AIR AIS
TASGLANN NAIDHEACHDAN
2010
iTRAD
Peppa DVD
Blas 2010
Sreath ùr BREAB
Am Prìomh Mhinistear a' foillseachadh taic-airgid do FilmG
Campaichean na h-Eaglais Saoire
Aithisg Ofcom
Piping Live! air BBC ALBA
Air Turas le BBC ALBA
Taic bho Comhairle Luchd-amhairc a' BhBC
Camanachd beò air BBC ALBA
Tàlant ùr air BBC ALBA
Magners League Rugby air BBC ALBA
Làrach-lìn ùr - Bliadhna nan Òran
MG ALBA Scots Trad Music Awards 2010
Làmh an Uachdar aig FilmG
Cupa Dùbhlan ALBA 2010
Shetland Folk Festival
Tormod: A Life
Fèis nam Meadhanan Cheilteach
Cùmhnant Craolaidh Ùr airson an SPL
Sgrùdaidh air BBC ALBA
Fèis Cheòl Dùthchail Ghallaibh
Làrach-lìn ùr Gàidhlig
Fèis Film Ghlaschu
Duaisean FilmG
Fergie Beag Glas
Joe Thomas aig duaisean FilmG
Geàrr-liosta Duaisean Fèis nam Meadhanan Cheilteach
2009
2008
15 Giblean 2010
BBC ALBA A’ TOIRT BROSNACHADH GU LUCHD-LEANTAINN BALL-COISE
Chaidh aonta a dhèanamh an diugh eadar MG ALBA agus sgiobaidhean ball-coise an SPL gum bi ball-coise an SPL ri fhaicinn air BBC ALBA bhon ath sheusan (2010/11) airson dà bhliadhna.
Tha a-nis cead aig BBC ALBA aon gheama gach seachdain thairis air an dà sheusan ball-coise a tha romhainn, a chraoladh ‘iar-beò’ le gach prògram Disathairne a’ tòiseachadh aig 5.30f. Se an companaidh neo-eisimeileach mneTV a bhios a’ riochdachadh nam prògraman airson BBC ALBA.
Thuirt Neil Doncaster, Àrd Oifigeir an SPL “Tha sinn toilichte an t-aonta eadar sinn fhèin agus MG ALBA a’ leudachadh. Tha an t-seirbheis a tha iad air a bhith toirt seachad a’ còrdadh gu mòr ris na luchd-leantainn fiùs an fheadhainn aig nach eil Gàidhlig. A bharrachd air prògraman air leth mu dheidhinn ball-coise an SPL, tha an t-aonta seo a’ cuideachadh leis a bhith a’ toirt a’ Ghàidhlig gu aire a mhòr shluagh. Tha sinn cinnteach mar tha mu dhèidhinn dè tha sinn gu bhith a’ dèanamh le geamannan beò aig an taigh agus thall thairis an ath bhliadhna agus tha sinn an diugh a’ cur crìoch air na planaichean againn airson an dà bhliadhna tha romhainn”
A bruidhinn as leth BBC ALBA thuirt Alan Esslemont, Ceannard Phrògraman, “Tha BBC ALBA an còmhnaidh airson gum bi na prògraman againn a’ tairgse roghainn thaitneach Albannach don luchd-amhairc agus tha sinn a’ dèanamh fiughair ri bhith a’ craoladh ball-coise SPL ‘iar-beò’ aig 5.30f gach Disathairne. Tha an t-aonta seo a’ cur gu mòr ris an obair a tha sinn a’ dèanamh ann an co-bhanntachd le luchd ball-coise ann an Alba aig gach ìre”