Naidheachdan > 2010

31mh an Cèitean 2010

LÀMH AN UACHDAR AIG FILMG

Chuireadh FilmG, co-fharpais nam filmichean ghoirid aig MG ALBA, air bhog, Dimàirt 1mh an t-Ògmhios, airson an treasamh bhliadhna leis a’ chuspair ‘Làmh an Uachdar’ (‘The Upper Hand’).

Thàinig preaseantairean BBC ALBA, Fiona NicCoinnich agus Calum MacAmhlaigh, còmhla ris na sgoilearan bho Àrd-sgoilt Àird nam Murchan airson FilmG 2010 a chur air bhog, rè feasgar sònraichte aig an sgoil ann an Sròn an t-Sithein. Bha làmh-an-uachdar aig na sgoilearan bho Àird nam Murchan sa cho-fharpais an-uiridh nuair a bhuannaich iad am Film as Fheàrr ann an Duaisean nan Daoine Òga aig FilmG 2009.

FilmG 3 launch

Bha Dòmhnall Caimbeul, Àrd-oifigear MG ALBA, an làthair agus thuirt e: “Aon de na rudan a tha tarraingeach mu FilmG, ’s e gu bheil e furasta do luchd-labhairt na Gàidhlig agus luchd-ionnsachaidh a chur a-steach don cho-fharpais. Tha e a’ toirt cothrom do luchd-tòiseachaidh, dhaoine dealasach is neo-dhreuchdail agus dhaoine a tha ag obair sna meadhanan mar-thà, an tàlant aca a thaisbeanadh air an telebhisean, agus ma shoirbhicheas leotha, faodar dorsan fhosgladh gu an tuilleadh chothroman. Chaidh a’ chiad film a’ bhuannaich FilmG a thaisbeanadh aig fèisean film air feadh an t-saoghail agus tha e ga shealltainn ann am Bangalore an-dràsta fhèin. Tha feadhainn de na buannaichean bhon uiridh a’ tòiseachadh a-nis air filmichean goirid ùra a leasachadh còmhla rinn. Tha FilmG a’ tabhann eòlas is chothroman ùra sna meadhanan didseatach Gàidhlig agus tha sinn a’ cur fàilte air neach sam bith a tha airson pàirt a ghabhail ann.”

Tha a’ cho-fharpais fosgailte don a h-uile duine os cionn 12 bhliadhna a dh’ aois, airson film goirid Gàidhlig, 3 gu 5 mionaidean de dh’fhaid, a dhèanamh. Thathar gu h-àraidh a’ toirt brosnachadh do luchd na Beurla agus Luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig a dhol an sàs sa phròiseact chruthachail seo airson beagan spòrs a ghabhail leis a’ chànain. Tha dà roinn ann, Daoine Òga, 12-17 bliadhna a dh’aois agus Inbhich, le iomadh duais ri fhaotainn anns gach tè. ’S e £1,500 a’ phrìomh dhuais airson an Fhilm as Fheàrr ann an Roinn nan Daoine Òga agus duaisean tarraingeach a’ leithid £2,500 airson Dràma as Fheàrr agus £2,500 airson Aithriseach as Fheàrr ann an roinn nan inbheach.

Tha làrach-lìn FilmG 2010 a-nis beò le mion-chunntas air gach roinn is duais agus fiosrachadh air mar a chuirear a-steach don cho-fharpais. ’S e an 19mh latha den t-Samhain 2010 an ceann-latha deireannach airson cur a-steach.

Coltach ris na bliadhnachan roimhe, bidh cothroman trèanaidh agus leasachaidh rim faotainn le bhideothan teagasgach air-loidhne agus bùithtean-obrach air feadh na dùthcha. Thèid fiosrachadh mu na bùithtean-obrach fhoillseachadh air an làraich-lìn air feadh an Ògmhios.

Gheibhear air sùil a thoirt air na filmichean air fad bho an-uiridh aig www.filmg.co.uk.