AIR AIS
TASGLANN NAIDHEACHDAN
2010
BBC ALBA air Freeview
Bill Paterson agus an Gruffalo
Bhòt air 'Bliadhna nan Òran'
Nollaig Chridheil bho BBC ALBA
David Hayman - Trial & Retribution
Taisbeanadh de film ùr ‘An Seòladh’
Clàr-phrògraman an Fhoghair
Mòd Nàiseanta Rìoghail 2010
FilmG 3 fosgailte airson filmichean
iTRAD
Peppa DVD
Blas 2010
Sreath ùr BREAB
Am Prìomh Mhinistear a' foillseachadh taic-airgid do FilmG
Campaichean na h-Eaglais Saoire
Aithisg Ofcom
Piping Live! air BBC ALBA
Air Turas le BBC ALBA
Taic bho Comhairle Luchd-amhairc a' BhBC
Camanachd beò air BBC ALBA
Tàlant ùr air BBC ALBA
Magners League Rugby air BBC ALBA
Làrach-lìn ùr - Bliadhna nan Òran
MG ALBA Scots Trad Music Awards 2010
Làmh an Uachdar aig FilmG
Cupa Dùbhlan ALBA 2010
Shetland Folk Festival
Tormod: A Life
Fèis nam Meadhanan Cheilteach
Cùmhnant Craolaidh Ùr airson an SPL
Sgrùdaidh air BBC ALBA
Fèis Cheòl Dùthchail Ghallaibh
Làrach-lìn ùr Gàidhlig
Fèis Film Ghlaschu
Duaisean FilmG
Fergie Beag Glas
Joe Thomas aig duaisean FilmG
Geàrr-liosta Duaisean Fèis nam Meadhanan Cheilteach
2009
2008
20 Lùnastal 2010
BBC RADIO NAN GÀIDHEAL A' COMHARRACHADH NAN CAMPAICHEAN
Diluain 30 Lùnastal, 9m air BBC Radio nan Gàidheal
Tha prògram sònraichte gu bhith air BBC Radio nan Gàidheal a bhios a’ comharrachadh leth-cheud bliadhna bhon a chaidh a’ chiad Camp na h-Eaglais Saoire a chumail. Thèid Na Campaichean a chraoladh air madainn Diluain 30mh Lùnasdal aig 9m le ath-chraoladh air oidhche Diluain eadar 9f agus 10f.

Màiri NicAmhlaigh (làimh ceart, cùl) le clann aig campa Aonad Chrìosdail Bhàideanach
Tha na campaichean air an ruith gach àm na Càisg agus gach samhradh, agus a tha iad a’ gabhail a-steach a h-uile càil, bho shreap nam beann gu karting, bho Oswestry ann an Sasainn gu Baile Chloichrigh anns a’ Ghaidhealtachd. Tha gach campa eadar-dhealaichte, le cuid dhiubh gu h-àraidh airson ball-coise agus cur-seachadan air a’ bhlàr a-muigh, ach a h-uile fear le cudrom làidir air adhradh agus air a bhith ag ionnsachadh bhon Bhìoball.
Tha fios aig daoine gu leòr air na sgeulachdan de chlann agus deugairean air a bheil atharrachadh air tighinn aig na campaichean seo. Mar sin, dè bhios a’ tachairt aig na campaichean seo? Bha Radio nan Gàidheal aig Campa Gàidhlig na h-Eaglais Saoire aig Aonad Chrìosdail Bhàideanach aig àm na Càisg 2010. Air a stiùireadh le Ruaraidh MacIlleathainn, ministear aig Eaglais Saor na Hearadh anns An t-Òb, bha an campa seo loma-làn de tachartasan spòrsail airson cloinne bho 10-13 bhliadhna a dh’aois.
Tha am prògram seo a’ comharrachadh 50 bhliadhna de na Campaichean, le pìosan bho inbhich a tha air stiùireadh agus air a ghabhail pàirt aig na campaichean roimhe agus tha sinn a’ cluinntinn bhon luchd-cuideachaidh carson, anns an dùthaich cho saoghalta seo, a tha iadsan a’ smaointinn gu bheil na campaichean seo a’ toirt dhan chloinn dòigh cho cuideachail ‘’s as urrainn dhaibh a’ cur seachad an tìde. Tha am prògram seo a’ toirt fios do chuid, a’ toirt soilleireachadh do chuid eile, a’ toirt beagan cianalas air anfheadhainn a ghabh pàirt roimhe, agus a’ toirt air daoine eile a bhith a’ gabhail pàirt anns an àm ri teachd.
Chaidh am prògram a lìbhrigidh le Mairi NicAmhlaigh agus a riochdachadh le Eyeline Media airson BBC Radio nan Gàidheal maoinichte le MG ALBA. Gheibhear BBC Radio nan Gàidheal air 103.5 gu 105FM agus air www.bbcalba.co.uk.