Naidheachdan > 2009

16 Samhain 2009

BALL-COISE SFL BEÒ RI FHAICINN AIR BBC ALBA

Tha Lìog Ball-coise na h-Alba agus BBC ALBA air foillseachadh gum bith còig geama ri fhaicinn beò air BBC ALBA eadar an t-Samhain agus deireadh an t-sèasan seo.

‘S e Partick Thistle an aghaidh Morton aig Pàirc Firhill air Diluain 4 Faoilleach a chiad geama anns an t-sreath seo leis am prògram a tòiseachadh aig 7.30f agus a gheam a tòiseachadh aig 7.45f.

Mar pàirt sònraichte den phrògram chìthear luchd-leantainn ball-coise na pìosan as fheàrr bho na geamaichean a thèid a’ chluich air Disathairne 2 Faoilleach le Caley Thistle Inbhir Nis agus Ross County na measg.

Thèid dà gheam a bharrachd bhon SFL fhaicinn air BBC ALBA anns a’ Ghiblean agus an Cèitean 2010 mus bith Cuairtean-Dheireannach prìomh lìog an SFL ann aig deireadh an sèasan.

Thuirt Alan Esslemont, Ceann Phrògraman BBC ALBA “Tha sinn toilichte gum b’urrainn dhuinn naidheachd seo fhoillseachadh mu dheidhinn na geamannan beò a tha ri thighinn bhon SFL”.

Bhon thoiseach, tha BBC ALBA air a bhith airson spòrs aig ìre proifeiseanta agus bhon coimhearsnachd a’ thaisbeanadh agus tha na geamannan seo a cuir ris am pasgan a tha againn far a bheil geamannan SPL agus geamannan beò Cupa Dùbhlan ALBA againn”

Thuirt David Longmuir, Àrd Oifigeir SFL “The an aonta ùr seo eadar an SFL agus BBC ALBA airson geamannan beò fhaicinn bho Liòg Ball-coise na h-Alba a’ toirt spionnadh do na sgiobaidhean agus gu bheil Lìog Ball-coise na h-Alba a faighinn do na meadhanan mar bu chòir”

Tha sinn uile aig Lìog Ball-coise na h-Alba toilichte gu bheil BBC ALBA a toirt taic dhuinn aon uair eile agus tha sinn den bheachd gu bheil an càirdeas eadar an dà bhuidheann math airson an d`a bhuidheann”

Tha sinn an dòchas gum bith luchd-leantainn toilichte gu bheil cothrom gu bhith aca geamannan tarraingeach fhaicinn beò air telebhisean”