AIR AIS
TASGLANN NAIDHEACHDAN
2010
BBC ALBA air Freeview
Bill Paterson agus an Gruffalo
Bhòt air 'Bliadhna nan Òran'
Nollaig Chridheil bho BBC ALBA
David Hayman - Trial & Retribution
Taisbeanadh de film ùr ‘An Seòladh’
Clàr-phrògraman an Fhoghair
Mòd Nàiseanta Rìoghail 2010
FilmG 3 fosgailte airson filmichean
iTRAD
Peppa DVD
Blas 2010
Sreath ùr BREAB
Am Prìomh Mhinistear a' foillseachadh taic-airgid do FilmG
Campaichean na h-Eaglais Saoire
Aithisg Ofcom
Piping Live! air BBC ALBA
Air Turas le BBC ALBA
Taic bho Comhairle Luchd-amhairc a' BhBC
Camanachd beò air BBC ALBA
Tàlant ùr air BBC ALBA
Magners League Rugby air BBC ALBA
Làrach-lìn ùr - Bliadhna nan Òran
MG ALBA Scots Trad Music Awards 2010
Làmh an Uachdar aig FilmG
Cupa Dùbhlan ALBA 2010
Shetland Folk Festival
Tormod: A Life
Fèis nam Meadhanan Cheilteach
Cùmhnant Craolaidh Ùr airson an SPL
Sgrùdaidh air BBC ALBA
Fèis Cheòl Dùthchail Ghallaibh
Làrach-lìn ùr Gàidhlig
Fèis Film Ghlaschu
Duaisean FilmG
Fergie Beag Glas
Joe Thomas aig duaisean FilmG
Geàrr-liosta Duaisean Fèis nam Meadhanan Cheilteach
2009
2008
21 Dùbhlachd 2010
MG ALBA A’ CUR FÀILTE AIR AN NAIDHEACHD GUM BI BBC ALBA AIR FREEVIEW
Tha a’ cho-bhanntachd eadar am BBC agus MG ALBA a tha a’ ruith BBC ALBA an-diugh air fàilte a chur air co-dhùnadh Urras a’ BhBC an t-seanail a chur air Freeview.
A’ bruidhinn as leth MG ALBA, thuirt an cathraiche, Alasdair Moireasdan: “Tha sinn anabarrach toilichte leis a’ cho-dhùnadh seo, agus is e an rud as cudromaiche gu bheil e a’ toirt do dhaoine air feadh na h-Alba cothrom an t-seanail fhaicinn nach eil air a bhith aca thuige seo.
“San dà bhliadhna a dh’fhalbh, tha BBC ALBA air a h-uile rud a dhèanamh a chaidh iarraidh air, agus tha sinn air roghainn math de phrògraman a chruthachadh dèante ann an Alba agus tarraingeach do dhaoine le Gàidhlig agus as a h-aonais, a’ cur gu mòr ri craoladh Albannach agus ris na gnìomhachasan cruthachail san dùthaich seo. Tha na prògraman a’ còrdadh ris an luchd-amhairc agus tha àireamhan an luchd-amhairc air a bhith seasmhach aig mu 220,000 gach seachdain, a tha math dha-rìreabh ann an coimeas le seanailean didseatach eile ann an Alba.
“Thuige seo, bha nas lugha na 50 dachaigh às a’ cheud ann an Alba a’ faighinn cothrom air an t-seanail. A-nis tha an cnap-starra sin air a thoirt air falbh agus bidh cothrom aig a h-uile dachaigh ann an Alba a bhith a’ faighinn nam prògraman a tha air còrdadh cho mòr ris na h-Albannaich a tha air a bhith gan coimhead.
“Bu mhath leinn a bhith gu tur soilleir mun bhuaidh air stèiseanan rèidio ri linn ’s gum bi BBC ALBA air Freeview. Sa chiad dol-a-mach tha Freeview na ùrlar airson telebhisean air tonnan-adhair air an gleidheadh airson sheirbheisean telebhisein didseatach. Chaidh stèiseanan rèidio a ghiùlain air Freeview nuair nach robh iarrtas cho mòr ann airson sheirbheisean telebhisein air an ùrlar sin. Chan ann mar sin a tha cùisean a-nis. A-nis tha Freeview na phrìomh ùrlar airson telebhisean san Rìoghachd Aonaichte. Tha goireasan fa leth ann airson rèidio didseatach agus is ann tro leasachadh na seirbheis sin san fhad-ùine a thig fuasgladh air ceistean mu rèidio.
“San darna àite, thathas a’ tomhas le luchd-stiùiridh a’ BhBC nach bi buaidh ach air mu 4,000 duine nach fhaigh seirbheisean rèidio tro innealan rèidio bho bhith a’ toirt air falbh cuid de na stèiseanan rèidio, agus gum faigh 2,500 de na daoine seo na stèiseanan sin tron eadar-lìon.
“San treas àite, tha a’ chuid as motha de na 51,000 duine a bhios ag èisteachd ri stèiseanan rèidio air Freeview ag èisteachd ri stèiseanan FM/AM. Bidh na stèiseanan seo agus a h-uile stèisean eile fhathast rim faighinn air FM/AM agus air triceadan DAB far a bheil a’ mhòr-chuid ag èisteachd ri seirbheisean rèidio. Tha na stèiseanan rèidio cuideachd rim faighinn tro telebhisean saideil agus càball.
“Bu mhath leinn taing a thoirt do na pàrtaidhean poileataigeach gu lèir ann an Alba airson an taic dhaingeann dhan t-seanail tron iomairt airson Freeview, agus cuideachd do na buidhnean agus na daoine fa leth a tha air taic a thoirt dhuinn. Ar taing cuideachd do luchd-stiùiridh a’ BhBC airson am brosnachaidh, agus do Jeremy Peat, Urrasair a’ BhBC airson na h-Alba aig Urras a’ BhBC. Tha sinn a’ coimhead le fiughair ri bhith a’ toirt ar seirbheis do luchd-amhairc nas farsainge air feadh na dùthcha.”