AIR AIS
TASGLANN NAIDHEACHDAN
2010
2009
Bhliadhna nan Òran
Bhotadh FilmG
Trad Music in the Media
Ball-coise SPL Beò
Siùbhlachan aig Feis Film
Ceangalan Eadar-nàiseanta tro Naidheachdan BBC ALBA
Urras a’ BhBC
Geàrr-liosta duaisean BAFTA
Litir Naidheachd Dàmhair
Farpaisean Chon-chaorach
Ceòl Country
Mòd 2009 beò bhon Òban
ALBA Challenge Cup 2009
Clàr-phrògraman an Fhoghair
FilmG - Stiùiriche Cliùiteach
Breab air tilleadh
St Kilda
Tattoo Hebrides
Farpaisean Nàiseanta Chon-chaoraich
Celtic V Dinamo Moscow
Aodann Ùr
TalantG
Actors Cut
MA Sgrìobhadh Ficsean airson TV
Siubhlachan
Challenge Cup 2009
Shinty Coverage
FilmG 2009/10
Ladies Cup Final
Madame Ecosse
Hardeep Singh Kohli
Celtic Media Festival
Thomas Telford
Sinne is Alba
Soillse - The Black Starlets
Country Music
Partick Thistle V Dundee
Sir Jackie Stewart
Newsletter March
Alex Norton
Shinty
FilmG Awards
Newsletter February
Robert Burns
Celtic Connections
SFA Football
Tadhal Phadraig
BAFTA New Talent
Rapal
Newsletter January
2008
TATÙ INNSE GALL 2009 AIR BBC ALBA
Disathairne 19mh Sultain aig 22:00 air BBC ALBA
Tha BBC ALBA air fhoillseachadh gum bith iad a’ clàradh Tatù Innse Gall, cèilidh sònraichte ann an Steòrnabhagh mar pàirt den Tilleadh Dhachaidh 2009.
Chaidh an Tatù a’ chuir air dòigh le Urras Goireas Steòrnabhagh, agus bidh cuid de na prìomh pìobairean aon-neach agus còmhlain-ciùil aig Colaiste na Caisteal air Dihaoine 7mh ‘s Disathairne 8mh Lùnasdal. Am measg na bhios a ‘gabhail pàirt tha na 78th Fraser Highlanders à Chanada a’ bhuannaich Farpais Còmhlan Pìobaireachd na Cruinne ann an Glaschu an uiridh.
‘S e MacTv a’ bhios a’ clàradh prògram sònraichte airson BBC ALBA le Tormod MacArtair a’ lìbhrigeadh am prògram, a thèid a’ chraoladh air Disathairne 19 An t-Sultain aig 10f. Rugadh Tormod ann an Inbhir Pheofharan agus ‘s e pìobaire ‘s seinneadair ainmeil a th’ ann.
Thèid prògram a dhèanamh cuideachd airson craoladh air BBC Rèidio na Gàidheal le Anna Mhoireach, far a’ Bhac, ann an Eilean Leòdhas a’ lìbhrigeadh a phrògram seo.
Thèid caismeachd agus tachartasan eile a’ chumail air Dihaoine 7mh Lùnasdal airson an Tatù fhosgladh far am bidh cuid de na còmhlain-ciùil a’ phìob agus luchd-ciùil a’ bharrachd air seinneadairean Gàidhlig, Dannsairean Gaidhealach agus cleasan-teine.
Air Disathairne, thèid caismeachd eile tro sràidean Steòrnabhagh, agus thig crìoch air a latha le Cèilidh Mhòr. Bidh mòran luchd-ciùil ann, mar Ceann-phìobaire Gordon Walker, Catriona Watt agus an còmhlan-ciùil aice, Iain “Ikey” Mac Gille-Mhìcheil, Deoch ’n’ Dorus, agus Buidheann Bocsa ‘s Fidheal Eilean Leòdhas ‘s Na Hearadh.
Bidh am program air BBC ALBA a’ coimhead ri sgeulachdan “tilleadh dhachaidh” le sgeulachd Bruce Mac Ghill Eathain nam measg. Thàinig an teaghlach aige à Uig, ann an Eilean Leòdhas, agus bidh e a’ tilleadh airson a’ chiad turas don eilean. Bidh e a’ tachairt le teaghlach aige agus thèid e turas mun cuairt a choimhearsnachd.
Thèid Tatù Innse Gall 2009 a’ chraoladh air BBC ALBA air an oidhche 19mh den t-Sultain aig 10f. Gheibhear BBC ALBA air Sky 168 agus Freesat 110.