AIR AIS
TASGLANN NAIDHEACHDAN
2010
BBC ALBA air Freeview
Bill Paterson agus an Gruffalo
Bhòt air 'Bliadhna nan Òran'
Nollaig Chridheil bho BBC ALBA
David Hayman - Trial & Retribution
Taisbeanadh de film ùr ‘An Seòladh’
Clàr-phrògraman an Fhoghair
Mòd Nàiseanta Rìoghail 2010
FilmG 3 fosgailte airson filmichean
iTRAD
Peppa DVD
Blas 2010
Sreath ùr BREAB
Am Prìomh Mhinistear a' foillseachadh taic-airgid do FilmG
Campaichean na h-Eaglais Saoire
Aithisg Ofcom
Piping Live! air BBC ALBA
Air Turas le BBC ALBA
Taic bho Comhairle Luchd-amhairc a' BhBC
Camanachd beò air BBC ALBA
Tàlant ùr air BBC ALBA
Magners League Rugby air BBC ALBA
Làrach-lìn ùr - Bliadhna nan Òran
MG ALBA Scots Trad Music Awards 2010
Làmh an Uachdar aig FilmG
Cupa Dùbhlan ALBA 2010
Shetland Folk Festival
Tormod: A Life
Fèis nam Meadhanan Cheilteach
Cùmhnant Craolaidh Ùr airson an SPL
Sgrùdaidh air BBC ALBA
Fèis Cheòl Dùthchail Ghallaibh
Làrach-lìn ùr Gàidhlig
Fèis Film Ghlaschu
Duaisean FilmG
Fergie Beag Glas
Joe Thomas aig duaisean FilmG
Geàrr-liosta Duaisean Fèis nam Meadhanan Cheilteach
2009
2008
24 Gearran 2010
GÀIDHLIG AIR A’ THAISBEANADH AIG FÈIS FILM GLASCHU
Thèid filmichean Gàidhlig bho farpais filmichean goirid FilmG agus prògram ‘Tormod’, mu dheidhinn beatha Tormod Mac Ill Eathain a bha roimhe air BBC ALBA, fhaicinn aig Fèis Film Glaschu an sheachdain seo.
Chìthear filmichean FilmG bho 2008 agus 2009 aig an Fhèis agus bith cuid de na riochdairean a rinn na filmichean an làthair cuideachd. Am measg na bhios an làthair bith Uisdean Murray, a rinn ‘Siubhlachan’, film a’ bhuannaich farpais FilmG 2008 agus Eòghainn Mac a’ Ghobhainn a bhuannaich dà dhuais aig Farpais FilmG 2009. Thèid na tachartasan air adhart air Disathairne 27 Gearran aig Ionad CCA, 350 Sràid Sauchiehall ann an Glaschu a’ tòiseachadh aig 3f.
Mar pàirt den fhèis chìthear ‘Oidhche Shathairne’, a fhuair duais Film as Fhèarr Ann an farpais Film 2008 agus ‘Mo Charaid Mo Ghaisgeach’ a rinn Rachel Hendry agus a ‘ bhuannaich an duais airson Best Factual Short aig Farpais 2009
Chaidh prògram ‘Tormod’ a’ riochdachadh le Robbie Fraser (Pure Magic Films) agus Karen Smyth (La Belle Allée Productions) airson BBC ALBA. Bith Robbie Fraser an làthair ag Fèis Film Glaschu airson bruidhinn mu dheidhinn an obair agus thèid am prògram fhaicinn aig 5f air Disathairne 27mh Gearran. Chaidh am prògram ainmeachadh air geàrr-liost airson duais ann an gnè Best Arts airson Fèis nam Meadhanan Cheilteach 2010 a bhios a’ dol air adhart ann an Newry, Èirinn a Tuath anns a’ Ghiblean.
‘S e Ceòl’ s Craic, Club Oidhche na Gàidhlig ann an Glaschu, a tha cur na tachartasan air dòigh le taic bho Iomairt na Gàidhealtachd s nan Eilean, Cànan agus MG ALBA.
Bith ceòl Gàidhlig agus ceòl Traidiseanta ri chluinntinn aig an fhèis leis a film ‘Passing Places’, a rinn Mairearad Green bho Taobh Siar Rois agus a chaidh a dhèanamh an toiseach airson Celtic Connections 2009 agus a tha air cliù fhaighinn bhon uair sin. Bhuannaich Mairearad an duais ‘Composer of the Year’ aig na Duaisean Trads MG ALBA 2009. Chìthear ‘Passing Places’ aig 8f.
Cuiridh Joy Dunlop, seinneadair òg a Connel, faisg air an Òbain, CD ùr, ‘Dùsgadh’ a chiad CD aice air bhog mar pàirt den oidhche aig 830f. Cuideachd bith ‘Potential Strangers’, còmhlan aig a bheil ceangal ris Na Hearadh, a cluich agus bith an cleasaiche Daibhidh Walker air aoigheachd mar Fear an Taigh.
Thuirt Dòmhnall Caimbeul, Àrd Oifigear MG ALBA “ Tha sinn air a bhith air ur beò-ghlacadh leis cho math 's a tha na prògraman ùra Gàidhlig a chaidh a dhèanamh airson BBC ALBA agus airson FilmG thairis air na h-ochd miòsan deug a dh'fhalbh. Tha e tàmailteachd nach eil a h-uile duine comasach air am faicinn, oir chan eil an t-seanail fhathast ach air saideal agus 's ann air-loidhne a tha FilmG. Leis an sin tha e na thlachd dhuinn an cothrom a ghabhail cuid a thaisbeanadh tro' mheadhan Fèis Film Ghlaschu."
Thèid na tachartasan Gàidhlig uile air adhart ann an Ionad CCA, 350 Sràid Sauchiehall ann an Glaschu air Disathairne 27 Gearran a’ tòiseachadh aig 3f le taic bho HIE, MG ALBA, Cultar agus Spòrs Glaschu, Cànan agus Comhairle nan Ealan Alba.
Airson fiosrachadh agus tiocaidean thèid gu wwwglasgowfilmfestival.org.uk no cur fòn gu 0141 332 6535.