AIR AIS
TASGLANN NAIDHEACHDAN
2010
BBC ALBA air Freeview
Bill Paterson agus an Gruffalo
Bhòt air 'Bliadhna nan Òran'
Nollaig Chridheil bho BBC ALBA
David Hayman - Trial & Retribution
Taisbeanadh de film ùr ‘An Seòladh’
Clàr-phrògraman an Fhoghair
Mòd Nàiseanta Rìoghail 2010
FilmG 3 fosgailte airson filmichean
iTRAD
Peppa DVD
Blas 2010
Sreath ùr BREAB
Am Prìomh Mhinistear a' foillseachadh taic-airgid do FilmG
Campaichean na h-Eaglais Saoire
Aithisg Ofcom
Piping Live! air BBC ALBA
Air Turas le BBC ALBA
Taic bho Comhairle Luchd-amhairc a' BhBC
Camanachd beò air BBC ALBA
Tàlant ùr air BBC ALBA
Magners League Rugby air BBC ALBA
Làrach-lìn ùr - Bliadhna nan Òran
MG ALBA Scots Trad Music Awards 2010
Làmh an Uachdar aig FilmG
Cupa Dùbhlan ALBA 2010
Shetland Folk Festival
Tormod: A Life
Fèis nam Meadhanan Cheilteach
Cùmhnant Craolaidh Ùr airson an SPL
Sgrùdaidh air BBC ALBA
Fèis Cheòl Dùthchail Ghallaibh
Làrach-lìn ùr Gàidhlig
Fèis Film Ghlaschu
Duaisean FilmG
Fergie Beag Glas
Joe Thomas aig duaisean FilmG
Geàrr-liosta Duaisean Fèis nam Meadhanan Cheilteach
2009
2008
15 Òg Mhios
TÀLANT ÙR AIR BBC ALBA
Tha neach-lìbhrigidh ùr gu bhith air BBC ALBA thairis air mìosan an t-samhraidh le Kerry NicLeòid a Leòdhais a’ tòiseachadh air 10mh Iuchar.

Kerry Anne NicLeòid, an neach-lìbhrigidh ùr a bhios aig BBC ALBA thairis air mìosan an t-samhraidh
Chaidh Kerry Anne (18) oideachadh anns an Àrd Sgoil MhicNeacail agus tha i gu bhith a’ dol don oilthigh ann an Dùn Èideann anns an t-Sultain. Tha i an dòchas obair fhaighinn anns na meadhanan ann an ùine fada agus tha i den bheachd gun ionnsachaidh i tòrr mu dheidhinn a’ ghnìomhachas le bhith ag obair còmhla ri Fiona NicChoinnich agus sgioba BBC ALBA.

Kerry Anne NicLeòid agus Fiona NicChoinnich, neach-lìbhrigidh BBC ALBA
Thuirt Kerry “Tha mi uabhasach toilichte an cothrom seo fhaighinn agus tha mi a’ coimhead air adhart gu mòr ris. Tha ùidh mhòr agam ann a bhith ag obair anns na meadhanan agus tha mi cinnteach gu bheil mi gu bhith ag ionnsachadh tòrr le bhith ag obair ri taobh Fiona agus sgioba BBC ALBA air fad”
Tha Kerry fileanta anns a’ Ghàidhlig agus bha i anns an sgioba Sgoil MhicNeacail a ‘bhuannaich Deasbad Nàiseanta BT Sgoiltean Gàidhlig ann an 2008 far an do bhuannaich duais sònraichte MG ALBA mar “Òraidiche as Èibhinn” Tha Kerry cuideachd air pàirt a’ ghabhail leis an sgoil ann FilmG, farpais Filmichean Goirid Gàidhlig far an robh i air ainmeachadh air gear-liosta airson “Cluich as Fhèarr” ann an 2009.
A cur fàilte air Kerry thuirt Alan Esslemont, Ceann Phrògraman BBC ALBA “Bha tòrr daoine as dèidh an obair seo le tàlantan aig àrd ìre agus tha sinn mar comharrachadh math airson BBC ALBA anns na bliadhnaichean a tha romhainn. Tha sinn air leth toilichte gu bheil Kerry gu bhith còmhla rinn agus tha mi cinnteach gu bheil e gu bhith mar buannachadh mòr dhith a bhith còmhla ri Fiona agus an sgioba”
As dèidh trèanadh bith Kerry a’ nochdadh air BBC ALBA airson a chiad uair air Disathairne 10mh Iuchar. Am measg na prìomh program air an sheachdain sinn bith Cuide ri Cathy le Nicola Benedetti mar aoigheachd; Trusadh- a bhios a’ coimhead air gnìomhachas saor-thoileach ann an Alba agus Bainnsean far am bith dithis ann an Southampton agus iad an dùil pòsadh ann an Uidhist a Deas bhon phrosbaig.