AIR AIS
TASGLANN NAIDHEACHDAN
2010
2009
Bhliadhna nan Òran
Bhotadh FilmG
Trad Music in the Media
Ball-coise SPL Beò
Siùbhlachan aig Feis Film
Ceangalan Eadar-nàiseanta tro Naidheachdan BBC ALBA
Urras a’ BhBC
Geàrr-liosta duaisean BAFTA
Litir Naidheachd Dàmhair
Farpaisean Chon-chaorach
Ceòl Country
Mòd 2009 beò bhon Òban
ALBA Challenge Cup 2009
Clàr-phrògraman an Fhoghair
FilmG - Stiùiriche Cliùiteach
Breab air tilleadh
St Kilda
Tattoo Hebrides
Farpaisean Nàiseanta Chon-chaoraich
Celtic V Dinamo Moscow
Aodann Ùr
TalantG
Actors Cut
MA Sgrìobhadh Ficsean airson TV
Siubhlachan
Challenge Cup 2009
Shinty Coverage
FilmG 2009/10
Ladies Cup Final
Madame Ecosse
Hardeep Singh Kohli
Celtic Media Festival
Thomas Telford
Sinne is Alba
Soillse - The Black Starlets
Country Music
Partick Thistle V Dundee
Sir Jackie Stewart
Newsletter March
Alex Norton
Shinty
FilmG Awards
Newsletter February
Robert Burns
Celtic Connections
SFA Football
Tadhal Phadraig
BAFTA New Talent
Rapal
Newsletter January
2008
30 Màrt 2009
TÒMAS TELFORD: A' TOGAIL NA GAIDHEALTACHD
‘Sann an ochd ceud deug ‘sa h-aon a ghabh fear le eanchainn cho geur sa thàinig riamh à Alba a’ chiad cheum gus cuideachadh a thoirt dhan Ghaidhealtachd, creachte aig na Fuadaichean. Canaidh feadhainn gu robh buaidh nas làidire aig obair an einnseanair Tòmas Telford air an taobh tuath na bh'aig Achd a’ Chroiteireachd ann an 1886.
Ann am film sònraichte tarraingeach a rinneadh do BBC ALBA: 'Tòmas Telford: A' Togail na Gaidhealtachd', tha luchd na Gàidhlig - luchd-einnseanaraidh, eòlaichean eachdraidh agus pearsachan-eaglais a’ mìneachadh dhuinn an t-ùrachadh a chruthaich aon duine air a’ Ghaidhealtachd.
Nam measg tha Dòmhnall Meek, air leth eòlach air eaglaisean Telford air Ghaidhealtachd, agus e fhèin ag obair air leabhar air einnseanaradh an Alba ‘san naoitheamh linn deug. Cluinnear cuideachd bhon einnseanar dhrochaidean, Anndra MacLeòid, agus bho Dhòmhnall Iain MacAonghais, aig a bheil cùram geat’uisge air Canàl Chaledonia.
Donald Meek
Bha Tòmas Telford fichead bliadhna a’ togail Canàl Chaledonia. Am pròiseact a b'adhartaiche dhen t-seòrsa a’ chunnaic an saoghal riamh, thug e obair dha na mìltean agus fìor bhrosnachadh do dh’obair an iasgaich an Alba. Cha robh dhìth air Telford ach a bhi trang, agus bha e cuir thairis le pròiseactan ùra: fhad’s a bha obair a chanàil a’ dol air adhart, thog e cuideachd còrr is mìle mìle rothaid an Alba. Chan e na sligheachan casa a’ dhealbhaich Wade airson caismeachd shaighdeirean, ach rothaidean còmhnard le leòidean furasta an dìreadh, a bheothaicheadh gnìomhachas, siubhal is malairt.
Neptune's Staircase, Caledonian Canal
Thog e sia fichead drochaid, mòran dhiu gan cleachdadh fhathast: Dùn Chailleann, Sligeachan, Drochaid an Aonachain, Drochaid Seile agus Creag Eileachaidh nam measg. Thathar cuideachd a’ dèanamh feum dhe na calaidhean aige ann am Port Righ, Tobar Mhoire, Diùraidh agus Inbhirgòrdan.
Agus nuair a bha feum aig Eaglais na h-Alba air eaglaisean ùra air feadh na dùthcha, dhealbhaich Telford còrr is deich thar fhichead dhiu. Ann an Uibhist, Ile, is Earraghaidheal, ‘san Eilean Sgiathanach agus an Ì Chaluim Chille, tha Gàidheil fhathast ag adhradh ann an eaglaisean Telford is ministirean a’ còmhnaidh sna mansaichean a’ dhealbhaich e.
‘S iomadh pròiseact ‘san deach e an sàs air Ghaidhealtachd nach do ghabh e sgillinn ruadh air a shon, no far an do dh’obraich e airson an tuarasdal a b’ìsle. Aig àm nuair a bha cuimhne gu math searbh fhathast aig na Sasunnaich ‘sna Goill air Bliadhna Theàrlaich, bha Tòmas Telford as na Crìochan a’ dèanamh a dhìchioll ach am biodh bunstructair agus siostaman conaltraidh aig a’ Ghaidhealtachd, a fhreagradh air an àm ri teachd.
Chan urrainn dhuinn siubhal air feadh na Gaidhealtachd is nan Eilean gun tachairt air rudaigin a thog e - ach ‘s gann gu bheil cuimhne aig na Gàidheil cho fada sa tha iad na chomain. Nì am film seo luaidh air obair dhuine shònraichte, fear le lèirsinneachd a’ dhèanadh feum do Ghaidhealtachd an là an diugh.
Thèid Tòmas Telford: A' Togail na Gaidhealtachd a chraoladh air BBC ALBA air Diluain an 6mh den Ghiblean aig 21:00, agus gheibhear e air Sky sianal 168 agus Freesat sianal 110.