Naidheachdan > 2010

26 Faoilleach 2010

INBETWEENER AIG DUAISEAN FILMG

GEARR-LIOST DUAISEAN FILMG AIR FHOILLSEACHADH

Tha MG ALBA air fhoillseachadh an diugh (26 Faoilleach) gu bheil an cleasaiche Joe Thomas gu bhith an làthair aig Duaisean FilmG a bhios a tachairt ann an Inbhir Nis air 5mh Gearran.

Tha geàrr-liosta Duaisean FilmG a-nis air fhoillseachadh agus ri fhaicinn air www.filmg.co.uk.

Tha bhòt air-loidhne air a bhith a’ dol leis a film a bhuannaicheas faighinn Duais ‘People’s Choice’.

Tha FilmG, farpais filmichean goirid air-loidhne aig MG ALBA, airson an dàrna bliadhna air filmichean aig àrd-ire fhaighinn bho air feadh Alba agus thall-thairis le na Stàitean Aonaichte agus Canada nam measg. Le measgachadh de cuspairean agus tòrr cleasaichean tàlantach a nochdadh bha obair cruaidh aig na britheamhan.

Joe Thomas

Tha Joe Thomas a’ cluich Simon Cooper anns a’ phrògram ‘The Inbetweeners’ a chaidh ainmeachadh airson Duais BAFTA roimhe. Tha Joe gu bhith a’ toirt seachad an duais airson Comadaidh As Fheàrr far a bheil na filmichean a leanas air geàrr-liosta:

  • An Leabhar Gheasan: a chaidh a sgrìobhadh, a’ riochdachadh agus a’ stiùireadh le Gavin Macleod Humphreys le Ruaraidh Greumach bho an t-Eilean Sgiathanaich a’ gabhail am prìomh pàirt. Tha an dithis ag ionnsachadh a’ Ghàidhlig aig Sabhal Mòr Ostaig.
  • An latha a fhuair Gàidhlig greim air an t-saoghal: film bho Liz Piper, a bha aig aon àm mar oileanach aig Sabhal Mòr Ostaig agus a tha ag ionnsachadh Gàidhlig agus dràma aig Oilthigh Glaschu.
  • Cnap-starra Cànain: film a rinn Eòghainn Mac a ‘Ghobhainn a tha fuireach ann an Dùn Deagh.
  • Sealgair: air a dhèanamh le Cailean Collier a Uibhist A Deas agus a tha a-nis stèidhichte ann an Glaschu. Bhuannaich Cailean farpais Comadaidh Òir aig BBC ALBA ann an 2008

‘S e ‘Gaisgeach’ cuspair na bliadhna agus tha duaisean ri fhaighinn airson Inbhich agus Òigridh ann an trì gnè: Dràma/Comadaidh, Aithriseachd agus Cur Seachad.

Thuirt Dòmhnall Caimbeul, Àrd Oifigeir MG ALBA: “Tha mi air leth toilichte le ìre na tàlantan agus na filmichean am bliadhna ann an Farpais FilmG. Bha an fharpais fosgailte don a h-uile duine bho aois 12 bliadhna airson filmichean goirid Gàidhlig a dhèanamh agus bha e fosgailte do luchd-fileanta agus luchd-ionnsachadh a chànain agus do dhaoine aig nach robh Gàidhlig. ‘ S e prìomhachas MG ALBA tàlant ùr a’ bhrosnachadh agus leasachadh agus tha na filmichean air a gheàrr-liosta am bliadhna air taghadh farsaing inntinneach air a dhèanamh air an cuspair ‘Gaisgeach’. Tha sinn a’ cur meala-naidheachd air a h-uile daoine a ghabh pàirt anns an fharpais.”

Thèid Duaisean FilmG 2009 a’ thoirt seachad ann an Eden Court air 5mh Gearran le Fiona NicChoinnich bho BBC ALBA agus Calum ‘Caxy’ MacAmhlaigh a’ lìbhreagadh an oidhche. A bharrachd air na duaisean cluinnear ceòl bhon chòmhlan Niteworks, a’ bhuannaich farpais Rapal air BBC ALBA.