Naidheachdan > 2010

23 Giblean 2010

BBC ALBA AGUS RÈIDIO NAN GÀIDHEAL A’ BUANNACHADH PRÌOMH DUAISEAN AIG FÈIS NAM MEADHANAN CHEILTEACH

Chaidh ainmeachadh a-nochd (Dihaoine 23 Giblean) aig Fèis nam Meadhanan Cheilteach anns An Tiùr, Èirinn a Tuath, gun do bhuannaich BBC ALBA agus BBC Rèidio nan Gàidheal prìomh duaisean an Fhèis.

Tormod

 

Bhuannaich Tormod: A Life, prògram aithriseach mu dheidhinn Tormod Mac IllEathain agus a chaidh a’ riochdachadh le Robbie Fraser (Pure Magic Films) agus Karen Smyth (La Belle Allèe Productions) Duais an Diùraidh Eadar-Nàiseanta. Fhuair am prògram moladh mar “Dealbh air leth aig àrd-ìre agus a tha gu fìor Ceilteach a cur siùil air duilicheadasan agus trioblaidean pearsanta le neart agus gu onarach”

Chaidh Rèidio nan Gàidheal, a tha comharrachadh còig bliadhna fichead am bliadhna sa bho thòisich iad a’ craoladh, ainmeachadh mar Stèisean Rèidio nam Bliadhna 2010. ‘Se farpais làidir a bh’ann le Rèidio nan Gàidheal a’ buannachadh air BBC Radio Cymru, BBC Radio Alba, Raidió Fàilte agus RTE Raidió na Gaeltachta

Thuirt Marion NicFhionghain, Stiùiriche Deasachaidh BBC Gàidhlig, “Chòrd e rinn gu mòr a bhith mar pàirt den Fhèis am bliadhna agus tha sinn air leth toilichte a bhith air ainmeachadh mar Stèisean Rèidio am Bliadhna. Tha an duais seo aig aithneachadh an obair cruaidh a tha na sgiobaidhean againn a dèanamh agus cuideachd an taic tha sinn a’ faighinn bhon luchd-èisdeachd a tha dìleas dhuinn. ‘Se brosnachadh mòr a th’ann an aithne seo fhaighinn aig fèis eadar-nàiseanta na meadhanan mar seo nuair a tha sinn a’ comharrachadh còig bliadhna fichead agus sinn a’ toirt na prògraman Gàidhlig as fhèarr don luchd-èisdeachd againn”

Chur Alan Esslemont, Ceann Phrògraman BBC ALBA fàilte air na duaisean ag ràdh “Tha sinn a’ cur meala-naidheachd air sgioba Rèidio nan Gàidheal agus tha sinn air leth toilichte cuideachd gun do bhuannaich Tormod: a Life a chiad duais aithriseach do BhBC ALBA.

Bhuail sgeulachd mu dheidhinn beatha Tormod, a chaidh a chraoladh air là a bha comharrachadh bliadhna de BBC ALBA, air luchd-amharc ann an Alba. Tha sinn moiteil gun d’ fhuair an obair seo aithne aig an Fhèis agus tha sinn a cur meala-naidheachd air Pure Magic Films airson an duais seo fhaighinn”