Naidheachdan >2009

17 Gearran 2009

CAMANACHD BEÒ AIR BBC ALBA

Dh’fhoillsich BBC ALBA agus Comann na Camanachd an-diugh (Dimairt 17mh Gearran) gum bi sreath de chòig geamannan camanachd gan craoladh be tro ràith an t-samhraidh.

Bheir am pasgan a-steach cinn-là cudromach ann am farpaisean camanachd is cuairtean-deireannach a’ chupa a ghabhas àite tron Ògmhios, an Iuchair is an Lùnastal gu bhith gan sealltainn beò. Thèid innse mu na geamannan sònraichte a dh’aithghearr, aon uair ’s gu bheil iad air an dearbhadh.

Tha còmhraidhean air ìre adhartach a ruighinn a thaobh craoladh beò tachartas a’ chupa ‘Curaidh nan Curaidhean’ eadar MNE MEDIA, a’ chompanaidh riochdachaidh a bhios a’ cur phrògraman spòrs ri chèile do BhBC ALBA, agus Comann na Camanachd. Tha e comasach gum bi an geam-sa na phàirt de phasgan beò a’ chupa, mar aon de na còig geamannan air an craoladh air BBC ALBA.

’S e co-bhann a th’ ann am BBC ALBA eadar am BBC agus MG ALBA, Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig.

Thuirt Alan Esslemont, ceannard phrògraman BBC ALBA: “Tha mi air leth toilichte gum bi BBC ALBA a’ tabhann gheamannan beò cupa na camanachd tro mhìosan an t-samhraidh. ’S e an t-àm as fheàrr a th’ ann an samhradh geamannan be a chraoladh thoradh bidh na h-uimhir de gheamannan air an cur dheth sa gheamhradh ri linn droch shìde. Tha seo a’ fàgail gun urrainn dhuinn cuimseachadh air pasgan sàr-mhath a thairgsinn do luchd-leantainn camanachd a thèid aca air cuairtean-deireannach beothachail a’ chupa fhaicinn gach seachdain.

“’S e leudachadh mòr a th’ ann an camanachd bheò nar pasgan spòrs farsaing a bhios a’ gabhail a-steach thrì geamannan ball-coise beò às a’ Chiad Lìog, a bharrachd air craoladh ‘mar-bheò’ de gheamannan SPL air oidhcheannan Shathairne.”

Chaidh a ràdh le Dòmhnall Stiùbhart, Stiùiriche (Conaltraidh) Chomann na Camanachd “Tha sinn toilichte gu bheil Comann na Camanachd, a tha stuireadh camanachd air feadh an t-saoghal, ag obair ann an co-bhanntachd le BBC ALBA airson barrachd geamanan bèo fhaicinn air an sianal ùr adhartach”

Bidh BBC ALBA cuideachd a’ cur taic ri camanachd le bhith a’ sealltainn dà aithriseachd ùr mun spòrs air a bheil an tiotal, ‘Lean gu Dlùth’, a thèid an craoladh mar ullachadh ron t-seusan bheò.

Leanaidh na prògraman Ùisdean MacIllinnein, craoladair Albannach is acadaimigeach spòrs, a bhios gar toirt air turas pearsanta mu chamanachd, is e a’ faighinn a-mach mun spòrs, a h-eachdraidh agus na tha roimhpe sna bliadhnaichean ri thighinn – còmhla ri aithrisiche Iain Willie Caimbeul, rionnag ann an camanachd an latha an-diugh, Somhairle MacDhòmhnaill às an Eilean Sgitheanach, eòlaiche Sgitheanach Dòmhnall Màrtainn agus sàr neach-leantainn a’ gheama, Eairdsidh Friseal.

Thèid geamannan gu lèir a chraoladh beò air BBC ALBA air làithean Disathairne bho 5.30f – 7.30f, cinn-là rin dearbhadh. Tha BBC ALBA ri fhaotainn air sianal 168 SKY agus air sianal 110 Freesat.