Naidheachdan > 2010

4 Òg Mhios

LÀRACH-LÌN ÙR BHO BBC ALBA: bbc.co.uk/oran

Tha BBC Gàidhlig air leth toilichte a bhith a’ foillseachadh làrach-lìn ùr a tha cur taic ris a’ phroiseact ioma-fhìllte, Bliadhna nan Òran. Tro 2010, bidh an làrach a’ cur ris na prògraman a th’ air an craoladh air BBC Radio nan Gaidheal agus air BBC ALBA agus a’ toirt an cothrom do dhaoine coimhead agus èisteachd ri taghadh de na h-òrain as fheàrr a tha rin lorg ann an tasglann Ghàidhlig a’ BhBC.

Air www.bbc.co.uk./oran gheibhear an cothrom fiosrachadh a’ lorg gu sgiobalta agus gu sìmplidh tro cheithir prìomh earrainnean: Òrain, Sgrìobhaichean, Cusapirean agus Seinneadairean. A thuilleadh air iad sin, tha fiosrachadh ann mu phrògraman agus taghadh à Tasglann a’ Mhòid far an cluinnear clàraidhean bho na bliadhnaichean eadar 1946 agus 1979.

Tha an làrach a’ taisbeanadh am beartas de dh’ òrain Ghàidhlig a th’ ann an tasglann a’ BhBC le taghadh on a h-uile ceàrnaidh de dh’Alba: bho cuid de na clàraidhean fuaim is bhidio as sean gu cuid a chaidh a chlàradh a dh’aona-ghnothaich gus Bliadhna nan Òran a chomharrachadh le fiosrachadh mun coinneamh.

An-diugh air www.bbc.co.uk./oran tha cothrom ann èisteachd ri 440 òran cuide ri nam faclan, 140 criomag bho phrògraman rèidio agus còrr is 190 criomag bhidio bho phrògraman telebhisean leithid ‘Se Ur Beatha agus Aig Cridhe ar Ciùil. Tha cunntais-beatha ann mu choinneamh 250 seinneadair agus sgrìobhaiche.
Gheibhear ceangal gu Òran an Là a th’ air a bhith air leth soirbheachail air BBC Radio nan Gaidheal tron làraich cuideachd. Bidh na prògraman slàn rim faotainn cuide ri teacsa ann an cruth a tha facal air an fhacal – goireas a bhios tarraingeach agus a bheir taic do luchd-ionnsachaidh a’ chànain.

Thuirt Mairead Màiri Mhoireach, Ceann Seirbhis BBC ALBA, “S e pròiseact air leth cudromach a tha seo dhan BhBC agus tha sinn an dòchas gun cur an luchd-amharc ‘s an luchd-èisteachd taic ri Bliadhna nan Òran air BBC Radio nan Gaidheal agus air BBC ALBA agus gun tig iad chun na làraich-sa tro 2010 gus cothrom fhaighinn èisteachd ri co-dhiù cuid de na h-òrain mhìorbhaileach a tha gu mòr nam pàirt de chultar na Gàidhlig. Tha prògraman air-leth sna clàraidhean-craolaidh againn agus anns an tasglann, agus bidh cuid dhiubh sin a-nise rim faotainn air an làrach-lìn ùr seo agus tha sinn an dòchas cumail oirnn a’ cur ris an làraich gus an tuilleadh chothroman a thoirt do dhaoine èisteachd agus coimhead ri tuilleadh de na clàraidhean prìseil a th’ ann an tasglann Ghàidhlig a’ BhBC.”

Bithear a’ cur chlàraidhean ùra agus an tuilleadh fiosrachaidh ris an làraich-sa gach seachdain tro 2010.