Naidheachdan > 2010

11 Lùnastal 2010

FÈIS PIPING LIVE! GU BHITH AIR BBC ALBA

Le Fèis Piping Live! a’ dol air adhart ann an Glaschu an-dràsta, tha BBC ALBA air fhoillseachadh gum bi prògraman bhon fhèis rim faicinn air an t-sianal.

Bidh BBC ALBA a’ craoladh ceithir prògraman bhon fhèis le còmhlain is cluicheadairean mar Breabach agus Fred Moireasdan a’ nochdadh. Tha BBC ALBA cuideachd gu bhith a’ clàradh prògram uair a thìde bho Fharpais Còmhlain Pìobaireachd na Cruinne – na Worlds - a chìthear air BBC ALBA nas fhaide air adhart anns a’ bhliadhna.

‘Se Julie Fowlis a bhios a’ lìbhrigidh nam prògraman agus thèid a’ chiad phrògram a chraoladh air Disathairne 28 Lùnastal aig 9f.

‘Se Bees Nees Media a bhios a’ riochdachadh nam prògraman airson BBC ALBA.

Am bliadhna, tha tachartasan Gàidhlig gu bhith mar phàirt den fhèis oifigeil. Thèid sreath fhilmichean, bùthan-obrach agus cothroman blas fhaighinn air a’ Ghàidhlig air adhart ann an Ionad CCA air Sràid Sauchiehall an Glaschu. Tha na tachartasan a’ dol air adhart le taic bho MG ALBA, Bees Nees, macTV, BBC Gàidhlig agus Bòrd na Gàidhlig.

Tha Piping Live mar aon de na prìomh fhèisean ann an Alba agus e a’ tarraing luchd-turais, còmhlain pìobaireachd agus luchd-ciùil bho air feadh an t-saoghail.

Airson tuilleadh fiosrachaidh faic www.pipinglive.co.uk no cur fios gu 0141 353 0220.