Naidheachdan > 2010

23 Samhain 2010

NOLLAIG CHRIDHEIL BHO BBC ALBA

A’ craoladh airson an tritheamh sèasan Nollaig, carson nach tig sibh còmhla ri BBC ALBA airson prògraman tarraingeach le blas frogail, cridheil!

Aig àm den bhliadhna far a bheileas uile a’ tighinn cruinn còmhla, tha cuireadh romhaibh gu Eaglais na h-Alba ann am Port Rìgh airson seirbheis ioma-creideimh an oidhche ron Nollaig aig 11f, le seinn agus ceòl bho am measg eile Art MacCarmaig, Blair Douglas, Raoinead Walker agus Hannah Pheutan. Thig oileanaich bho Sgoil Chiùil Traidiseanta a’ Phluic, Bun Sgoil an Ath Leathainn agus Còisir Ghàidhlig an t-Srath còmhla son na cuirm. Thig an t-seirbheis gu crìoch leis a’ phìobaire Aonghas MacNeacail a’ cur fàilte air Latha na Nollaig.

Fiona MacKenzie face of BBC ALBA with Mànran who will be performing Live on the night

Dè as fheàrr na ceòl traidiseanta airson fàilte a chur air a’ Bhliadhna Ùir? Bidh gu leòr seinn, ploidh agus fealla-dha le prògram Oidhche Challainn a’ tighinn beò à taigh-òsta Pollachar ann an Uibhist a Deas, a’ tòiseachadh aig 11.30f. Ceòl bhon chòmhlan Manran, a tha a’ dèanamh ainm dhaibh fhèin mar fhear de na còmhlain as fheàrr ann an saoghal ciùil na h-Alba. A’ craoladh aig an aon àm air BBC Radio nan Gaidheal, bheir seo Bliadhna nan Òran gu crìoch.

Thuirt Alan Esslemont, Ceannard Phrògraman BBC ALBA: “Leis na th’againn dhuibh de phrògraman le blas Albannach agus traidiseanta tron Nollaig agus na Bliadhna Ùire, thathas an dòchas gum bi prògraman ann a chòrdas ri òg agus sean, fileantaich agus luchd-ionnsachaidh.

Ri thighinn air BBC ALBA tron Nollaig:

Ceòl

  • Piping Live! - Cuid de na còmhlain as cliùitiche ann an saoghal na pìobaireachd le barail eòlaichean, an Dotair Aonghas Dòmhnallach agus Raibeart Wallace (Latha na Nollaig, Disathairne 25 Dùbhlachd, 8f).
  • Horo Gheallaidh – Na prìomh luchd-ciùil traidiseanta agus seinneadairean Gàidhlig bho Fhèis Celtic Connections aig na sèasain cèilidh (Latha na Nollaig, Disathairne 25 Dùbhlachd, 10f).
  • Alleluia! – prògram sònraichte son na Nollaig le Còisir Ghàidhlig Bhaile Ghobhainn agus Ceòlraidh Ghàidhlig Ghlaschu (Latha as dèidh na Nollaig, Didòmhnaich 26 Dùbhlachd, 7.30f) agus prògram sònraichte son na Bliadhna Ùire le Norrie MacÌomhair agus Sìneag Nic an t-Saoir (Didòmhnaich 2 Faoilleach, 7.30f)

Fìor-aithris

  • Kenneth McKellar - fear de phrìomh sheinneadairean na h-Alba a choisinn cliù eadar-nàiseanta le a’ ghuth seinn thairis air còrr is 50 bliadhna. Gheibh sinn sealladh air an duine agus an t-seinneadair bho Anna Latharna NicIllIosa anns a’ phrògram shònraichte seo mu Kenneth McKellar a bhàsaich nas tràithe am bliadhna. (Diardaoin 30 Dùbhlachd, 9f)
  • Donny B - an craoladair agus sgrìobhaiche ainmeil, Donny B MacLeòid air a bheil cuimhne aig mòran mar neach lìbhrigidh a’ phrògraim TBh Pebble Mill at One. Ach bha beatha làn agus ioma-fhillte aig an duine mhòr, blàth, fialaidh seo eadar ealain is poileataics, sgrìobhadh is aithris shuath e ri iomadh rubha na bheatha ghoirid. (Oidhche Challainn, Dihaoine 31 Dùbhlachd, 9f)
  • A Boy in Harris - An t-Urramach Donaidh MacSuain a’ coimhead air ais air làithean òige ann an Scarasta, Na Hearadh. Ciamar a tha cùisean air atharrachadh bhon a chaidh am prògram ‘A Boy in Harris’ a chraoladh anns na 60s? (Diluain 3 Faoilleach, 9f)

Spòrs

  • Leirmheas Spòrs na Bliadhna – sgioba spòrs BBC ALBA a’ toirt sùil air ais air na thachair tron bhliadhna. A-measg eile, sùil air Geamaichean a’ Cho‐fhlaitheis ann an Delhi (Oidhche ron Nollaig, Dihaoine 24 Dùbhlachd, 10f)
  • Rugbaidh bho Lìog Magners – geamannan beò le Glaschu agus Dùn Èideann a’ strì airson Cupa 1872 (Diluain 27 Dùbhlachd, 5.35f agus Didòmhnaich 2 Faoilleach, 5.35f)
  • SPL – gu leòr geamannan, mar gum biodh beò, tro na Nollaig (Hibs v Aberdeen, Latha as dèidh na Nollaig, Didòmhnaich 26 Dùbhlachd, 5.30f / St. Mirren v Hearts, Diciadain 29 Dùbhlachd, 10f / Hamilton v Motherwell, Latha na Bliadhna Ùire, Disathairne 1 Faoilleach, 5.30f )

Prògraman cloinne

  • Dè a-nis? - gu leòr spòrs agus fealla-dha na Nollaig airson luchd-amhairc òg bho sgioba Dè a-nis? (Diciadain 15 Dùbhlachd, 6f)
  • An Gruffalo - sgeulachd ainmeil a-nis sa Ghàidhlig. Stèidhichte air leabhar Julia Donaldson airson clann agus inbhich de gach aois leis a’ ghuth sònraichte aig Bill Paterson (Oidhche ron Nollaig, Dihaoine 24 Dùbhlachd, 6f)

Airson liosta slàn de na prògraman rim faotainn air BBC ALBA thairis air na Nollaig agus aig àm na Bliadhna Ùire, faic www.bbcalba.co.uk neo www.mgalba.com.