Naidheachdan > 2009

24 Lùnasdal 2009

BBC ALBA A’COMHARRACHADH LATHA HIORT

Thèid a chiad Latha Hiort a chumail air 29mh Lùnasdal mar pàirt den Bhliadhna Tilleadh Dhachaidh 2009 agus thèid an latha a’ chomharrachadh air BBC ALBA far am bith sreath phrògraman ri fhaicinn thairis air an deireadh-seachdain.

Tha Latha Hiort a' cumail cuimhne air an eilean is air an t-sluagh, air am beatha is an dìleab, ann an ceòl is òrain, facail is ìomhaighean, sgeulachdan is film. Togaidh Latha Hiort cuideachd air an tachartas St. Kilda: The Opera a bha cho soirbheachail ann an 2007

‘Se An t-Hiortach a chiad prògram anns an t-sreath a chìthear air BBC ALBA air Disathairne 29mh Lùnasdal aig 10f. Tha am prògram a leantainn Tormod Mac Gill Iosa, am fireannach mu dheireadh a tha beò agus a rugadh air Eilean Hiort ‘s e tilleadh air ais chun an eilean ‘s e gu bhith aois ceithir fichead bliadhna.

Norman Gillies
Tormod Mac Gill Iosa air turas air ais gu Eilean Hiort

Norman Gillies
Tormod Mac Gill Iosa le dealbh am màthair ‘s e na balach beag

Chìthear sgeulachd gaol air Mac Talla nan Eun a bhios air BBC ALBA air Didòmhnaich 30mh Lùnasdal aig 3.30f. Thèid an sgeulachd innis tro iomadh meadhan le dannsa ballet air creagan Hiort na measg.

Air Didòmhnaich 30mh Lùnasdal aig 10f chìthear Am Pòsadh Hiortach a bhios a coimhead air co leis a bha beatha na daoine coltach air an eilean ro 1930.

Thèid am prògram mu dheireadh anns an t-sreath, Trusadh – Na Hiortaich Ùr, a’ craoladh air Diluain 31mh Lùnasdal aig 9mh a bhios a toirt siùil air an eilean agus mar a tha e an diugh.

Chaidh Latha Hiort a chur ri chèile le Pròiseact nan Ealan agus tha iad an dòchas gun tèid Latha Hiort a ‘chumail mar tachartas bhliadhnail.

Gheibhear BBC ALBA air Sky sianal 168 agus Freesat sianal 110

• An t-Hiortach – Disathairne 29mh Lùnasdal 10f
• Mac talla nan Eun – Didòmhnaich 30mh Lùnasdal 3.30f
• Am Pòsadh Hiortadh – Didòmhnaich 30mh Lùnasdal 10f
• ‘Trusadh - Na Hiortaich Ùr – Diluain 31mh Lùnasdal 9f le ath-chraoladh air Dimàirt 1mh Sultain aig 10f