Naidheachdan > 2010

27 Cèitean 2010

CUPA DÙBHLAN ALBA A' FAIGHINN TAIC MG ALBA AIRSON FARPAIS 2010

Tha MG ALBA air dearbhadh gum bidh iad a’ toirt taic do farpais Cupa Dùbhlan aig Lìog Ball-coise na h-Alba ann an 2010. Chaidh seo ainmeachadh aig Pàirc Hampden an-diugh (Diardaoin 27mh Cèitean) far an deach taghadh a dhèanamh airson a’ Chiad Chuairt den fharpais.

‘Se seo am 20mh bliadhna den fharpais, agus an treas bliadhna de thaic bho MG ALBA. Mar phàirt den aonta eadar MG ALBA agus Lìog Ball-coise na h-Alba, thèid aon de na geamannan bho na Iar-Chuairtean Dheireannach agus an Cuairt Deireannach fhaicinn beò air BBC ALBA. Is e co-bhanntachd eadar MG ALBA agus am BBC a tha ann am BBC ALBA.

Chuir Alasdair Moireasdan, Cathraiche MG ALBA, fàilte air an aonta ag ràdh “Tha e na thoileachas mhòr dhuinn ar càirdeas fhoirmeil le Lìog Ball-coise na h-Alba airson farpais Cupa Dùbhlan ALBA 2010 a shìneadh airson bliadhna eile.

‘S e ar rùn a bhith a’ seirbheisicheadh choimhearsnachdan air feadh Alba agus a bhith a’ sìor thàladh luchd amhairc agus luchd taic ùire bho gach sgìre. Tha an fharpais seo a’ toirt dhuinn an dearbh chothrom sin. Tha sinn a’ dèanamh fiughair ri bhith a’ co-obrachadh le Lìog Ball-coise na h-Alba agus ri geamaichean na bliadhna-sa fhaicinn tro mheadhan na Gàidhlig air BBC ALBA”

A’ bruidhinn as leth Lìog Ball-coise na h-Alba, thuirt David Longmuir, an t-Àrd Oifigear, “Tha a h-uile duine aig Lìog Ball-coise na h-Alba air leth thoilichte gu bheil MG ALBA gu bhith ann an co-bhanntachd leinn airson sèasan 2010/2011. Tha seo cudromach dhuinne leis cho math sa tha an fharpais air a bhith ann a ball-coise na h-Alba airson cothrom a thoirt do na sgiobaidhean aig gach ìre den Lìog, a’ chiad duais ann an sèasan ball-coise na h-Alba a bhuannachadh.

“Bha Cuairt Deireannach farpais an uiridh eadar Inbhir Nis Caledonian Thistle agus Dùn Dè air leth tharraingeach agus tha daoine a’ bruidhinn mu dheidhinn fhathast mar aon de na geamannan as fheàrr an uiridh. Bha a math cuideachd gun d’ fhuair barrachd air an 8500 daoine a bha an làthair cothrom an geama fhaicinn air BBC ALBA.”

Tha sinn a’ coimhead air adhart gu farpais tarraingeach eile am bliadhna-sa agus tha sinn a’ guidhe gach soirbheachas do MG ALBA agus BBC ALBA leis an strì aca luchd-amharc a’ ghleidheadh air feadh choimhearsnachdan ann an Alba”

Is e mneTV a bhios a’ clàradh geamannan Cupa Dùbhlan ALBA 2010 mar phàirt den phasgan fharsaing de phrògraman a tha a’ chompanaidh a’ dèanamh airson BBC ALBA.

Gheibhear toraidhean bho taghadh an-diugh airson a’ Chiad Chuairt den Cupa Dùbhlan ALBA aig www.scottishfootballleague.com