AIR AIS
TASGLANN NAIDHEACHDAN
2010
BBC ALBA air Freeview
Bill Paterson agus an Gruffalo
Bhòt air 'Bliadhna nan Òran'
Nollaig Chridheil bho BBC ALBA
David Hayman - Trial & Retribution
Taisbeanadh de film ùr ‘An Seòladh’
Clàr-phrògraman an Fhoghair
Mòd Nàiseanta Rìoghail 2010
FilmG 3 fosgailte airson filmichean
iTRAD
Peppa DVD
Blas 2010
Sreath ùr BREAB
Am Prìomh Mhinistear a' foillseachadh taic-airgid do FilmG
Campaichean na h-Eaglais Saoire
Aithisg Ofcom
Piping Live! air BBC ALBA
Air Turas le BBC ALBA
Taic bho Comhairle Luchd-amhairc a' BhBC
Camanachd beò air BBC ALBA
Tàlant ùr air BBC ALBA
Magners League Rugby air BBC ALBA
Làrach-lìn ùr - Bliadhna nan Òran
MG ALBA Scots Trad Music Awards 2010
Làmh an Uachdar aig FilmG
Cupa Dùbhlan ALBA 2010
Shetland Folk Festival
Tormod: A Life
Fèis nam Meadhanan Cheilteach
Cùmhnant Craolaidh Ùr airson an SPL
Sgrùdaidh air BBC ALBA
Fèis Cheòl Dùthchail Ghallaibh
Làrach-lìn ùr Gàidhlig
Fèis Film Ghlaschu
Duaisean FilmG
Fergie Beag Glas
Joe Thomas aig duaisean FilmG
Geàrr-liosta Duaisean Fèis nam Meadhanan Cheilteach
2009
2008
9 Òg Mhios 2010
CÒARAICHEAN MAGNERS LEAGUE GU BHITH AIG BBC ALBA A-MHÀIN
Tha BBC ALBA air cùmhnant aontachadh le Lìog Rugbaidh Magners airson rugbaidh beò a shealltainn thairis air na ceithir bliadhna a leanas.
Thèid na geamannan aig Glasgow Warriors agus Dùn Èideann a chraoladh air BBC ALBA, le ochd gem gach sèasan rim faicinn. Tha BBC ALBA ann an co-bhanntachd le craolaidairean ann an Èirinn agus anns a’ Chuimrigh airson cuid de na geamannan aig na sgiobaidhean air falbh bhon taigh a chraoladh cuideachd.
Thèid geamannan an dà sgioba aig an taigh a riochdachadh le mnetv, le aithris air a’ gheam anns a’ Ghàidhlig agus beachdan bho òir na pàirce anns a’ Bheurla. Mar is trice thèid na geamannan aig an taigh a chluich air Dihaoine ach tha seo ri dhearbhadh fhathast.
Thuirt Alan Esslemont, Ceannard Phrògraman BBC ALBA, “Tha mi air leth toilichte gu bheil BBC ALBA air an aonta seo a ruighinn airson craoladh Lìog Magners beò ann an Alba airson ceithir bliadhna. Tha mi cinnteach gum bi seo gu maith gach duine – luchd-leantainn rugbaidh, na sgiobaidhean agus airson BBC ALBA. An uiridh ràinig na sgiobaidhean Albannach ìre àrd anns an lìog agus a-nis tha na geamannan gu bhith againn anns an t-sèasan ùr.

O chionn goirid chaidh an iar-chuairt dheireannach eadar na Warriors agus na h-Ospreys a chraoladh air BBC ALBA agus ged nach do bhuannaich iad, chòrd an geam gu mòr le luchd-amharc BBC ALBA.
“Tha sinn cinnteach gum bi luchd-amharc ùr a’ tighinn gu BBC ALBA airson na geamannan rugbaidh fhaicinn agus tha sinn an dòchas gun chòrdadh na bhios iad a’ faicinn le BBC ALBA leotha, a’ leantainn air ar n-amas taic a thoirt do spòrs ann an Alba.”
A’ bruidhinn as leth Glasgow Warriors thuirt Àrd Oifigear Kenny Baillie,
“Tha sinn a’ dèanamh gàirdeachas air an naidheachd seo gu bheil BBC ALBA gu bhith a’ toirt taic do na sgiobaidhean rugbaidh proifeasanta ann an Alba ann an Lìog Rugbaidh Magners.”
Thuirt Rob Moffat as leth sgioba Dhùn Èideann, “Se naidheachd fìor mhath a tha seo leis gu bheil Lìog Magners a’ fàs gach bliadhna agus gu bheil e a-nis gu bhith air BBC ALBA.”
“Tha sinn a’ cur fàilte air an naidheachd seo bho BBC ALBA an-diugh. Rinn an dà sgioba math dha-rìreabh an-uiridh agus ’s e naidheachd mhath dhaibhsan agus do luchd-leantainn rugbaidh ann an Alba gu bheil na geamannan gu bhith air a chraoladh beò. Tha sinn a’ coimhead air adhart a bhith ag obair gu dlùth le BBC ALBA anns na bliadhnaichean a tha romhainn.”