Naidheachdan > 2010

31 Lùnastal 2010

PRÒGRAMAN FÈIS BLAS 2010 GU BHITH AIR BBC ALBA

Le Fèis Blas 2010 a’ tòiseachadh an t-seachdain seo, tha BBC ALBA air ainmeachadh gu bheil tachartasan bhon fhèis gu bhith rim faicinn air BBC ALBA thairis air an Lùnastal agus an Dàmhair.

Tha Fèis Blas a’ comharrachadh dualchas, ceòl agus cànan na Gàidhealtachd agus bidh BBC ALBA a’ clàradh ceithir de na prìomh chuirmean-ciùil.

Tha an fhèis a’ dol air adhart air feadh na Gàidhealtachd far a bheil coimhearsnachdan a’ faighinn a’ chothruim cuid de na prìomh luchd-ciùil traidiseanta agus seinneadairean Gàidhlig fhaicinn agus far a bheil cothroman mòra ann airson òigridh cuideachd.

Thèid na prògraman a tha a-mhàin aig BBC ALBA a lìbhrigidh le Kirsteen NicDhòmhnaill agus bidh iad mar a leanas:

  • Dihaoine 3 Sultain – Blas aig Port-adhair Inbhir Nis le Shooglenifty, Skerryvore agus Niteworks

  • Diciadain 8 Sultain – prògram bho Àrainn Shuaineart, Àrd na Murchan le Phil Cunningham agus Aly Bian le taic bho Mhairead Nic IllFhaoileinn

  • Disathairne 4 Sultain – cuirm-ciùil an Fhosglaidh bho Eden Court le Bodega, Meantime, Bruce MacGregor agus caraidean, luchd-ciùil Canal Caledonian agus Iain Moireasdan ’s a chòmhlan

  • Diardaoin 9 Sultain – Ionad Nibheis, A Ghearasdain le Donnie Rothach ‘s a chòmhlan agus Ingrid Nic Eanraig, Iain Mac Phàrlain agus Eòghainn Robasdan

Tòisichidh na prògraman air BBC ALBA le Donnie Rothach ‘s a chòmhlan agus chìthear na prògraman mar a leanas air BBC ALBA:

  • A’ Chiad phrògram bho Ionad Nibheis – air Disathairne 18 Sultain aig 9f le ath-chraoladh air Dihaoine 24 Sultain aig 11.30f
  • Prògram Dhà – Eden Court air Disathairne 25 Sultain aig 9f le ath-chraoladh air Dihaoine 1 Dàmhair aig 11.30f
  • Prògram Trì bho Port-adhair Inbhir Nis air Disathairne 2 Dàmhair aig 9f le ath-chraoladh air Dihaoine 8 Dàmhair aig 11.30f
  • Prògram 4 - Àrd na Murchan air Disathairne 9 Dàmhair aig 9f le ath-chraoladh air Dihaoine 15 Dàmhair aig 11.30f

‘S ann le Comhairle na Gàidhealtachd ann an co-bhann le Fèisean nan Gàidheal agus Lìonraidh Promoters Arts (PAN) a tha Fèis Blas. Tha Comhairle na Gàidhealtachd air cùmhnant aontachadh le Fèisean nan Gàidheal airson obrachadh còmhla ri buidheann PAN ‘s eile airson an fhèis a leasachadh.

Gheibhear fiosrachadh mu dheidhinn tachartasan Blas 2010 air
www.blas-festival.com
.