AIR AIS
TASGLANN NAIDHEACHDAN
2010
BBC ALBA air Freeview
Bill Paterson agus an Gruffalo
Bhòt air 'Bliadhna nan Òran'
Nollaig Chridheil bho BBC ALBA
David Hayman - Trial & Retribution
Taisbeanadh de film ùr ‘An Seòladh’
Clàr-phrògraman an Fhoghair
Mòd Nàiseanta Rìoghail 2010
FilmG 3 fosgailte airson filmichean
iTRAD
Peppa DVD
Blas 2010
Sreath ùr BREAB
Am Prìomh Mhinistear a' foillseachadh taic-airgid do FilmG
Campaichean na h-Eaglais Saoire
Aithisg Ofcom
Piping Live! air BBC ALBA
Air Turas le BBC ALBA
Taic bho Comhairle Luchd-amhairc a' BhBC
Camanachd beò air BBC ALBA
Tàlant ùr air BBC ALBA
Magners League Rugby air BBC ALBA
Làrach-lìn ùr - Bliadhna nan Òran
MG ALBA Scots Trad Music Awards 2010
Làmh an Uachdar aig FilmG
Cupa Dùbhlan ALBA 2010
Shetland Folk Festival
Tormod: A Life
Fèis nam Meadhanan Cheilteach
Cùmhnant Craolaidh Ùr airson an SPL
Sgrùdaidh air BBC ALBA
Fèis Cheòl Dùthchail Ghallaibh
Làrach-lìn ùr Gàidhlig
Fèis Film Ghlaschu
Duaisean FilmG
Fergie Beag Glas
Joe Thomas aig duaisean FilmG
Geàrr-liosta Duaisean Fèis nam Meadhanan Cheilteach
2009
2008
14 Dùbhlachd 2010
BILL PATERSON AGUS AN GRUFFALO A’ TIGHINN GU BBC ALBA
Tha BBC ALBA gu bhith a’ craoladh an dealbh-beò ainmeil An Gruffalo air 24 Dùbhlachd aig 6f. Tha am prògram stèidhichte air an leabhar aig Julia Donaldson, a tha air iomadh duais a chosnadh airson a cuid leabhraichean agus tha BBC ALBA air leth toilichte a bhith a’ co-obrachadh leatha. ’S e an cleasaiche cliùteach Bill Paterson a tha ag aithris guth a’ Ghruffalo agus e air Gàidhlig ionnsachadh gu sònraichte airson seo a dhèanamh.

’S i Cathy Dhòmhnallach riochdaire a’ phrògraim agus ’s i a thug taic dha Bill Paterson le a chuid Ghàidhlig ionnsachadh.
Thuirt Neach Deasachaidh BBC ALBA, Mairead Chamshron: “Mar a bhios fios aig a’ mhòr-chuid, tha An Gruffalo air a bhith cho soirbheachail mar phrògram agus tha e a’ toirt toileachas dhuinn gun urrainnear a thoirt gu luchd-amhairc BBC ALBA. Le guthan bho Bill Paterson agus Tonaidh Kearney, tha sinn deimhinne gun còrd e ris an teaghlach air fad aig an àm sònraichte seo den bhliadhna”.
Tha Bill Paterson fhèin ag ràdh: “Gu fortanach aig a’ mhionaid mu dheireadh fhuair mi a-mach gur ann à àite faisg air Àird Rosain a bha An Gruffalo agus gu robh Gàidhlig annasach aige! Mar sin, tha mi ann an cuideachd mhath!”
Chithear An Gruffalo air BBC ALBA air Dihaoine 24 Dùbhlachd aig 6f, le ath-chraoladh air Là na Nollaig aig 5f agus Diluain 27mh aig 4.15f.