Naidheachdan > 2010

7 Dàmhair 2010

CLÀR-PHRÒGRAMAN AN FHOGHAIR AIR FHOILLSEACHADH LE BBC ALBA

Tha BBC ALBA air clàr-phrògraman an Fhoghair, làn phrògraman tarraingeach, fhoillseachadh an-diugh (Diardaoin) Pacific Quay ann an Glaschu.

Autumn Launch (2) (LtR): Alastair Kellock (Glasgow Warriors captain), Catriona MacPhee (Presenter of Ginger Gene), Trevor Lynch (Central Scotland Fire & Rescue Service) with accelerant detector dogs Mitch & Jay, Johnnie Beattie (Glasgow Warriors)

Tha BBC ALBA a-nis air a bhith air an adhair barrachd air dà bhliadhna, agus tha an seanail fhathast a’ craoladh measgachadh de phrògraman Albannach aig àrd ìre, eadar naidheachdan, prògraman aithris, sreathan air cùisean làitheil agus creideamh, cur-seachad, ceòl, prògraman do chlann agus òigridh, agus prògraman spòrs.

Tha BBC ALBA air buaidh mhòr a thoirt air craoladh ann an Alba bhon a thòisich e, agus leis a’ chlàr ùr, tha an seanail a’ comharrachadh cho cudromach ’s a tha BBC ALBA do na companaidhean riochdachaidh neo-eisimeileach.

Ann an 2009 chaidh thairis air 260 uairean de phrògraman a dhèanadh le companaidhean neo-eisimeileach ann an Alba, agus am bliadhna-sa thèid barrachd air 620 uairean de phrògraman ùra a’ dhèanamh air feadh Alba – 70% dhiubh air an riochdachaidh le companaidhean neo-eisimeileach, le Sorbier Productions, TernTV, Bees Nees, MacTV agus mneTV nam measg.

Am measg nam prògraman ùra ann an clàr an Fhoghair air BBC ALBA bidh:

Dìleas: Sreath ùr a’ coimhead air coin-obrach ann an Alba, leithid Buddy, a bhios a’ lorg dhrugaichean mì-laghail, agus Mitch agus Jay, na h-aon choin ann an Alba a tha comasach air stuthan-luathachaidh teine a lorg, is iad ag obair còmhla ri Seirbheis Smàlaidh agus Teasairginn Meadhan na h-Alba.

Partaig: Ainmeil tro na bliadhnaichean mar chridhe coimhearsnachd nan Gaidheal ann an Glaschu, tha sgìre Phàrtaig gu bhith fo phrosbaig ann an sreath ùr, a’ leantainn beatha làitheil nan Gaidheal agus a’ coimhead air cho làidir ’s a tha fèin-aithne nan Gaidheal sa bhaile an-diugh.

Partaig: Featured members of BBC ALBA’s new Partaig series - (LtR) Nan MacDonald, Aileen Stewart, Donnie Finlayson, Murdo John Graham, Liz Pyper and Shona Masson

Ruadh: Tha falt ruadh air 13% de dh’Albannaich, an àireamh as àirde san t-saoghal, agus tha a’ ghine airson falt ruadh aig leth-chuid de dhaoine san dùthaich. Tha Catrìona Nic a’ Phì moiteil às an fhalt ruadh aice agus tha i a’ feuchainn ri faighinn a-mach dè tha air cùl nan àireamhan. Tha an stòiridh a’ toirt a-steach saidheans-gineach, fèin-aithne, leth-bhreith agus fiù ’s an cunnart gun tèid daoine le falt ruadh à bith. Dha Catrìona, is e sgeul teaghlaich agus sinnsireachd a th’ ann, agus tha “Ruadh” ag innse a sgeulachd-se mu cho cudromach ’s a tha e a bhith ruadh.

Thar an Aiseig: Chaidh “Thar an Aiseig” a chlàradh thairis air 12 mìosan, a’ coimhead air na dùbhlain a tha ro na daoine a tha a’ seòladh thar chuan agus caolais na h-Alba. Bidh sinn a’ coinneachadh leis na sgiobaidhean agus an luchd-turais a tha a’ siubhal gu làitheil air na bàtaichean-aiseig. Dè thachras nuair a bhriseas einnsein agus na ceudan de luchd-siubhail gun ghluasad? Am bi tè aig a bheil dùil ri leanabh a’ dùsgadh fear a’ bhàta air an oidhche airson a toirt dhan ospadal? Agus am bi an aon bhoireannach a tha a’ stiùireadh bàt’-aiseig soirbheachail sna deuchainnean aice agus a’ sealltainn dha na fireannaich gun dèan ise a h-uile rud a nì iadsan?

Ceòl: Tha fèisean ciùil bho air feadh na h-Alba aig cridhe nam prògraman ciùil air BBC ALBA, le ceòl dùthchasach, dùthchail agus “indie” ri chluinntinn ann am prògraman mar Horo Gheallaidh agus Tìr nan Òran, a’ comharrachadh Bliadhna nan Òran air a’ BhBC.

Thuirt Mairead Màiri Mhoireach, Ceannard Seirbheis BBC ALBA: “Is e seirbheis Ghàidhlig a th’ ann am BBC ALBA, a’ toirt phrògraman sònraichte do luchd-amhairc ann an Alba. Tha e air a bhith air leth soirbheachail bho thòisich e agus tha e a’ còrdadh ri daoine aig a bheil agus aig nach eil a’ Ghàidhlig air feadh na h-Alba. Tha sinn a’ coimhead le fiughair ri bhith a’ craoladh nam prògraman ùra seo, air an dèanamh le riochdairean tàlantach Albannach.”

Thuirt Alan Esslemont, Ceannard Phrògraman BBC ALBA: “Tha sinn air ar dòigh leis na prògraman ùra a th’ againn airson an fhoghair agus a’ gheamhraidh. Bidh sreathan aithriseach againn, leithid “Dìleas”, agus prògraman inntinneach mar “Ruadh”, agus bidh “Eòrpa”, a tha air tòrr dhuaisean a ghleidheadh, air ais airson sreath ùr. Cuideachd, bidh “Peppa Pig” agus “Dè a-nis?” ann airson na cloinne. Bidh ceòl agus tachartasan bho air feadh na dùthcha againn, nach bi rim faicinn ach air BBC ALBA, agus bidh na prògraman spòrs againn a’ leantainn, a-nis le rugbaidh proifeiseanta nam measg, agus tha na prògraman seo a’ còrdadh gu mòr leis an luchd-amhairc.”

Thuirt Alasdair Moireasdan, Cathraiche MG ALBA: “Tha an seanail air adhartas mòr a dhèanamh sa chiad dà bhliadhna, a’ tabhann phrògraman thar na gnèithean-phrògraman gu lèir a tha a’ còrdadh ri luchd-amhairc ann an Alba. Tha mi cuideachd gu math toilichte gu bheil coimiseanan airson BBC ALBA a’ toirt buaidh cho cudromach air craoladh ann an Alba, air a’ ghnìomhachas chruthachail agus air na companaidhean riochdachaidh neo-eisimeileach.

“Is e àm fìor chudromach a th’ ann airson leasachadh an t-seanail agus sinn a’ feitheamh air co-dhùnadh Urras a’ BhBC a thaobh sgaoileadh BBC ALBA air Freeview, a cheadachadh dhuinn an seanail a thabhann do bharrachd dhaoine ann an Alba.”

Tha BBC ALBA air a libhrigeadh le co-bhanntachd eadar am BBC agus MG ALBA (Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig), co-bhanntachd shònraichte a tha a’ tabhann seirbheis phoblach shoirbheachail.