AIR AIS
TASGLANN NAIDHEACHDAN
2010
Air Turas le BBC ALBA
Taic bho Comhairle Luchd-amhairc a' BhBC
Camanachd beò air BBC ALBA
Tàlant ùr air BBC ALBA
Magners League Rugby air BBC ALBA
Làrach-lìn ùr - Bliadhna nan Òran
MG ALBA Scots Trad Music Awards 2010
Làmh an Uachdar aig FilmG
Cupa Dùbhlan ALBA 2010
Shetland Folk Festival
Tormod: A Life
Fèis nam Meadhanan Cheilteach
Cùmhnant Craolaidh Ùr airson an SPL
Sgrùdaidh air BBC ALBA
Fèis Cheòl Dùthchail Ghallaibh
Làrach-lìn ùr Gàidhlig
Fèis Film Ghlaschu
Duaisean FilmG
Fergie Beag Glas
Joe Thomas aig duaisean FilmG
Geàrr-liosta Duaisean Fèis nam Meadhanan Cheilteach
2009
2008
20 Faoilleach 2010
TOILEACHAS AIG MG ALBA LE GEARR-LIOSTA FÈIS NAM MEADHANAN CHEILTEACH
Chuir MG ALBA fàilte air an naidheachd gu bheil cuid de na prògraman BBC ALBA air ainmeachadh air geàrr-liosta airson Duaisean Fèis nam Meadhanan Cheilteach 2010
Thèid an Fhèis, a thoisich ann an 1981 air adhart ann an Newry, Èirinn a Tuath am bliadhna, eadar 21-23mh Giblean far am bith riochdairean bho gnìomhachas na meadhanan, craolaidh agus film an làthair.
Chaidh barrachd air 400 tagradh fhaighinn airson na duaisean thairis air 19 gnè diofraichte agus chaidh ochd prògram bho BBC ALBA a chuir air geàrr-liosta na duaisean.
Am measg na prògraman BBC ALBA tha:
Tha MG ALBA a’ cur meala-naidheachd air BBC Radio nan Gàidheal a chaidh ainmeachadh air geàrr-liost airson Stèisean Rèidio Am Bliadhna agus cuideachd a chaidh ainmeachadh airson prògram Logarbaigh anns an gnè airson Prògram Aithriseachd Radio As Fhèarr. Chaidh preseantair Iain Mac Gille Mhìcheil ainmeachadh còmhla ri preseantairean eile mar Fred MacAmhlaigh aig BBC Alba air geàrr-liost Preseantair na Bliadhna.
Thuirt Dòmhnall Caimbeul, Àrd Oifigeir MG ALBA “Tha sinn air leth toilichte leis mar a tha BBC ALBA air a bhith cho soirbheachail bho thàinig sinn air an àidhear anns an t-Sultain 2008.Tha luchd-coimhead BBC ALBA cuir luach air clàr-phrògraman againn agus tha an naidheachd gu bheil ochd prògram BBC ALBA air geàrr-liosta na duaisean airson an Fhèis 2010. Tha seo mar dearbhadh air cho math sa tha a cho-bhanntachd ag obair le riochdairean agus companaidhean neo-eisimeileach ann an Alba airson prògraman aig àrd-ìre a dhèanamh agus a tha tarraingeach do luchd-coimhead BBC ALBA. Tha sinn a cuir meala-naidheachd air gach duine air a gheàrr-liosta agus sinn a coimhead air adhart chun a’ Ghiblean ann an Èirinn a Tuath”
Thuirt Marion NicFhionghain, Stiùiriche Deasachaidh BBC Gàidhlig “Tha sinn toilichte dha rìreabh a bhith mar pàirt do Fèis nam Meadhanan Cheilteach nuair a tha an fhèis a’ comharrachadh aon deug bliadhna thar fichead agus tha sinn uabhasach toilichte gu bheil ceithir de na phrògraman BBC Gàidhlig air ainmeachadh. Tha sinn cuideachd toilichte gun deach BBC Rèidio nan Gàidheal a rithist ainmeachadh air geàrr-liost airson Stèisean Rèidio As Fheàrr agus gu bheil preasantair againn, Iain Mhic Ille Mhìcheil air ainmeachadh airson Duais Preasantair na Bliadhna agus am prògram Logarbaidh suas airson duais Prògram Aithriseachd Rèidio As Fhèarr”