Naidheachdan > 2010

30 Lùnasdal 2010

BREAB AIR AIS – SREATH ÙR AIR BBC ALBA

Tha prògram òigridh ‘‘Breab” air ais air BBC ALBA far am faigh luchd-coimhead an cothrom beatha sianair deugairean, tàlantach, òga Gàidhealach a leantainn ‘s dùbhlain diofraichte aca ri fheuchainn.

Breab! teenagers

‘Se seo an treas sreath den phrògram agus bidh deugairean bho air feadh Alba a’ gabhail pàirt. ‘S iad Ali Mac (16) bho na Hearadh, Lauren (16) bhon Eilean Sgitheanach, Heather (16) a bhuineas do Drochaid an Easbaig, Ali B (17) bho Àrd na Murchan, Adele (16) bho Cille Bhrìde an Ear agus Iain à Obair Dheathain.

Tha Ali Mac fileanta ‘sa Ghàidhlig agus tha eòlas aige air obair Tbh bhon phrògram Gruth is Uachdar far an do chluich e Fionnlagh J Dòmhnallach mar bhalach òg.

Bidh iad còmhla ri chèile thairis air cola-deug agus bidh iomadh rud aca ri dhèanamh – leithid a’ dol gu muir a-mach bhon chladach air taobh siar na h-Alba!

Am measg nan dùbhlan eile feumaidh iad obair a dhèanamh air tuathanas agus gheibh iad an cothrom am prògram ‘Breab do Rapal’ air Radio nan Gàidheal a lìbhrigidh le taghadh den cheòl aca fhèin.

Tha Gàidhlig aig diofar ìrean aig na deugairean ach tha iad uile cleachdte ris a’ chànain a bhruidhinn agus ionnsachadh. Tha iad a’ toirt misneach mòr do luchd-ionnsachaidh agus luchd-fileanta na Gàidhlig.

Thuirt Donaidh MacLeòid, riochdaire BBC Gàidhlig air an sreath, “Tha e inntinneach sianar òigridh fhaicinn, nach eil eòlach air a chèile, a’ tighinn còmhla agus a’ feuchainn dùbhlain nach bi iad a’ feuchainn tric. ‘Se sreath phrògraman a tha còrdadh rinn aig BBC Gàidhlig agus tha e math gu bheil an òigridh a’ faicinn a’ Ghàidhlig cudromach mar suaicheantais dearbh-aithne aca”.
Ciamar a gheibh iad air adhart? Chìthear ‘Breab’ thairis air sia seachdainean air BBC ALBA a’ tòiseachadh air Diciadain 1mh Sultain aig 6f.
'S iad na deugairean eile:

• Tha Ali Mac fileanta ‘sa Ghàidhlig agus tha eòlas aige air obair Tbh bhon phrògram Gruth is Uachdar far an do chluich e Fionnlaigh J Dòmhnallach mar balach òg.

• Lauren (An t-Eilean Sgitheanach) – tha i dèidheil air dannsa agus obair ealain agus ceòl – ceòl Indie Rock gu h-àraidh.

• Heather (Drochaid an Easbaig) – tha i an sàs ann an iomadh spòrs agus tha i a’ cluich na clàrsaich agus na ball den chòmhlan-ciùil ‘Fuaim Glaschu’. Tha i air a bhith air Dè a-nis? agus aig a’ Mhòd

• Ali B (Àrd na Murchan) – bidh Ali a’ cluich giotàr, a’ seinn agus a’ sgrìobhadh nan òran aige fhèin. Tha e ann an còmhlan ‘Placid Trip’ agus tha iad air EP a thoirt a-mach. Tha e math air spòrs sgitheadh

• Adele (Cille Bhrìde an Ear) – dèidheil air dannsa, ceòl agus a bhith a’ seinn. Bha i aig aon àm na ball anns a’ bhuidhinn Sgòil Dràma an Òigridh na Rìoghachd Aonaichte. Tha i an dùil cùrsa lagh a dhèanamh san oilthigh.

• Iain (Obair Dheathain) – A’ cluich air bòrd-spèilidh, rugbaidh, ball-basgaid, ceòl, fèisean-ciùil agus còcaireachd – sin Iain!

Chaidh Breab a riochdachadh le BBC Gàidhlig airson BBC ALBA.