AIR AIS
TASGLANN NAIDHEACHDAN
2010
BBC ALBA air Freeview
Bill Paterson agus an Gruffalo
Bhòt air 'Bliadhna nan Òran'
Nollaig Chridheil bho BBC ALBA
David Hayman - Trial & Retribution
Taisbeanadh de film ùr ‘An Seòladh’
Clàr-phrògraman an Fhoghair
Mòd Nàiseanta Rìoghail 2010
FilmG 3 fosgailte airson filmichean
iTRAD
Peppa DVD
Blas 2010
Sreath ùr BREAB
Am Prìomh Mhinistear a' foillseachadh taic-airgid do FilmG
Campaichean na h-Eaglais Saoire
Aithisg Ofcom
Piping Live! air BBC ALBA
Air Turas le BBC ALBA
Taic bho Comhairle Luchd-amhairc a' BhBC
Camanachd beò air BBC ALBA
Tàlant ùr air BBC ALBA
Magners League Rugby air BBC ALBA
Làrach-lìn ùr - Bliadhna nan Òran
MG ALBA Scots Trad Music Awards 2010
Làmh an Uachdar aig FilmG
Cupa Dùbhlan ALBA 2010
Shetland Folk Festival
Tormod: A Life
Fèis nam Meadhanan Cheilteach
Cùmhnant Craolaidh Ùr airson an SPL
Sgrùdaidh air BBC ALBA
Fèis Cheòl Dùthchail Ghallaibh
Làrach-lìn ùr Gàidhlig
Fèis Film Ghlaschu
Duaisean FilmG
Fergie Beag Glas
Joe Thomas aig duaisean FilmG
Geàrr-liosta Duaisean Fèis nam Meadhanan Cheilteach
2009
2008
22 Màrt 2010
FÈIS CHEÒL DÙTHCHAIL GHALLAIBH AIR AIS AIR BBC ALBA
Tha BBC ALBA toilichte foillseachadh gum bith Fèis Cheòl Dùthchail Ghallaibh 2010 ri fhaicinn air an seanail nas ainmiche air a’ bhliadhna. Thèid an Fhèis, a bhios a tachairt eadar 2 – 4 Giblean ann an Hacraig a chlàradh le mneTBh airson BBC ALBA.
‘Se seo an 7mh fèis agus am measg na bhios a’ gabhail pàirt bith luchd-ciùil eadar-nàiseanta mar Brendan Quinn, Thomas Maguire and Fhiona Ennis a Èirinn, Leona Williams, Amber Digby agus Rick Trevino bho na Stàitean Aonaichte, Red Jenkins bhon t-Suain agus Lemon Grass a Sasainn. Ach tha Fèis Ceòl Dùthchail Gallaibh cuideachd gu mòr airson luchd-ciùil a Alba fhèin a bhrosnachadh. Am bliadhna bith còmhlain mar Na Jacks, Slange Ava agus Manson Grant agus Na Dynamos a’ cluich.
Tha Chairistìona Gray, Cathraiche Fèis Cheòl Dùthchail Ghallaibh a’ cur fàilte air a naidheachd. Thuirt i, “Tha sinn uabhasach toilichte gu bheil an Fhèis a’ tilleadh gu BBC ALBA am bliadhna. Chòrd na rinn iad an uiridh gu mòr rinn agus thug na prògraman piobrachadh mòr dhuinn agus don fhèis. Tha sinn air barrachd thiocaidean a reic am bliadhna agus tha sinn cinnteach gum bith fèis tharraingeach againn airson na bhios an làthair agus na bhios coimhead air BBC ALBA aig an taigh.”
Thuirt Alan Esslemont, Ceannard Phrògraman BBC ALBA “Tha e a’ toirt toileachas mòr dhuinn a bhith an sàs a-rithist san fhèis seo agus a bhi a’ taisbeanadh ceòl dùthchail air BBC ALBA. Tha sinn cinnteach gum bi na prògraman tarraingeach gu luchd leantainn ceòl dùthchail agus luchd-coimhead BBC ALBA”.
Bi cothrom cuideachd agaibh coimhead ri programan Ceòl Country, bho Fèis Ceòl Dùthchail Gallaibh 2009 air BBC ALBA a’ tòiseachadh Dihaoine 9mh Giblean aig 9f.