sinn Fiona NicChoinnich againn fhìn, agus Ann am Bàta, nam Aonar le Moja TV, a’ leantainn Niall Iain Dhòmhnallaich ag iomradh tarsainn air a’ Chuan Sgith airson airgead a thogail dhan RNLI agus Comann Slàint’ Inntinn nan Eileanan Siar.

BBC ALBA

Tha duais san amhairc airson idents BBC ALBA cuideachd (ann an Gàidhlig làitheil, tha “idents” a’ ciallachadh na criomagan beaga a chì thu eadar na prògraman, leis na h-ìomhaighean a’ gluasad agus solais sna teantaichean). Cuideachd air an liosta tha An Là, Dè a-Nis?, A’ Chuirm, agus Second Sight, a rinn Alison McAlpine à Canada mu sgeulachdan agus seanchas Dhòmhnaill Angaidh MhicIlleathain. Chithear an liosta slàn aig www.celticmediafestival.co.uk/shortlist.

Sgleog

An tug thu sùil air Sgleog bho chionn ghoirid? Tha stoidhle spaideil ùr air an làraich-lìn, a tha làn quizichiean, geamaichean, bhideothan agus farpaisean. Tha Sgleog na ghoireas air-loidhne airson dhaoine òga, ga ruith le Cànan le taic bho MG ALBA. Gheibhear Sgleog aig www.sgleog.com agus air YouTube agus Facebook.
Sgleog website

Craicte mun bhall-coise

Football fans will be glued to BBC ALBA every weekend this month, with SPL games every weekend, and live SFL coverage on Sunday 22nd March. Be sure to tune in.

SPL: St Mirren v Aberdeen Disathairne 07 Màrt 20.00
SPL: Motherwell v Dundee United Disathairne 14 Màrt 20.00
SPL: Hibs v Aberdeen Disathairne 21 Màrt 20.00
SFL – Beò! Partick Thistle v Dundee Didòmhnaich 22 Màrt 15.10

Cuieachd air faire

Bidh Cathy air ais le barrachd agallamhan le daoine ainmeil eadar seo is deireadh a’ mhìos. Sna seachdainean a tha romhainn bidh i a’ bruidhinn ri Aileen McGlynn a bha sna Paralympics, ri dràibhear ainmeil Sir Jackie Stewart agus ri Leon Jackson às an X Factor. Coimhead air BBC ALBA gach oidhche Luain bho 10f airson èisteachd ri Cathy ’s a h-aoighean.

Sinne is Alba Diardaoin 05 Màrt 21.00 Sreath ùr a’ coimhead air na diofar cultaran is coimhearsnachdan ann an Alba an-diugh, a’ tòiseachadh leis na Sìonaich
Cuide ri Cathy Diluain 09 Màrt 22.00 Cathy a’ tachairt ri Aileen McGlynn, lùth-chleasaiche nam Paralympics
Dè a-Nis? Diciadain 11 Màrt 18.00 Am prògram mu dheireadh san t-sreath seo
Cuide ri Cathy Diluain16 Màrt 22.00 Cathy a’ bruidhinn ris an dràibhear ainmeil Sir Jackie Stewart
Sasta Diciadain 18 Màrt 18.30 Ealan is beò-dhealbhan airson dhaoine òga ann an sreath sgoinneil ùr
Cuide ri Cathy Diluain 30 Màrt 22.00 Cathy a’ faighinn a-mach mun X Factor aig Leon Jackson

Cum sùil air www.mgalba.com agus www.bbcalba.co.uk airson a’ chlàr-phrògraman, agus cuimhnich gum faigh thu BBC ALBA air Sky 168 agus Freesat 110. Agus ma tha thu air prògraman a chall, leithid Turas a’ Bhradain, agallamh Alex Norton le Cathy, no Ailig Dòmhnallach ann an Taisdealach na bu tràithe san t-seachdain, gheibh thu cothrom eile coimhead orra agus air prògraman eile a bha air BBC ALBA air-loidhne aig www.bbc.co.uk/iplayer.

Michelle

A’ cur eòlas air … Michelle Mhoireasdan

Tha Michelle air a bhith na Neach-taic Riochdachaidh aig MG ALBA bhon t-Samhain 2007. Tha i 21 agus is ann a Barbhas air Taobh Siar Leòdhais a tha i.

Tha thu air ùr tighinn gu MG ALBA. Dè rinn thu ron an seo?

Bha mi a’ dèanamh cùrsa Gàidhlig aig Sabhal Mòr Ostaig agus fhuair mi obair tron t-samhraidh aig Pròiseact nan Ealan tro sgeama Greis Gnìomhachais Chomunn na Gàidhlig’s, ag obair air Pròiseact nan Sgeulachdan, a’ teagasg agus a’ seinn. A’ bhliadhna as dèidh sin chaidh mi air ais gu Pròiseact nan Ealan, ag obair air Opera Hiort an turas seo. Bha mi cuideachd ag obair aig na Fèisean a’ teagasg òran Gàidhlig, agus tha mi fhathast a’ dèanamh sin bho àm gu àm.

Innis dhuinn mun obair agad aig MG ALBA

Bidh mi ag obair air an fhiosrachadh co-cheangailte ri prògraman, a’ gabhail a-steach nam prògraman a th’ againn san tasglann. Feumaidh mi dèanamh cinnteach gu bheil pàipearan gan lìonadh ceart mus tèid prògram sam bith a chraoladh air BBC ALBA, gus am bi còraichean craolaidh ceart ’s gus am faigh daoine pàigheadh airson an cuid-obrach air na prògraman. Tha e gam chumail gu math trang agus tha mi daonnan ag ionnsachadh rudan ùra.


Tha BBC ALBA air Sky 168 is Freesat 110.
Is e co-bhanntachd eadar am MG ALBA agus am BBC a th’ ann am BBC ALBA.