AIR AIS
TASGLANN NAIDHEACHDAN
2010
2009
Bhliadhna nan Òran
Bhotadh FilmG
Trad Music in the Media
Ball-coise SPL Beò
Siùbhlachan aig Feis Film
Ceangalan Eadar-nàiseanta tro Naidheachdan BBC ALBA
Urras a’ BhBC
Geàrr-liosta duaisean BAFTA
Litir Naidheachd Dàmhair
Farpaisean Chon-chaorach
Ceòl Country
Mòd 2009 beò bhon Òban
ALBA Challenge Cup 2009
Clàr-phrògraman an Fhoghair
FilmG - Stiùiriche Cliùiteach
Breab air tilleadh
St Kilda
Tattoo Hebrides
Farpaisean Nàiseanta Chon-chaoraich
Celtic V Dinamo Moscow
Aodann Ùr
TalantG
Actors Cut
MA Sgrìobhadh Ficsean airson TV
Siubhlachan
Challenge Cup 2009
Shinty Coverage
FilmG 2009/10
Ladies Cup Final
Madame Ecosse
Hardeep Singh Kohli
Celtic Media Festival
Thomas Telford
Sinne is Alba
Soillse - The Black Starlets
Country Music
Partick Thistle V Dundee
Sir Jackie Stewart
Newsletter March
Alex Norton
Shinty
FilmG Awards
Newsletter February
Robert Burns
Celtic Connections
SFA Football
Tadhal Phadraig
BAFTA New Talent
Rapal
Newsletter January
2008
10 An t-Samhain 2009
FILM A BHUANNAICH FILMG 2008 GA SHEALLTAINN AIG FÈIS FILM INBHIR NIS
Tha MG ALBA air leth toilichte foillseachadh gun tèid am film Siùbhlachan, a bhuannaich FilmG 2008, a shealltainn rè sheisein ‘short cuts’ na seachdamh Fèis Film Inbhir Nis an t-seachdain sa.
Tha FilmG na cho-fharpais fhilmichean goirid Gàidhlig aig MG ALBA. Tha e fosgailte do dhaoine aois còrr is 12 bliadhna nach do rinn obair riochdaire no stiùiriche riamh roimhe.
Tha Siùbhlachan air nochdadh aig fèisean film san Eilbheis, Coirea a Deas agus Canada bhon a chumadh cuirm nan duaisean aig FilmG 2008. Thèid a shealltainn rè sheisein ‘short cuts’ na fèise Disathairne 14 Samhain. Tha an stiùiriche Ùisdean Moireach à Uibhist a Tuath cuideachd air prògram pìleat de 30 mionaid a dhèanamh dhan t-Sianal Ghàidhlig, BBC ALBA.
Cumar dàrna cuirm nan duaisean aig FilmG air Dihaoine 5 Gearran 2010 aig Cùirt an Aodainn, Inbhir Nis. Tha tìde fhathast ann do neach film eadar trì is còig mionaidean a chur a-steach dhan fharpais agus i gu bhith a’ dùnadh air Dihaoine 20mh Samhain.
’S e £3,000 a’ phrìomh dhuais aig FilmG airson an dràma/comadaidh as fheàrr. Tha duaisean airgid ann airson a’ mhìneachadh as fheàrr air cuspair na farpaise, Gaisgeach, airson a’ chluich ’s an stiùiriche as fheàrr, agus airson tòrr a bharrachd.
Gheibhear liosta iomlan nan duaisean air làrach FilmG. Thathas a’ toirt a-steach roinn sònraichte am bliadhna airson an fhilm ghoirid Dhibhearsaineach as Fheàrr. Bheirear seachad duais de £2,500 dhan fhilm ghoirid as motha a chuireas an cèill àbhachdas is dibhearsain; dh’fhaodadh gur e ceòl, spòrs, prògram ceisteachain, cluich beò no eadhon cluich comadaidh coise a th’ ann. Bidh cothrom aig buannaichean san roinn seo agus san roinn Stiùiriche as Fheàrr air a’ mhaoin ùr leasachaidh de £10,000 aig MG ALBA, a chuidicheas buannaichean gus an obair aca a bhrosnachadh aig fèisean is tachartasan.
Thachair gu robh cuirm an-uiridh air leth soirbheachail. Thàinig an cleasaiche comadaidh cliùiteach Greg Hemphill na aoigh agus bha ceòl beò bho Injuns - còmhlan a bhuineas dha Glaschu ’s dhan Eilean Sgitheanach. Foillsichear fiosrachadh mu chlàr phearsachan na bliadhna seo a dh’aithghearr.
Gheibhear a h-uile fiosrachadh a tha a dhìth air a’ cho-fharpais, le roghainn gliocais luchd nam meadhanan na chois aig www.filmg.co.uk . Faodar cuideachd coimhead air filmichean an-uiridh airson neart cumhachd d’inntinn a phiobrachadh.