Naidheachdan > 2009

31 Iuchar 2009

FARPAISEAN NÀISEANTA CHON-CHAORAICH AIR BBC ALBA

Tha BBC ALBA air fhoillseachadh gum bith iad a’ clàradh Farpaisean Nàiseanta Chon-chaoraich na h-Alba 2009 mar pàirt den sreath ùr phrògraman Farpaisean Chon-chaorach.

Thèid na farpaisean air adhart eadar Diardaoin 6th agus Disathairne 8th Lùnasdal anns an Fhearann Cocklicks, ann an Anainn, siorrachd Dùn Phris anns na Crìochan.

Tha ‘Farpaisean Chon-Chaorach’ air a’ riochdachadh le mneTbh airson BBC ALBA. Bidh dà-dheug prògram anns an t-sreath ùr agus bith iad a’ dol a-mach anns a’ bhliadhna’ ùr, a’ tòiseachadh leis a’ chiad program air oidhche Dimàirt, 5mh Fhaoilleach 2010. Thairis air an t-sreath bith measgachadh de farpaisean ri fhaicinn le farpaisean ionadail ann an Balquhidder, Athal agus Baile a’ Chlachain, agus na h-Eileanan Siar a’ bharrachd air tachartasan nàiseanta agus eadar-nàiseanta.

Presenter Catriona MacPhee with local Harris triallist Angus MacKay on the Isle of Taransay
Preasentair Catriona Nic a Phi comhla ri Aonghas MacAoidh as na Hearadh air Tarasaigh

Chaidh na farpaisean nàiseanta air adhart roimhe air làrach Fhearann Cocklicks ann an 1999 agus 2003. Am bliadhna seo, bidh leth-cheud coin a’ gabhail pàirt anns na farpaisean gach là thairis air na trì làithean airson cothrom àite a ghlèidheadh ann an Sgioba Nàiseanta na h-Alba.

Thèid na coin as fhèarr air adhart gu Farpaisean Eadar-Nàiseanta ann an Cumbria a bhios a’ tachairt eadar an 11mh Sultain agus an 13mh Sultain far am bith riochdairean a Sasainn, Eirinn, a’ Chuimrigh agus Alba a strìth airson an tiotal “Supreme Champion 2009” buannachadh.

Bith Catriona Nic a Phi agus Dòmhnall MacSuain a’ leantail na farpaisich agus na coin agus chìthear luchd-coimhead cuideachd an ìre aig a bheil sgilean preasentairean na prògraman.

Thuirt Catriona Nic a Phi “Is caomh leam a bhith frithealadh na Farpaisean Nàiseanta. Tha farpais làidir ann agus ‘s e deuchainn cruaidh a th’ann airson an dà chuid – na coin agus an fheadhainn a tha ga làimhseachadh airson fhaicinn co an fheadhainn as fhèarr ann an Alba.”

Tha Farpaisean Chon-chaorach air a’ riochdachadh le mneTbh airson BBC ALBA agus chìthear na prògraman air BBC ALBA bho Dimàirt 5mh Faoilleach at 20:10.