AIR AIS
TASGLANN NAIDHEACHDAN
2010
BBC ALBA air Freeview
Bill Paterson agus an Gruffalo
Bhòt air 'Bliadhna nan Òran'
Nollaig Chridheil bho BBC ALBA
David Hayman - Trial & Retribution
Taisbeanadh de film ùr ‘An Seòladh’
Clàr-phrògraman an Fhoghair
Mòd Nàiseanta Rìoghail 2010
FilmG 3 fosgailte airson filmichean
iTRAD
Peppa DVD
Blas 2010
Sreath ùr BREAB
Am Prìomh Mhinistear a' foillseachadh taic-airgid do FilmG
Campaichean na h-Eaglais Saoire
Aithisg Ofcom
Piping Live! air BBC ALBA
Air Turas le BBC ALBA
Taic bho Comhairle Luchd-amhairc a' BhBC
Camanachd beò air BBC ALBA
Tàlant ùr air BBC ALBA
Magners League Rugby air BBC ALBA
Làrach-lìn ùr - Bliadhna nan Òran
MG ALBA Scots Trad Music Awards 2010
Làmh an Uachdar aig FilmG
Cupa Dùbhlan ALBA 2010
Shetland Folk Festival
Tormod: A Life
Fèis nam Meadhanan Cheilteach
Cùmhnant Craolaidh Ùr airson an SPL
Sgrùdaidh air BBC ALBA
Fèis Cheòl Dùthchail Ghallaibh
Làrach-lìn ùr Gàidhlig
Fèis Film Ghlaschu
Duaisean FilmG
Fergie Beag Glas
Joe Thomas aig duaisean FilmG
Geàrr-liosta Duaisean Fèis nam Meadhanan Cheilteach
2009
2008
4 Dàmhair 2010
MÒD NÀISEANTA RÌOGHAIL BEÒ À GALLAIBH AIR BBC ALBA
Tha an t-àm sin den bhliadhna againn a-rithist far a bheil luchd-ionnsachaidh, fileantaich, clann agus inbhich a’ dèanamh air Gallaibh, far a bheil Mòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna seo dha chumail airson a’ chiad uair.
Tha BBC ALBA toilichte dha rìreabh a bhi a’ toirt prògraman beò chun an luchd-amhairc gach latha bho Dhiluain 11 gu Dihaoine 15 Dàmhair.

Gheibh clann cothrom an cuid bhàrdachd, seinn agus ciùil a thaisbeanadh Diluain agus Dimàirt, agus chithear a’ chuid as fhèarr bho na co-fharpaisean sin ann an Cuirm na Cloinne oidhche Luain agus oidhche Mhàirt, nam measg, bi iadsan a bhuannaich a’ cho-fharpais chliùiteach, Bonn Airgid a’ Chomuinn.
Tha Diardaoin ainmeil airson farpaisean nam Bonn Òir agus bidh sùil gheur dha cumail orrasan a ghlèidheas nan duaisean sin. Se Dihaoine latha mòr nan còisirean le strì agus farpais chruaidh airson, a-measg eile, Sgiath MhicShimidh agus Thulaich Bhàrdainn.
Air Rèidio nan Gaidheal madainn Dihaoine tha cèilidh na bliadhna a’ gabhail àite le A’ Mire ri Mòir a bhios a’ tighinn beò bho Lègion Rìoghail Bhreatainn a’ tòiseachadh aig 10.00m. Mu nach fhaigh sibh ann, feuch gum bi sibh ag èisteachd!
Leis na tha seo, Iomall a’ Mhòid, Aileag agus Dè a-nis? ’se seachdain gu math trang agus tlachdmhor a bhios ann, agus si Màiri Anna NicUalraig a bhios gar treòrachadh tro chùisean gach feasgair air BBC ALBA aig 8.30f ach a-mhàin oidhche Chiadain nuair a bhios i beagan nas ainmiche aig 9.00f. Bi program nas giorra gach oidhche air BBC Dha a’ tòiseachadh aig 11.20f le ath-chraoladh an ath latha aig 2.15f a rithist air BBC Dha.
A’ cur fàilte air na prògraman, thuirt Ceannard Seirbheis BBC ALBA, Mairead Màiri Mhoireach, “Gach bliadhna tha am Mòd a’ sìor fhàs le co-fharpaisich agus luchd-tadhail a-nis a’ tighinn bho air feadh an t-shaoghail à Èirinn, Ameireagaidh, Canada agus Astràilia. Tha sinn air leth toilichte gu bheil BBC ALBA agus Radio nan Gaidheal a’ toirt do ar luchd-amhairc, tro telebhisean agus rèidio, an cothrom a bhith mar phàirt den fhèis ainmeil seo agus gu h-àraidh gu bheil e comasach dhuinn barrachd a thoirt thuca na bh’ againn roimhe seo. Ge bith càite am bi sibh gheibh sibh deagh chothrom cumail suas ri tachartasan Mod 2010.”
Thuirt Àrd Oifigear a’ Chomuinn, Iain Moireasdan, “Tha sinn toilichte gu bheil BBC ALBA a’ cur ris na tha iad a’ craoladh air a’ bhliadhna seo. A-bharrachd air a bhith a’ taisbeanadh nam pìosan as fheàrr bhon Mhòid, gheibhear an cothrom seallaidhean àlainn Ghallaibh fhaicinn”.