Naidheachdan > 2010

2 Gearran 2010

EACHDRAIDH “FERGIE BEAG” AIR BBC ALBA

Diluain, 8 Gearran 2010 aig 9f

Rinn Harry Ferguson, a Èirinn a Tuath agus a rugadh ann an 1884 atharrachadh mòr air obair tuathanas a tha toirt buannachdan don gnìomhachas fhathast. Ach chan eil mòran eòlach air an duine fhèin. Thèid prògram aithriseach ‘Am Fergie Beag Glas’ fhaicinn air BBC ALBA far am bith sgeulachd Harry Ferguson air innis.

Wee Grey Fergie

Anns a’ phrògram, chìthear cuid de na tractaran Ferguson a bh’aig Dòmhnall MacLeòid ann an Ceann Loch Gilp ach a’ rugadh anns an Eilean Sgitheanaich. Bhàsaich Mgr MacLeòid ann an 2009 aig aois 72 agus bith Ailean Caimbeul, caraid Dòmhnaill MacLeòid a’ lìbhrigeadh a phrògram.

Cuideachd bi Cailean Dòmhnallach ann an Inbhir Nis agus Dòmhnall Meek a’ bruidhinn mu dheidhinn eachraidh na tractaran Fergie Beag a tha ag obair fhathast as dèidh 70 bliadhna.

Thèid am prògram ‘Fergie Beag Glas’ fhaicinn air BBC ALBA air Diluain 8 Gearran aig 9f. Chaidh am prògram a’ riochdachadh le MacTV airson BBC ALBA.