Naidheachdan > 2009

ÀRD-URLAR AN T-SAOGHAIL AIRSON BUANNAICHE FILMG

16 Òg Mhios 2009

Fhuair riochdaire òg filmichean a Uibhist a’ Tuath cuireadh a bhith mar phàirt de dhà fhèis film eadar-nàiseanta an samhradh seo.


’S ann a Uibhist a’ Tuath a tha Ùisdean Moireach agus bhuannaich e farpais FilmG 2008 le “Siubhlachan”, film goirid a bhios ri fhaicinn aig fèisean anns an t-Eilbheis agus ann an Korea a Deas.

Thèid an Time Film Festival air adhart air 19mh agus 20mh den Òg Mhios agus Fèis Film Eadar-Nàiseanta Puchon, an fhèis as motha ann an Asia, air adhart ann an Korea a Deas eadar 16mh agus 26mh den Iuchar.

Tha “Siubhlachan” ag innse mu dheidhinn nighean òg, Seonag, a bhios a’ siubhal air ais airson coinneachadh ris a seanair a tha air ùr bhàsachadh. Chìthear am film air-loidhne air www.uisdeanmurray.com.

Tha “Siubhlachan” gu bhith suas airson iomadh duais aig an dà fhèis agus cuideachd thèid am film fhaicinn aig fèis film Rutger Hauer “I’ve Seen Films” (www.icfilms.org).

Thuirt Ùisdean, “Tha mi gu math moiteil leis mar a thionndaidh Siubhlachan a-mach agus air an luchd-taic a thug cuideachadh dhomh. ’S e urram mòr a th’ ann dhomhsa na cuiridhean seo fhaighinn a bheireas cothrom dhomh “Siubhlachan” a’ shealltainn gu luchd-amhairc eadar-nàiseanta. Cuideachd tha mi ag obair air pròiseact airson BBC ALBA co-cheangailte leis an fhilm.”

Thuirt Dòmhnall Caimbeul, Àrd Oifigear MG ALBA, “’S e sàr àilleagan a th’ ann an Siubhlachan. Tha e a’ cuimseachadh gach rùn a chuir sinn mu choinneimh FilmG – stòiridh tlachdmhor air a chur an cèill gu blàth le luchd-aithris na sgeòil, feadhainn a tha air ùr nochdadh air an sgàilean. Tha sinn a’ guidhe gach soirbheachas do dh’isdean sna farpaisean mòra eadar-nàiseanta seo san Eilbheis agus Korea a Deas. Bu chòir do luchd-frithealaidh nam Fèisean a bhith air an dòigh glan nuair a’ chì iad am film, agus tha sinn an dòchas gu tuig iad gur e comharra a th’ ann den tàlant chruthachail a tha ri fhaighinn sa ghnìomhachas telebhisean is film Gàidhlig.”

Tha FilmG aig MG ALBA gu math cudthromach airson a bhith a’ fosgladh suas chothroman airson daoine a tha airson filmichean a dhèanamh an dà chuid aig ìre eadar-nàiseanta agus aig an taigh. Chaidh “Siubhlachan” a chur a-steach do fharpais Duaisean BAFTA Scotland New Talent 2009 agus thug seo piobrachadh mòr don fhilm. Tha filmichean bho fharpais FilmG cuideachd air a bhith ann an taighean-deilbh air feadh Alba anns na coimhearsnachdan agus cuideachd mar phàirt de iomairt Hi-Arts airson seirbhis film a’ thoirt do coimhearsnachdan ionadail tron Screen Machine.

Bu choir do dhuine sam bith a tha a’ smaoineachadh mu dheidhinn film goirid a dhèanamh airson farpais FilmG 2009 a’ bhith beachdachadh air film a dhèanamh airson luchd-amharc eadar-nàiseanta. Gheibhear tuilleadh fiosrachadh air làrach FilmG www.filmg.co.uk.