Naidheachdan > 2009

FilmG banner

22 Iuchar 2009

FILMG 2009 AN TÒIR AIR TÀLANTG – A BHEIL THU DEISEIL AIR A SHON?

Tha FilmG 2009, co-fharpais fhilmichean goirid Gàidhlig aig MG ALBA, air TàlantG a
chur air bhog, a’ toirt tuilleadh chothroman do fhilmeadairean aig nach eil Ghàidhlig, a tha airson a’ dol an sàs sa cho-fharpais, a dh’obair an co-bhanntachd ri Gàidheil.

A’ CUR AN AITHNE TÀLANTG


talantG logo

Tha TàlantG ri fhaotainn aig www.filmg.co.uk a’ toirt cothrom air buidheann de luchd-labhairt Gàidhlig a tha deònach comhairle phractaigeach agus taic sgilean cànain a thoirt do fhilmeadairean, cleasaichean, luchd-cluiche no sgrìobhadairean sgriobtan.

FILMG – SLIGHE GU SOIRBHEAS

Siubhlachan

Bidh FilmG a’ toirt a’ chothruim aithneachadh fhaighinn bho choimiseanairean
sianail BBC ALBA cho math ri bhith a’ cosnadh cliù aig ìre eadar-nàiseanta:

  • Ùisdean Moireach, buannaiche Film Proifeiseanta 2008 airson fhilm ‘Siùbhlachan’:
    • Chaidh fhilm a shealltainn aig Fèis Filmichean “Time” san Eilbheis;
    • Bidh e a’ frithealadh Fèis Eadar-nàiseanta “Fantastic Film” ann am Puchon, Coirea a Deas agus;
    • Chaidh fhilm a shealltainn mar phàirt de cho-bhanntachd filmichean goirid BAFTA na h-Alba aig T sa Phàirc 2009
  • Tha Ùisdean cuideachd a’ leasachadh ‘Siùbhlachan’ an-dràsta ach an tèid a
    chraoladh air BBC ALBA san àm ri teachd.

FilmG 2009 – FOSGAILTE DO DH’INNTRIGIDHEAN

Submit button

FilmG 2009 – ’S e ‘Gaisgeach’ an cuspair; agus thathas gu h-àraidh airson
compàirteachas oileanach air cùrsa nam meadhanan, no ceangailte riutha, a
bhrosnachadh. Bidh TàlantG a’ toirt seachad seirbheis do-sheachnaichte feumail agus a’ fosgladh dhorsan a-steach do na meadhanan Gàidhlig airson an àm ri teachd.

Faodaidh daoine filmichean airson farpais FilmG 2009 a chur suas air-loidhne
aig www.filmg.co.uk. Gabhar ri inntrigidhean gu 20 Samhain 2009. 

Airson FilmG 2009, gheibhear na duaisean a leanas:

  • £3,000 airson an Dràma/Comadaidh as fheàrr;
  • £3,000 airson Film Aithris as fheàrr agus;
  • ’S e £1,500 an duais as motha airson an Fhilm as fheàrr ann an roinn an
    òigridh (aois 12-17)

Airson tuilleadh fiosrachaidh air FilmG 2009, tadhail air www.filmg.co.uk. Faodaidh
luchd-labhairt Gàidhlig a tha deònach an taic a thoirt seachad, agus filmeadairean
a tha airson fios a chur gu buill TàlantG, post-d a chur gu fios@filmg.co.uk air neo,
faodaidh iad Cànan fhònadh air 01471 888 500.

FilmG footer