AIR AIS
TASGLANN NAIDHEACHDAN
2010
BBC ALBA air Freeview
Bill Paterson agus an Gruffalo
Bhòt air 'Bliadhna nan Òran'
Nollaig Chridheil bho BBC ALBA
David Hayman - Trial & Retribution
Taisbeanadh de film ùr ‘An Seòladh’
Clàr-phrògraman an Fhoghair
Mòd Nàiseanta Rìoghail 2010
FilmG 3 fosgailte airson filmichean
iTRAD
Peppa DVD
Blas 2010
Sreath ùr BREAB
Am Prìomh Mhinistear a' foillseachadh taic-airgid do FilmG
Campaichean na h-Eaglais Saoire
Aithisg Ofcom
Piping Live! air BBC ALBA
Air Turas le BBC ALBA
Taic bho Comhairle Luchd-amhairc a' BhBC
Camanachd beò air BBC ALBA
Tàlant ùr air BBC ALBA
Magners League Rugby air BBC ALBA
Làrach-lìn ùr - Bliadhna nan Òran
MG ALBA Scots Trad Music Awards 2010
Làmh an Uachdar aig FilmG
Cupa Dùbhlan ALBA 2010
Shetland Folk Festival
Tormod: A Life
Fèis nam Meadhanan Cheilteach
Cùmhnant Craolaidh Ùr airson an SPL
Sgrùdaidh air BBC ALBA
Fèis Cheòl Dùthchail Ghallaibh
Làrach-lìn ùr Gàidhlig
Fèis Film Ghlaschu
Duaisean FilmG
Fergie Beag Glas
Joe Thomas aig duaisean FilmG
Geàrr-liosta Duaisean Fèis nam Meadhanan Cheilteach
2009
2008
13 Dàmhair 2010
TAIC BHO MG ALBA AIRSON TÀLANT ÙR SNA MEADHANAN
Tha MG ALBA a’ brosnachadh tàlant ùr sna gnìomhachasan film agus telebhisein leis a’ chiad thaisbeanadh an-diugh (Diciadain) den fhilm ùr ‘An Seòladh’ aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an Gallaibh.
Is ann tron fharpais FilmG a fhuaireas lorg air tàlant an sgrìobhaiche-stiùiriche, Seònaid Dhòmhnallaich, a tha a’ fuireach ann an Inbhir Nis.

Tha Seònaid air ‘An Seòladh’, film 10-mionaidean, a sgrìobhadh agus a stiùireadh le taic bho MG ALBA, às dèidh dhi duais ‘Film as Fheàrr’ le filmeadair ùr a ghleidheadh sa chiad fharpais FilmG a’ bhon-uiridh le a film ‘Oidhche Shathairne’.
Chaidh ‘An Seòladh’, mu dheidhinn tè òg a’ tilleadh a Leòdhas a dh’fhuireach còmhla ri a pàrantan, a chlàradh as t-samhradh am bliadhna air bòrd bàt’-aiseig Chalmac, MV Isle of Lewis, agus thèid am film a chur a-steach airson fharpaisean film san dùthaich seo agus thall thairis.
Agus le taic-airgead MG ALBA, tha Seònaid cuideachd a’ toirt ceum air adhart leis a cuid-sgrìobhaidhean, mar tè den dithis Ghaidheal air cùrsa ùr MA aig Oilthigh Caledonian Ghlaschu ann an sgrìobhadh airson telebhisean.
Tha Seònaid den bharail gun do dh’atharraich FilmG slighe a beatha. “Chan eil teagamh sam bith agam ach gu bheil mo bheatha gu tur eadar-dhealaichte bhon a fhuair mi an duais sa chiad fharpais FilmG,” tha i ag ràdh. “Mura robh mi an sàs ann, cha bhiodh misneachd gu leòr agam airson an ceum seo a ghabhail. Ma tha duine sam bith eile a’ smaoineachadh mu dheidhinn film a chur a-steach airson FilmG am bliadhna, bhithinn gam brosnachadh gus sin a dhèanamh.”
Tha Seònaid air a bhith ag obair còmhla ri riochdaire Amanda Millen, a tha cuideachd na stiùiriche air Screen HI, a tha fo chùmhnant le Iomairt na Gaidhealtachd agus nan Eileanan. Tha Amanda, a b’ àbhaist a bhith ag obair aig a’ BhBC, ag ràdh: “Sa chiad dà bhliadhna thàinig tòrr dhaoine tro na farpaisean FilmG aig an robh tàlant sònraichte, gu h-àraid air a’ Ghaidhealtachd agus sna h-Eileanan. Tha Screen HI agus HIE toilichte a bhith ag obair còmhla ri MG ALBA agus FilmG, a’ brosnachadh tàlant ùr agus a’ toirt dhaoine air adhart dhan ath cheum sa ghnìomhachas chraolaidh phroifeiseanta. Bha e na thoileachas mòr dhomh a bhith an sàs anns a’ chiad fhilm phroifeiseanta a rinn Seònaid. Tha FilmG a’ fàs nas fheàrr a h-uile bliadhna ’s tha an fharpais a-nis air a stèidheachadh mar thachartas film sònraichte, agus tha mi a’ coimhead le fiughair ris na filmeadairean ùra a bhios an sàs anns an fharpais am bliadhna.”
Thuirt Dòmhnall Caimbeul, Àrd Oifigear MG ALBA: “Tha FilmG ag amas air tàlant ùr a lorg agus a bhrosnachadh, ach chan eil ann ach a’ chiad cheum. Tha an cùrsa MA aig Caledonian, agus na h-iomairtean trèanaidh eile dha bheil sinn a’ cumail taic, a’ toirt cothrom do sgrìobhadairean agus filmeadairean ùra eòlas a chur air a’ ghnìomhachas agus tha iad a’ cur ris an àireamh de dhaoine tàlantach a tha a dhìth airson filmichean agus prògraman Gàidhlig a dhèanamh. Tha e mar rùn daingeann aig MG ALBA a bhith a’ cur air dòigh chothroman trèanaidh airson luchd-obrach nam meadhanan Gàidhlig, agus tha sinn air leth toilichte a bhith an sàs ann am pròiseactan mar seo le filmeadairean soirbheachail.”
Is e FilmG an fharpais a th’ aig MG ALBA airson fhilmichean goirid, a-nis ga ruith airson na treas bliadhna. Tha e fosgailte do dhuine sam bith thairis air aois 12 film a dhèanamh sa Ghàidhlig eadar trì agus còig mionaidean a dh’fhaide. Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh aig www.filmg.co.uk.