Naidheachdan > 2010

23 Màrt 2010

FREAGAIRT MG ALBA GU BRATH-NAIDHEACHD URRAS A’ BHBC AIR BBC ALBA

A’ leantainn air fios bho Urras a’ BhBC an-diugh gum bi e a’ sìneadh a sgrùdaidh air BBC ALBA, thuirt Alasdair Moireasdan, Cathraiche MG ALBA: “Tha an naidheachd seo na bhriseadh dùil, oir bha sinn an dòchas gum biodh e an comas Urras a’ BhBC cead a thoirt seachad airson Freeview an-dràsta.

“Thathas ag aithneachadh gu bheil an sianal air a bhith soirbheachail, agus cha robh buaidh aig seo air a’ cho-dhùnadh an-diugh. Is e an aon cheist ri rèiteachadh dè na seirbheisean a bhios rim faighinn air feadh na h-Alba. Leanaidh sinn oirnn le bhith ag obair còmhla ri Urras a’ BhBC agus leis a’ BhBC fhèin sna mìosan a tha romhainn airson Freeview a ghleidheadh airson luchd-amhairc, a rèir adhbhar-bith BBC ALBA mar sheirbheis chraolaidh phoblach.

“Tha sinn a’ tuigsinn gu bheil a’ chuid as motha de na daoine a chuir freagairtean gu co-chonaltradh Urras a’ BhBC, luchd-stiùiridh a’ BhBC agus luchd-poileataics bho gach partaidh ann an Alba a’ cur taic ris an iomairt airson BBC ALBA a chur air Freeview.

“Feumar coimhead air a’ bhuaidh air seirbheisean eile, leithid stèiseanan rèidio, ann an co-theacsa ceart. Cha toir Freeview airson BBC ALBA buaidh mhòr air rèidio, oir bidh na stèiseanan seo fhathast rim faighinn air rèidio agus air-loidhne.”