Naidheachdan > 2010

7 Sultain 2010

LUCHD-CIÙIL ÒGA AIR BBC ALBA

Tòisichidh an t-sreath ùr iTRAD air BBC ALBA air Diluain 13 Sultain, le ceathrad neach-ciùil traidiseanta òga a’ gabhail pàirt.

iTRAD musicians

Tha an t-sreath air a riochdachadh le mactv, agus gheibhear sealladh is tuigse air ochd còmhlain ùra ‘s iad ag ullachadh agus a’ cluich an cuid chiùil.

Tha Fèisean nan Gàidheal agus Sgoil Chiùil na Gaidhealtachd anns a’ Phloc ainmeil airson òigridh a bhrosnachadh agus a-measg na bhios a’ nochdadh anns na prògraman bidh na còmhlain Fhèis Rois agus Oidhche Chiadain à Steòrnabhagh, Ceilear, agus tri còmhlain bho Sgoil Chiùil a’ Phluic.

Chaidh clàradh ann an Colaisde Bheinn na Faoghla, le oileanaich fo stiùir neach-teagaisg Anna Wendy Stevenson. Cluinnear cuideachd bho Fuaim Ghlaschu, còmhlan a choinnich ‘s iad ann an ionad Ghaidhlig Sgoil Innis an Uillt ann an Ghlaschu agus bho luchd-ciùil Cuairt Cèilidh a’ Chanàil Chaileannaich aig a bheil sgil ciùil air leth is iad a’ cuir dreach Gàidhlig air .an t-òran ainmeil aig Leonard Cohen, “Alleluia”.
Chaidh iTRAD a’ stiùireadh le Don Coutts, agus chithear e air BBC ALBA, a’ tòiseachadh Diluain, 13 Sultain, aig 8.30f. Bi e cuideachd ri fhaicinn air iPlayer a BhBC aig: www.bbc.co.uk/iplayer.