AIR AIS
TASGLANN NAIDHEACHDAN
2010
BBC ALBA air Freeview
Bill Paterson agus an Gruffalo
Bhòt air 'Bliadhna nan Òran'
Nollaig Chridheil bho BBC ALBA
David Hayman - Trial & Retribution
Taisbeanadh de film ùr ‘An Seòladh’
Clàr-phrògraman an Fhoghair
Mòd Nàiseanta Rìoghail 2010
FilmG 3 fosgailte airson filmichean
iTRAD
Peppa DVD
Blas 2010
Sreath ùr BREAB
Am Prìomh Mhinistear a' foillseachadh taic-airgid do FilmG
Campaichean na h-Eaglais Saoire
Aithisg Ofcom
Piping Live! air BBC ALBA
Air Turas le BBC ALBA
Taic bho Comhairle Luchd-amhairc a' BhBC
Camanachd beò air BBC ALBA
Tàlant ùr air BBC ALBA
Magners League Rugby air BBC ALBA
Làrach-lìn ùr - Bliadhna nan Òran
MG ALBA Scots Trad Music Awards 2010
Làmh an Uachdar aig FilmG
Cupa Dùbhlan ALBA 2010
Shetland Folk Festival
Tormod: A Life
Fèis nam Meadhanan Cheilteach
Cùmhnant Craolaidh Ùr airson an SPL
Sgrùdaidh air BBC ALBA
Fèis Cheòl Dùthchail Ghallaibh
Làrach-lìn ùr Gàidhlig
Fèis Film Ghlaschu
Duaisean FilmG
Fergie Beag Glas
Joe Thomas aig duaisean FilmG
Geàrr-liosta Duaisean Fèis nam Meadhanan Cheilteach
2009
2008
5 Iuchar 2010
MG ALBA A’ CUR FÀILTE AIR TAIC COMHAIRLE LUCHD-AMHAIRC A’ BHBC AIRSON FREEVIEW
Tha MG ALBA (Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig), an-diugh a’ cur fàilte air taic ùr airson sgaoileadh BBC ALBA air Freeview.
Tha Comhairle Luchd-amhairc a’ BhBC airson na h-Alba air beachd soilleir a chur an cèill ann an Aithisg Bhliadhnail a’ BhBC ann an Alba gun tigeadh àrdachadh susbainteach sna h-àireamhan aig am biodh cothrom BBC ALBA fhaicinn an lùib sgaoileadh an t-seanail air Freeview.
Tha a’ Chomhairle Luchd-amhairc cuideachd air a ràdh gun robh BBC ALBA air sealltainn gun robh e tarraingeach do mhòr-shluagh na h-Alba, a bharrachd air luchd-labhairt na Gàidhlig – ged nach eil ach 40% de dhaoine ann an Alba a’ faighinn an t-seanail aig an àm seo.
Thuirt Alasdair Moireasdan, cathraiche MG ALBA – a tha a’ ruith BBC ALBA ann an co-bhanntachd leis a’ BhBC – “Tha Comhairle Luchd-Amhairc na h-Alba ceart a bhith a’ comharrachadh nam buannachdan mòra airson luchd-amhairc ann an Alba ma tha BBC ALBA ri fhaighinn air Freeview.
“Tha sinn toilichte cuideachd gu bheil a’ chomhairle air aithneachadh gu bheil BBC ALBA glè tarraingeach do luchd-amhairc farsaing ann an Alba, gu tric nas farsainge na seirbheisean eile a’ BhBC. Tha sinn an dòchas gum bi Urras a’ BhBC a’ toirt fa-near beachdan na comhairle ann an bhith a’ tighinn gu co-dhùnadh air Freeview am bliadhna.”
Tha àireamhan luchd-amhairc airson BBC ALBA air a bhith rèidh, le daoine a’ coimhead an t-seanail airson ùine nas fhaide. Is e an àireamh mheadhanach airson ruigse sam bith 220,000 duine gach seachdain, agus aig amannan tha an àireamh air a bhith nas àirde na cairteal a’ mhillean. Bha ruigse nas fhaide na 15 mionaid air feadh na h-Alba aig àireamh mheadhanach 180,000 san t-seachdain sna 12 mìosan gu 31 Màrt 2010.
Thuirt Mgr Moireasdan: “Tha àireamhan an luchd-amhairc glè chreideasach agus tha iad math an coimeas leis na h-àireamhan airson sheanailean didseatach eile ann an Alba. Tha na h-àireamhan air a bhith làidir, agus feumar a chuimhneachadh gu bheil na h-àireamhan airson na bliadhna uiridh cuideachd a’ toirt a-steach nan àireamhan àrda a bha a’ coimhead BBC ALBA air a’ chiad chraoladh, a bha cuideachd air BBC2.
“B’ urrainn dhuinn tòrr a bharrachd a dhèanamh a thaobh àireamhan luchd-amhairc nan robh BBC ALBA air Freeview. Ma ghabhas sin a dhèanamh, bidh àrdachadh mòr san àireamh a tha a’ gabhail tlachd ann an seanail a tha a’ craoladh fìor dheagh phrògraman Albannach.”